log asteach
logo

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Ceòl is Dannsa

Dannsa `s an Àrd-Bhaile

Facal-toisich

Anns an Àrd-bhaile, bi Leanne Aucoin a' teagasg dannsa-céim. Tha toileachas mór às danns' air a bhith aice on a bha i `na cnapaig aig aois cóig bliadhna. `S ann aig Sìne NicNìll a fhuair i a' cheud ionnsachadh air dannsa `s an t-seann nòs. Thòisich Leanne air clàsaichen a' cur air n-adhart i fhéin bho chionn deich bliadhna. Bidh a' mhór cuid dhe `n luch-ionnachaidh a bhios i `teagasg eòlach air beagan dannsaidh mu thràth. Tha dannsairean a' cumail romhpa air aobhar spòrs culturach `s cleachdadh collain air leth slàn, fallain.

Neach-aithris: Seumas Watson

Leanne Aucoin currently offers step-dance classes in HRM, as well as teaching square sets. Leanne's love of stepdancing began at age 5 in Sydney Mines when she started taking lessons with Jean MacNeil. She just loved it; and still does. Leanne has been teaching step-dance for about 10 years now. Students tend to come to classes with a knowledge of the tradition already. Many wish to keep a connection with their culture, get some exercise and have great fun.

See video

Dannsa `s an Àrd-bhaile

Stepdancing in HRM.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Gàidhlig `s a' Mhór-roinn

Pàdraig Bennett

Facal-toisich

Chìthear a's a' phìos seo fear òg a tha togail na Gàidhlig ann am Baile Haileafags.

 

Neach-aithris: Seumas Watson

Profile of a Gaelic learner in HRM.

See video

Séidheag Nic`illeMhaoil: Tha ceist na dhà agam dhut an diugh. An innseadh thu dhuinn có thu?

Pàdraig Bennett: Uill, ‘S mise Pàdraig -- Pàdraig Bennett. Agus, `s ann à Havre Boucher an Ear a tha mi, ann a Siorramachd Antaiginis.

SNM: Agus gu dé bu choireach gun do dh’ ionnsaich thusa a’ Ghàidhlig?

PB: Uill, bha beagan do Ghàidlig aig mo sheanmhair, màthair m’ athar, agus Beatrice an t-aimn a th’ oirre. Agus `s ann a Chloinn ic Eachairna a tha i. Agus tha facal Gàidhlig neo dhà aice, ach a h-athair, bha esan gu math fileanta agus sin a bu choireach gun do thog mi mo chuid dhith.

SNM: Ciamar a thog thu a’ Ghàidhlig?

PB: Ciamar? Uill, là a bh’ ann bha mi a’ coimhead air a’ phàipear naidheachd, aig an obair, agus chunna mi sanas, oh, gu math, gu math beag -- dìreach mar siod, agus bha iad ag ràdhainn gu bheil clasaichean Gàidhlig a’ dol air adhart ann an Haileafags. Agus, uill, bha mi air mo chois, agus air a' fòn, dìreach a’s a’ mhionaid mar siod. Bha mi a’ bruidhinn ri Kathy Reddy, agus sin mar a thog mi a’ Ghàidhlig. Bha mi aig na clasaichean aig ceann dà sheachdain neo leithid siod agus bha mi ag obair oirre bhon uair sin.

SNM: Sin thu fhéin. Agus, ciamar a chuireas tu a’ Ghàidhlig gu feum an duigh?

PB: Uill, an dràsd’ `s a rithist bidh mi a’ cur -- cuiridh mi i gu feum agallamhan a dheanamh, mar a tha seo. Agus, bidh mi a’ seinn - eadar an cànan Gàidhlig is a’ bruidhinn ri mo chàirdean, mo charaidean.

SNM: Shin agad e. Tapadh leat gu mór a Phadraig.

PB: Oh, `s e do bheatha.

