log asteach
logo

Siorramachd Inbhir Nis

Nòs a’ bhìdh

Aran-coirce

Facal-toisich

Tha `n t-aran-coirce air a bhith `na lòn bunaiteach aig na Gàidheil bho shean.  Co dhiubh gu robhas e `ga chleachdadh garbh na mìn, bha a dòigh fhéin aig gach boireannach a bh’ann air a dheasachadh.  Faodaidh tu a bhith cinnteach às gu bheil e `na bhiadh gasda, grinn an cois deagh chùpa de thì.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Oatcakes have been a traditional a staple in the Gaels’ diet.  Thick or thin, salty or sweet, fine, thick or stoneground oats, each woman had her own style and preference of preparation. In any case, you can be sure that with a cup of hot tea, they were the perfect treat.

Les galettes d’avoine font depuis longtemps partie du régime alimentaire des Gaëls. Qu’elles soient fines ou épaisses, salées ou sucrée, faites à base d’avoine fine, épaisse ou moulue, chaque femme a son propre style et ses propres préférences pour la préparation de cet aliment. Quoi qu’il en soit, vous pouvez être certain qu’elles sont un vrai régal avec une bonne tasse de thé bien chaud.

See video

Eamag: Airson arain-choirce dé tha dhith oirbh?

Màiri: Tha cupa do dh’ ìm gréis, cupa do shiùcar, dà ugh agus aon spàin do vanilla. Tha thu `mixeadh sin còmhla. Agus dar a tha e uile gu léir air a mhixeadh, tha thu `cur dà chupa do flùr, dà chupa do mhìn choirce, spàin do sòda agus leth spàin do shalann. Tha thu an uair sin a’ mixeadh sin còmhla ris rud a th’ agad air a mhixeadh cheana.

E: A’ bheil sin ann an sifter?

M: Chan eil. Chan eil. Faodaidh tu flùr a shifteadh ach tha mìn-coirce duilich a shifteadh.

E: O seadh. Shin a rud.

M: Faodaidh tu flùr a shifteadh ma tha toil agad. Ach uairean bidh mise `ga shifteadh air pìos do wax pàipear – a’ flùr – ach gheobh thu flùr an diugh, chan eil sian do chnapan no sian ann. Tha e air a chur ro’ muillean `s tha e foine gu leòr. Ach dh’ fhaoite nam biodh e treis do dh’ ùine ann a’ stór gum biodh e cruaidh, no nam biodh e ann an àite nach robh tioram . . . bhiodh e `cruadhachadh an uair sinn dh’ fhaodadh tu a chur ro `n sifter.

Agus dar a gheobh thu seo air a chur còmhla -- a’ flùr `s mìn-coirce, is a’ sòda is a’ salann. Mixeadh tu còmhla ris a’ rud a th’ agad gu h-àrd agus tha thu an uair sinn, faodaidh tu obrachadh leis a’ mhixer an uair sin obraich `ad le do làmhan `s cur flùr air a’ bhòrd agus their leat leth dheth agus rolladh tu amach as an uair sin geàrraidh tu. Mar as tana a shìneas tu `mach e, mar as tana a bhitheas e `s e a `s fheàrr– tha e `dol a dh’ éiridh beagan co dhiubh, tha an t-aran-coirce a’ dol a dh’ éiridh beagan, ach ma bhios e bidh e car tiugh. Chan eil diofar ann no uairean dar a tha e tana tha e na `s fheàrr. Tuigsinn?

Tha thu `ga bruich `s an àmhainn gus a’ fàs e car donn -- 12 to 15 minutes 10 to 12 or 12 to 15 -- ma tha an teas `s an àmhainn ceart. Shiod agad a’ rud a bha mi `mineagadh -- tana. Agus bidh feadhainn dhiubh agad bidh mi `ga rolladh car tiugh. Shiod agad fear car tiugh. Coimhead, coimhead! Shiod agad fear car tiugh. Ach mar a `s taine a bhitheas e `s e a `s fheàrr. Mar a `s taine bhitheas `ad `s e a `s fheàr. Tha `ad `dol a dh’ éiridh beagan co dhiù.

Cuiridh mi ìm air. Bheil tì bhuat?

E: Siùr.

Tar-sgrìobhadh: Frangag NicEachainn
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt
 

Modh Bìdh

Aran-Coirce

1 chupa do bhlonaig
1 chupa do shiùcar geal
2 ugh
1 spàn bheag do dh'fhaoineig

2 chupa flùir
2 chupa do mhin-coirce
1 spàn bheag so/da-fuine

Measgaich an siùcar ‘s a’ bhlonag. Cuir riutha na h-uighean agus an fhaoineag. Criathraich na stuthan tioram ann am bobhla eile agus dòirt na stuthan bog ann. Measgaich ‘ad uile le chéilegu math. Rol a-mach an taois gu tana agus geàrr `na squaraichean i.

Bruich ann an àmhainn aig 350°, gus am bi e rud beag donn (10-12 mhionaid).

Mary MacKinnon describes preparation of traditional oatcakes.

Mary MacKinnon décrit la préparation des galettes d’avoine traditionnelles.

Màiri ni’n Ailig Bhig Alasdair Òig

Rugadh Màiri ni’n Ailig Bhig Alasdair Òig (NicDhòmhnaill) ann an MacDonald’s Glen `s a’ Bhràighe. `S e Dòmhnallaich do Chloinn Raghnaill, à Morar, a th' ann an stoc Màiri. Thog i fhéin agus an duine aice, Vincent MacFhionghain, sianar do theaghlach. `Na deagh bhean an taighe, tha i fìor thoilichte srùbag do thì a thoirt do luchd-céilidh, le mìlseagan a rinn i fhéin, fhads a tha i `còmhradh `s a’ chidsin.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Mary MacKinnon (née MacDonald) was born in MacDonald’s Glen. She married Vincent MacKinnon and raised a family of six. She enjoys having company and speaking Gaelic over a hot cup of tea and a table full of her own homemade sweets.

Mary MacKinnon (née MacDonald) est née à MacDonalds Glen. Elle a épousé Vincent MacKinnon et élevé une famille de six enfants. Elle aime beaucoup avoir de la compagnie et parler le gaélique autour d’une bonne tasse de thé bien chaud et d’une table pleine de ses friandises faites maison.