log asteach
logo

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Na h-Òrain

Bithibh Aotrom `s Togaibh Fonn

Facal-toisich

Rinneadh an t-òran seo leis a’ bhàrd MacIlleain as deaghaidh dha fearann a thogail air tìr mór ann an Albainn Nuaidh faisg air Antagonais. 'S ann an Tiriodh a rugadh 's thogadh am bàrd. 'S an òran tha e moladh an t-saoghail Ghaidhealaich 's na daoine air gach taobh dhe 'n Chuan Siar.

Neach-aithris: Lodaidh MacFhionghain

This song was composed by the Bard MacLean, after he settled in Nova Scotia, not far from Antigonish. He was born and raised in Tiree. The song is a celebration of the Gaelic world as it existed then, on both sides of the Atlantic.

Bithibh Aotrom 's Togaibh Fonn

Séisd:
Bithibh aotrom `s togaibh fonn,
Cridheil, sùnndach gun bhi trom,
`G òl deoch-slàinte na bheil thall,
Ann an Tìr nam Beann `s nan Gleannaibh

Fhuair mi sgeul a tha leam binn,
Dh' ùraich gleus air teud mo chinn,
`S bidh mi nis a' dol `g a sheinn,
Ged tha mi `s a choill am falach.

Gur h-e `n sgeul a fhuair mi `n dràsd,
`S a dhùisg m' inntinn suas gu dàn,
Bha `gam iarraidh dh' ionnsaidh bhàil,
Th' aig na Gàidheil tùs an Earraich.

Nuair a théid an comunn cruinn,
Bidh iad sìobhalta le loinn,
Cliùiteach, ciallach, fialaidh grinn,
`S bheir iad coibhneas do fhear aineoil.

Nuair a shuidheas iad mu `n bhòrd,
Bheir iad tacan air an òl,
`S fidheall theud bho `n gleusar ceòl,
Cur nan òganach `nan deannaibh.

Cha bhi sgrùbaireachd mu `n chlàr,
Ann an cuideachdas mo ghràidh,
Aig a bheil an inntinn àrd,
`S nach gabh tàmailt bho na Gallaibh.

Nuair a théid an fhidh'll `na tàmh,
Bheir iad treis air cainnt nam bàrd,
Dhùisgeas fonn neo-throm `nan càil,
Anns a' Ghàidhlig is glan gearradh.

Chànain ghasda, bhlasda, bhinn!
`S i bha `n cleachdadh aig na suinn,
Dhearbh an gaisge `m feachd an rìgh:
`S iomadh tìr `s an d'thug iad deannal.

Luchd nam breacan bha `s gach àm,
Fuasgailteach an strì nan lann:
Nuair a ghluaiseadh iad bho `n chàmp,
Chuirte `n ruaig, `s bu teann an leantail.

`S ann ac' féin tha `n t-éideadh grinn!
Breacan guaille, féile cuim,
Osan geàrr mu `n chalpa chruinn,
`S boineid ghorm os ceann na mala.

Stàilinn ghlas, mar ealtainn giar,
Chleachdadh anns na baiteil riamh,
Leis na gaisgich nach tais fiamh,
`S nach biodh riamalach a' tarruing.

Bha iad firinneach gun fhoill,
`N àm dol sìos is pìob `ga seinn:
Rùisgteadh brataichean ri croinn,
Aig na saighdearaibh nach mealladh.

`S bho `n a chinn sibh féin o `n dream,
Dh' àraicheadh fo sgéith nam beann,
Bhuannaich anns an Éiphit geall,
`S a chuir Frangaich as an t-sealladh.

Ged tha sibh an Tìr nan Craobh,
Cuimhnichibh air beus nan laoch!
Leòghainn bhorb bu ghairge fraoch;
`S iad nach aomadh as a' charraid.

Ged tha sibh an Albainn Ùir
Caithibh an oidhche le sùnnd:
`S an deoch-slàinte thig air tùs,
Olaidh sinn gu grùnnd, gach fear i.

Olaibh air na Gàidheil threun,
Rachadh acfhuinneach air ghleus,
`S a tha fuasgailteach gu feum;
Sealgairean air féidh `s na beannaibh.

Soraidh bhuam do `n t-sluagh a nùll
Tha `s an tìr `s an robh mi `n tùs -
`S tric a dh' fheuch iad bàt' fo shiùil,
`S iad `ga stiùireadh dh' ionnsaigh cala.

Bho nach ruig sinn orra `n dràsd,
Lìon a' chuach a suas fo stràic,
`S cuir mu `n cuairt i nuas gun dàil,
Ann an onair àrd nam fearaibh.

Tar-sgrìobhadh:  Clarsach na Coille

The song is a celebration of the Gaelic world on both sides of the Atlantic, at the time of its making.

Peadar mac Bean Jack Pheadair

`S ann a mhuinntir Chùl Eilean na Nollaig a tha an deagh sheinneadair Peadar mac Bean Jack Pheadair. Bha a chuideachd à Barraigh. Chaidh Peadar a thogail ann an taigh far an tigeadh luchd-céilidh air an oidhche, gu h-àraid aig àm a’ gheamhraidh, gus òrain a ghabhail. Dh’ ionnsaich Peadar deagh roinn do dh’ òrain aig a mhàthair agus ann an cuideachd sheinneadairean às iomadach ceàrn do dh’ Eilean Cheap Breatainn agus shìos rathad Bhostoin, far an do chuir e seachad bliadhnaichean móra ag obair ann mar shaor.

Neach-aithris: Lodaidh MacFhionghain

Peter MacLean is an outstanding singer and Gaelic language advocate from Rear Christmas Island. His antecedents were of Barra origin. He was reared in a céilidh house where gatherings for singing and discussing Gaelic songs were common occasions, particularly in winter. He learned many songs from his mother, Bean Jack Pheadair, and others during his many years working as a carpenter in the Boston area among other Cape Breton Gaels.