Tar-sgrìobhadh: Frangag NicEachainn
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt 2012
 

Interview with Patrick Bennett.

Pàdraig mac Bhrian `ic Elmer `ic Iain `ic Benjamin

Rugadh  `s thogadh Pàdraig mac Bhrian `ic Elmer (`ic Iain `ic Benjamin) ann an Havre Boucher an Ear. `S ann às Àrasaig a thàinig a chuideachd. `S e bhith cluinnteil ceòl na fìdhleadh a thug air Gàidhlig a thogail. Dh'ionnsaich e a chuid Ghàidhlig `s an Àrd-bhaile `s na clasaichean ‘Gàidhlig aig Baile’. The e math gu naidheachdan is òrain agus measail air deagh chuideachd.

 

Neach-aithris: Seumas Watson

Patrick Bennett was born and raised in East Havre Boucher. His people came from Arisaig. He took an interest in learning Gaelic after developing an appreciation for fiddle music. He learned Gaelic in Halifax at Gàidhlig aig Baile classes. Great to tell stories and sing songs, his company is well loved.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Na h-Òrain

Bàta Iain Cheanadaich

Facal-toisich

Rinneadh an t-òran seo ann an Sgìre River Denys. Air réir na sgeòil, bha fear a b’ àbhaist a bhith `na sheòladair as deaghaidh a fheairtean-inntinne a chall leis an aois. Fhuaireadh e `s a' choillidh `na shuidhe air sgonn craoibheadh ag iomradh mar gum b' e bàta a bh' ann.

Neach-aithris: Seumas Watson

This song was composed around River Denys. According to the local story, a man who spent many years at sea was beginning to lose his mental faculties with age. He was found in the woods sitting on a log and rowing it as if it were a boat.

Bàta Iain Cheanadaich

`S gur e `n Ceanadach mo nàbaidh
`N saor as fheàrr a thogas bàta;
Chan iarr e lòcair na tàl
Ach spéicean làidir, cruadhach.

A' cheud té thog e riamh `s an àite
Dh'fhàg e shìos aig drochaid Shàm i;
Chì sibh i nuair bhios muir-tràigh ann
`S a cruinn bhàn' an uachdar.

Thug e trup leath' do `n Bhras D'Or
A dh' iasgach a' sgadain reòta
`S e MacCùis a bha `na chòcair'
`S leònadh leis an fhuachd e.

Air a thill iad far a' bhòidse
Bha a' là dorcha le ceò ann
Gun do cheangal e i le ròpa
Ri cròic a bh' aig an fhuaran.

Am beagan nach d'rinn iad shlaodadh
Shnàmh iad sin gu taigh nan caorach
Nuair a rinn an fhairge traghadh
Bha aon fhear `s nach d'fhuair iad

Tha té eil' aige `ga cur an òrdadh,
Nach robh a leithid riamh `s a' Phròbhans;
Théid e seachad an Cuan reòta
Gu North Pole a bhuanndachd.

`S gum bi sinn uile cho pròiseil
An onair a bhith aig a' phròbhans;
Ma thilleas e dhachaigh beò
`S am Pole aig' air a ghualainn.

Chì sinn sealladh agus ioghnadh
Nach fhacas riamh le clann daoine;
An North Pole a' tighinn ri'r taobh
`S a' saoghal a' dol mun cuairt air.

A bhean an taighe, fàg an siola
Botul slàn a tha mi sireadh
Dh'òlainn deoch-slainte nan gillean
A dh'imprich Di-luain bhuainn.

Tar-sgrìobhadh:  http://mqup.mcgill.ca/book.php?bookid=125
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal

A locally composed song concerning sailing.

Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais

`S ann an Eilean na Nollaig a thogadh Gilleasbuig MacCoinnich (Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais).  Tha Eilean na Nollaig `na nàbachd a tha air a bhith air leth taiceil do chanain `s do shaoghal na Gàidhlig. Bha athair, Eairdsidh Sheumais, `na mhaighstear-sgoile, `na sgrìobhadair `s `na bhàrd ainmeil. Thug Gilleasbuig móran bhliadhnachan ag obair `na fhear ghnìomhachais eadar Baile Shudnaidh agus Baile Haileafags. A bharrachd air a’ stòr òran a thug e seachad le fialaidheachd do luchd-rannsachaidh, bha mion-èolas prìseil aige air an sgìre fhéin `s an d’ rugadh e.

Neach-aithris: Seumas Watson

Archie MacKenzie was raised in the Parish of Christmas Island, an area with strong Gaelic traditions. His father, also named Archie, was a schoolteacher, a writer and a well-known Gaelic bard. Archie MacKenzie spent many years as a businessman between Sydney and Halifax. In addition to his extensive repertoire of songs that he shared so generously with other Gaels and with researchers, he had a profound and detailed knowledge of the parish were he was raised.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Na h-Òrain

Òran do Cheap Breatainn

Facal-toisich

Faodar a ràdh gu bheil an t-òran seo air aithneachadh mar laoidh-nàiseanta Ghàidheal Cheap Breatainn. A's an òran, tha am bàrd a’ moladh Framboise agus a’ toirt dealbh air a bòidhchead anns gach ràith. `S an aon àm, tha e `g innse mu na daoine còir' a th’ ann, agus cho èasgaidh, spòrsail, ceòlmhor `s a bha iad r’ a linn. Aig deireadh an òrain, tha am bàrd a’ cur an céill cho mór `s a tha e `g ionndrainn nan làithean a dh’ aom.

Neach-aithris: Seumas Watson

In a way this song is a kind of anthem among the Gaels of Cape Breton. The song itself praises Framboise and it’s beauty in each season and its people as lively, fun loving and musical in the time of his youth. He expresses his regret at the passing of those days.

Òran do Cheap Breatainn

Séist
`S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh,
Tìr nan craobh `s nam beanntan àrd';
`S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh,
Tìr is àillidh leinn air thalamh.

Àit’ as maisich’ tha fo `n ghréin,
Smeòraich seinn air bhàrr nan geug;
Gobhlain-ghaoithe cluich ri chéil’,
`S an nead gléidhte fo na ceangail.

Feasgar foghair àm an fheòir,
*Nuair a dhùnadh oirnn na neòil;
*Ceò na mara tighinn `na thòrr,
*`S e `na sgleò air bhàrr nam beannan.

Anns a’ gheamhradh, àm an fhuachd,
Àm nam bainnsean, àm nan luadh;
Chluinnte gillean air cléith-luaidh,
`S gruagaich’ le guth’ cruaidh `gan leanaid.

Chìte cailleach ghasda, chòir,
Tighinn mun cuairt a thomhas a’ chlò;
An cromadh aice air a dòrn,
`S cha robh dòigh ac’ air a mealladh.

Nuair bhiodh am fùcadh ullamh réidh,
Chuirt’ an fhidheall sin air ghleus;
Dhannsamaid air ùrlar réidh,
Gur e "Cabar Féidh" bu mhath leinn

Am Frambois a fhuair mi m’ àrach òg,
Ann an nàbachd Chloinn MhicLeòid;
`S tric bha sinn ri mir’ is spòrs,
Làithean sòlasach nach maireann.

`S ged a dh'fhalbh a’ chuid sin bhuainn,
Chaithis iad dha `n dachaidh bhuan;
Ann am pàileas Rìgh an t-sluaigh,
Far eil sòlas, buan bhios maireann.

Am Frambois a fhuair mi m’ àrach òg,
Ann an nàbachd Chloinn MhicLeòid;
`S tric bha sinn ri mir’ is spòrs,
Làithean sòlasach nach maireann.

Chan urrainn dhomh-sa leth dhuibh inns’,
Na tha mhaisealachd `s an tìr;
Stadaidh mi bho `n tha mi sgìth,
Beannachd leibh is oidhche mhath leibh.

