log asteach
logo

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Nòs a’ bhìdh

Bonnach Earraich

Facal-toisich

'S a' bhidio seo, tha Treusag Bhurg a' toirt dealbh air caochladh bhonnach a bhiodh 'gan ithe `san àm a bha i òg. Tha i a' toirt tarraing air ceithir seòrsachan dha `m b'aithne dhi `s àm ud: am bonnach dubh, am bonnach buidhe, bonnach earraich agus am bonnach breac. Bha diofar anns an deasachadh aig gach fear dhiubh. Mar a thuirt Treusag fhéin, "Chòrdadh gach fear riut le ìm, treacail, na an dà chuid!"

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

In this video, Theresa Burke describes different types of bonnach she had growing up in Rear Big Pond. She outlines the four types as: black bannock, yellow bannock, the bannock of spring and the speckled bannock. Each banockd had its own method of preparation, but as Theresa explains – each can be enjoyed with butter, or molasses, or both!

Dans cette vidéo, Theresa Burke décrit différents types de bonnach qu’elle consommait dans sa jeunesse à Rear Big Pond. Les quatre types sont les suivants : bannock noir, bannock jaune, bannock du printemps et bannock moucheté. Chaque bannock était préparé d’une manière différente, mais, comme l’explique Theresa, on pouvait tous les savourer avec du beurre, de la mélasse ou les deux!

See video

Modh bìdh

Bonnach Earraich

1 chupa flùir
3 spàinean beaga do dh’fhùdar-béicearachd
1 spàn bheag do sóda
Mu thuaiream ½ spàn bheag do mhin-bhuidhe
Beagan na `s lugha na 1/3 chupa ola-còcaireachd
Ugh
1 1/2 chupa do bhainne

Dean criathradh air na stuthan tiorama gu léir - ach a’ mhin-bhuidhe -anns an aon bhobhla. Cuir mun cuairt iad gu math. Criathraich a’ mhin-bhuidhe agus cur anns a’ bhobhla i leis a’ chòrr. Ann am bobhla fa leth, cuir an ola ann, le ugh an toiseach, agus am bainne `nan deaghaigh. Measgaich an stuth uile – tioram is fliuch - anns an aon bhobhla. Grìs am pana. (*Ma `s e pana cruinn eanamal a bhios agad, `s ann na `s fheàrr.) Doirt an taois astaigh dha `n phana. Deasaich `s an àmhainn i fad fichead `s a’ cóig mionaidean aig teas 350°.

Preparation of various types of bonnach.

Préparation de divers bonnachs.

Treusag ni’n Pheadair Mhóir Steabhain Mhìcheil

Rugadh Treusag ni’n Pheadair Mhóir Steabhain Mhìcheil (NicNìll) ann a Gleann a' Gharraidh. Nuair a bha i òg, chaidh Treusag a Shudnaidh air ceann a cosnaidh. Fhuair i obair a' cumail taighe agus thog i teaghlach anns a' bhaile. Thàinig a sinnsearan às Eilean Bharraigh. Tha Treusag `na boireannach calma, comasach. Tha i fhathast ri fuineadh agus ag obair mun cuairt an taighe. Tha i fhéin agus a nighean, Marstag, a' seanchas `s a' Ghàidhlig gu tric.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Theresa Burke (MacNeil) was born and raised in Rear Big Pond, Cape Breton County. She moved to Sydney for work as a young woman. She gained employment as a housekeeper and made a life for herself in the city, where she raised her family. Her ancestors came from the Isle of Barra. Strong and still very active, Theresa enjoys baking, working around her home and speaking Gaelic to her daughter, Marion.

Theresa Burke (née MacNeil) est née et a grandi à Rear Big Pond, dans le comté du Cap-Breton. Elle a déménagé à Sydney pour son travail quand elle était jeune femme. Elle est devenue gouvernante et s’est construit une vie en ville, où elle a élevé sa propre famille. Ses ancêtres étaient originaires de Barra. Elle est forte et toujours très active et elle aime faire de la pâtisserie, travailler dans la maison et parler le gaélique à sa fille Marion.