log asteach
logo

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Cinneadas is Creideamh

Còir an Tighearna

Facal-toisich

Seann naidheachd mu Chloinn Nìll ann am Barraigh, nuair a gheobhadh an tighearna còir air bean na bainnseadh airson a’ cheud oidhche. Bha fear a Chloinn Illeathain a’ pòsadh `s chuir e stad air an tighearna `s stad air a’ chleachdadh sin.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

A legend of the MacNeil's of Barra, from the time when the laird or chieftain could claim a bride as his for the first night. When MacNeil came to claim the bride at a MacLean wedding, the bridegroom prevented him and put a stop to the practice.

Còir an Tighearna

Uell anist, bidh `ad a’ bruidhinn air Cloinn Nìll. Ach bidh feadhainn a’ cuir sìos air `s bidh feadhainn `na aghaidh sin. Ach feadhainn a Chloinn Nìll, cha chreid mi nach biodh `ad airson `na aghaidh sin.

Eòs Ruairidh mac Caluim Ghobha ... uell bha e `g innse dhomh fhìn latha ... Uell, anisd thall a’s an t-seann dùthaich an toiseach, bha Cloinn Nìll. Uell, bha feadhainn mhatha dhiubh ann `s feadhainn damainte, ifhrinn dona dhiubh ann cuideachd. Bha a’ fear seo a Chloinn Nìll agus, tha fhios agad, bha `ad `nan ceannardanann a shin.

Uell anist, nuair a phòsadh `ad thall a sin an toiseach, oidhche na bainnseadh nuair a phòsadh `ad, uell anist na tighearnan, dh’fheumadh a’ bhean an déidh a phòsadh, dh’fheumadh i `chiad oidhche a bhi còmhla ri fear dhe na tighearnan. Chuala tu sin. Ma dh’fhaoide gur e Eòs a bha `ga innse. Agus an uair sin, no `s an ath-mhadainn, leigeadh e i fa sgaoil a dh’ionnsaidh a companach.

Uell an niste, tha fhios agad fhéin damainte, ifhrinn math gum biodh e gu math truagh dhuit fhéin pòsadh `s a’ bhean agad `s gun toireadh an tighearn’ i `s a’ mhadainn `s thug e dhuit i mar gum b’e iasad a rinn e.

Ach co dhiubh, bha fear do Chloinn Leathain, bha e `dol a phòsadh agus a' fear sin dìreach, mar a chanas `ad, na Gobhaichean a bh’annda, no Goibhnich. Ach co dhiubh thuirt `ad ris, “Cha bhi thus’ air an aon dòigh.”

“Cha bhi,” os’ esan, “mis’ air an aon dòigh,” os’ esan. “Bidh an darna cuid ann,” os’ esan. “Bidh mise marbh,” os’ esan, “na bidh esan, an tighearna.”

Theann e ri ... Rinn e claidheamh. Tha teansa gu robh e `na ghobha math air tàilleabh gu robh e math air goibhneachd. Rinn e ... `s tha teansa gun d’rinn e claidheamh gu chùl. Thug e sin leis `s phòs `ad `s oidhche na bainneasdh bha an claidheamh aige an cùl a’ hall. Bha a’ bhanais a’ dol air aghaidh `s `ad toilichte mar a bha `fear eile `s a h-uile dòigh. Cha robh cion biadh `s cha robh cion àite danns’ ac’. Ach nuair a thànaig miadhon oidhche, a thànaig an tighearn’ astaigh leis fhéin `s thuirt e, “Tha an t-àm an gnothach a sgaoileadh,” os’ esan. “Tha mi `dol a thoirt leam,” os’ esan, “na h-ìghean, a' bhean seo agaibh.”

“Uell,” os’ esan, “sin rud nach dian thu,” os’ esan. “Bidh mise marbh no bidh thusa marbh. Cuir thus’ anist,” os’ esan, “do làmh oirre `s tha sin a’ mìnigeadh,” os’ esan, “nuair a chuireas, bidh do cheann-sa dhiot fhéin; co dhiubh bidh mise ann as a dheaghaidh gus nach bi.”

Sin agad a’ chiad stad a chaidh a dhianamh air an dol an aghaidh a bha sin a’s an t-seann dùthaich. `S e Eòs Rodaidh Chaluim Ghobha a bha `ga innse. Bha e càirdeach dha, bha e dhen aon sìol. Bha sin treis mhór. Bha sin `s an t-seann dùthaich nuair a bha na tighearnan ann. Bha `ad sin a’ cuir sgaoileadh air na daoine. Bha feadhainn mhatha dhiubh ann `s feadhainn dhona. `S tha mi `creidsinn gu robh sin `s a h-uile cinn’ a th’ann, ma dh’fhaoidte. Ged a bhiodh Mac’Illeathain, na Mac’Ille-bhràth ... gu robh feadhainn mhatha dhiubh ann `s feadhainn dhona dhiubh ann. `S math gu bheil. (gàire)

© Seumas Watson
Tar-sgrìobhadh: Seumas Watson

A legend of the MacNeil's of Barra, from the time when the laird or chieftain could claim a bride as his for the first night.

Migi Bean Nìlleig Ruairi Eòin a’ Phlant

Chaidh Migi mac Bean Nìlleig Ruairi Eòin a’ Phlant a bhreith `s a’ Chùl Mhór, far an deachaidh àrach òg. `S ann a mhuinntir Bharraigh a bha cuideachd Mhigi.  Dh’ eug athair air nach robh Migi ach ceithir bliadhn’ a dh’aois.  Theann e ri obair tarraing a’ mhéil aig ochd bliadhn’ a dh’aois.  Bha bòsd aig Migi às a chuid Ghàidhlig agus e fìor dhéidheil air seann seanchas. `Na bharail fhéin, cha téid a’ Ghàidhlig idir gu bàs ann an Eilean Cheap Breatainn.  B’e duine dìleas a bh’ann am Migi is esan an còmhnaidh an sàs ann an cùis na nàbachd:  cànan, cultur is eaglais.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Michael R. MacNeil was born and raised in the Big Rear of Barra Glen. When Mickey was just four years old, his father died. He took on driving the local mail with horse and wagon at the age of eight. He loved his Gaelic language and culture, believing it would prosper among future generations.  He was one-of-a-kind and well remembered for his commitment to his community, culture, language, and church.