*******************

`S bho `n a tha mi anns an àm,
Còmhnaidh ann an tìr nam beann;
`S ged a tha mo Ghàidhlig gann,
Nì mi rann do thìr nan gleannan.

Chan urrainn dhomhs’ a chur air dòigh
No chur sìos le briathran beòil;
Na tha do mhaise agus do ghlòir,
Còmhnaidh ann an tìr nam beannachd.

Nuair théid a’ ghrian dhan àird an iar,
`S a thig an dealt air an fheur;
`S binne leam guth nan eun,
Seinn cho dian air bhàrr nam meangan.

Chluinnte bellichean le gliong,
Air a’ chrodh ri taobh a’ ghlinn’;
`S na laoigh òga staigh `s na tuim,
`S iad fo chuing nan cuileag seangaich.

`S e chuir mise nochd fo bhròn,
Cuimhneachadh air làithean m’ òig’;
Feadhainn a bhitheadh leinn ri spòrs,
Gu bheil cuid dhiubh nach eil maireann.

Tar-sgrìobhadh:  Gaelic Songs of Nova Scotia
© Helen Creighton Collection, PANS

A song in praise of Cape Breton and its people.

an t-Urramach Iain D. N. Dòmhnallach

Chaidh an t-Urramach Iain D. N. Dòmhnallach a bhreith ann an St. Esprit `s a’ bhliadhna 1898. `S ann à Uibhist a Tuath a bha a shinnsirean. Còmhla ris an Dotair M. M. Coady agus Maighstir Jimmy Tompkins, bha e `na neach-stèidheachaidh anns an Credit Union and Co-operative Movement ann an Canada. Bhiodh e a’ searmonachadh anns a’ Ghàidhlig agus `ga teagasg. Chaochail e `s an taigh aige fhéin ann an 1988 ann an Dartmouth.

Rinn Dòmhnall Alasdair mac Iain `ic Aonghais an t-òran seo. Rugadh e ann am Framboise a Tuath far an do dh’fhuirich e fad a bheatha. `S ann a mhuinntir Uibhist a Tuath a bha a chuideachd. `Na thuathanach, bha muileann-sàbhaidh aige cuideachd. Thathas ag ràdh gu robh e sònraichte math air obair na coilleadh. Rinn e iomadach òran éibhinn agus duan-molaidh, ach `s e Òran do Cheap Breatainn a `s ainmeile dhiubh uile. Tha an t-òran seo air a bhith fasanta gus a’ là seo fhéin.

Neach-aithris: Seumas Watson

Rev. John D. Nelson MacDonald, D.D., of North Uist stock, was born in 1898 in St. Esprit. He was ordained in 1926 to the United Church of Canada. He was one of the founding members, along with Dr. M. M. Coady and Rev. Jimmy Tompkins, of the Credit Union and Co-operative Movement in Canada. Rev. MacDonald was described as a scholar and preached and taught Gaelic. Rev. MacDonald died at his home in Dartmouth in 1988.

Dan Alex MacDonald, composer of this song, was born and lived all his life in North Framboise. He operated a farm and sawmill and was known as a fine woodsman. Òran do Cheap Breatainn is the best remembered song he composed, among others humorous and in praise of place. Dan Alex was of North Uibhist descent.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Na h-Òrain

Hé ho rò Mo Mhàiri Lurach

Facal-toisich

Ceathramhan do dh’òran gaoil mu sheòladair a chaidh gu muir glé òg `s e `g ionndrainn a leannain. Tha an t-òran cumanta am measg sheinneadairean Cheap Breatainn ann an caochladh shuidheachaidhean air réir na ceàrnaidh `s an cluinnear e.

Neach-aithris: Seumas Watson

Verses from a love song about a sailor who went to sea while he was still very young, and is missing his sweetheart. This song is widespread among Cape Breton singers in a large number of versions according to locality.

Hé ho rò Mo Mhàiri Lurach

Séist:
E Ho Ro Mo Mhaighdinn Lurach
Dha'n tug mi an gaol cho buileach;
'S e dh'fhàg m'inntinn tròm fo mhulad
Nach fhaod mi fuireach 'nad chòir.

'S na biodh dùil agad, a' Mhàiri,
Gur ann 'gad mhealladh a tha mi;
'S dòcha leam thu na mo mhàthair
Ged is i rinn m'àrach òg.

'S tu mo chadal, 'us tu mo dhùsgadh,
Anns a' mhaduinn mo chruit chiùil thu;
Ort-sa chuirinn mo chùrsa
Ged a bhiodh e dubh le ceò.

Bi mi cuimhneachadhh gach àm ort
Ged b'ann a’dol dha'n a chrann mi;
Chuir thu seachran `nam cheann
`S cha'n amais mi air ceann a' ròp'

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Fad air Falbh as Innse Gall
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt 2012

A love song telling of a young sailor missing his sweetheart.

Dòmhnall ‘Illeasbuig Aonghuis ‘ic Alasdair

Rugadh `s thogadh Dan Ailean MacIlliosa (Dòmhnall ‘Illeasbuig Aonghuis ‘ic Alasdair) ri taobh na maradh ann am Parraiste a’ Chamuis Leathain. Bha e sònraichte mar sheinneadair, tàlant is dìleab a thug e bho na ginealaichean roimhe a thànaig à Mùideart. Bha Dan Ailean sgileil air iomadh ciùird ionadail, agus air leth eòlach air òrain na coimhearsnachd `s na dòigheannan `s an cleachdadh iad. Thug e iomadh bliadhna ag obair `s an Àrd-bhaile.

Neach-aithris: Seumas Watson

Dan Allan Gillis was born and raised by the seaside in Broad Cove parish. He was an outstanding singer, a talent and a legacy taken from his ancestors, who were famous singers from Moidart. Dan Allan was accomplished at many kinds of work where he grew up and was exceptionally knowledgeable concerning local songs and the practices associated with them. He spent many years living and working in Halifax.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Nòs a’ bhìdh

Bonnach Peigi Stràthain

Facal-toisich

Bidh cuid do luchd-ionnsachaidh ann an Haileafags an còmhnaidh a' sireadh chothroman a bhith `g obair còmhla ris na beulaichean a th’ ann. A's a’ bhidio seo, tha Lorag Stirling a’ deanamh bonnach `s an aon dòigh a dh'ionnsaich i aig Peigi ni’n Sheòrais `ic Iain, nach maireann. Chur Peigi iomadach bliadhna seachad a’ fuireach ann an Haileafags. Bha i `na cuideachadh mór, mór do luchd-ionnsachaidh.

Neach-aithris: Seumas Watson

Many Gaelic learners in the Halifax Regional Municipality have actively sought out opportunities to connect with native speakers. In this video, Laura Stirling prepares bonnach using a recipe she learned from the late Peggy MacLellan (née Strachan). Peggy resided in the Halifax area for many years and was a great support to Gaelic learners.

See video

Modh Bìdh

Bonnach Peigi Stràthain (ni’n Sheòrais `ic Iain `ic Iain)

¼ cupa siùcair
2 chupa fhlùir
½ spàn bheag do sóda
1 spàn mhór shalainn
½ chupa do gharabhan

Cuir mun cuairt na stuthan tiorama gu léir ann am bobhla fa leth.

Ann am bobhla eile, measgaich 1/3 cupa ola, ugh agus 2/3 cupa do bhlàthaich.

Cuir an dà stuth le chéile gus taois a dheanadh dheth. Deasaich mu thuaiream leth uair a thìde ann an àmhainn air a ro-theasachadh aig 400°.

Preparation of bonnach.

Lorag ni’n Laird `ic Ralph

`S ann à Siorramachd Inbhirnis agus Siorramachd Rois `s an t-seann dùthaich a bha muinntir Lorag ni’n Laird `ic Ralph. Chaidh a breith fhéin ann a Haileafags, Alba Nuadh, ged a bha a teaghlach a’ fuireach ann an Còbh nam Muileach `s an àm, far a robh a h-athair `na mhinistear. Tha Lorag trang `na bean an taighe `s bidh i a’ teagasg a cuid chloinneadh a's an dachaidh aice fhéin. A' là an-diugh, bidh Lorag a’ teagasg na Gàidhlig ann an Haileafags agus tha i  `sàs ann an leasachadh Gàidhlig na h-Alba Nuaidh cuideachd.

Neach-aithris: Seumas Watson

Laura Stirling is descended from emigrants from Invernesshire and Rosshire. She was born in Halifax, Nova Scotia although her family was living in Orangedale, Inverness County at the time; as her father was the local minister. Laura is an active stay at home mother who home-schools her childre. Currently, Laura teaches weekly Gaelic classes in the Halifax area and is actively involved in the Nova Scotia Gaelic community.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Nòs a’ bhìdh

Maragan

Facal-toisich

Anns a’ bhidio seo, tha luchd-ionnsachaidh, Séidheag Nic`IlleMhaoil agus Pàdraig Bennett, a' cur air thaisbeanadh deasachadh mharag mar a chaidh dh'ionnsachadh dhaibh le Màiri Steabhain Dunn. `S iomadh marag a rinn Màiri r' a linn.

Neach-aithris: Seumas Watson

In this video, learners Shay MacMullin and Patrick Bennett share their method for making maragan, as learned from Marie Archie MacLean, Washabuct. Many a marag Marie made in her day.

See video

Eamag NicFhionghuin: Gu dé tha sibh ris an nochd?

Pàdraig Bennett: Tha sinn a’ lìonadh a’ chaolain airson marag gheal.

Séidheag Nic`illeMhaoil: Tha sinn a’ cur mharagan air dòigh mar a dh’ ionnsaich Màiri ‘Illeasbuig dhuinn. Agus `s e min-choirce, uinneanan is geir is salann is piobar a chuir sinn ann a’s a bhobhla agus aniste tha sinn a’ lìonadh, mar a thuirt Pàdraig, a’ chaolain seo. Agus tha fear eile -- chan eil fhios’m a’ bheil thu ‘faicinn na poit sin ach ...

ENF: Seadh.

SNM: Tha fear eile `s a' phoit sin. Feumaidh iad goil fad uair neo dhà neo trì. Agus bidh e deiseil an uair sin. A’ bheil thu fhéin measail air marag gheal?

PB: Gàbhaidh fhéin measail.

SNM: Agus cuin’ a bhios tu `gan ithe?

PB: `S a’ mhadainn . . . bhiodh i eagalach blasda `s a' mhadainn ach bidh i math dhut uair sam bith.

ENF: Dé ghabhas sibh ris na maragan?

PB: Oh, na h-uighean `s tosd, is pìos càise.

SNM: Rud sam bidh a thogras tu. Dh’ fhaodadh buntàta `s glasraich a bhith agad -- ach tha mi `creidsinn gu bheil siod math gu leòr anist ach chì sibh cho mór `s tha an caolan seo. Cuiridh sinn snaoim ann a’ seo agus cumaidh sinn oirnn agus bidh gu leòr againn `son na Nollaige.

ENF: Bidh, gu dearra.

Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

Preparation of maragan.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Cleachdaidhean nam Féilltean

Fuarag

Fuarag

`S e prìomh stuthan na fuaraige uachdar agus min-choirce. Uairean, bidh rud beag do dh’uisge-beatha `ga chur ann rithe. Aig àm na Samhna, gus fiosachd a dhèanadh, chuireadh `s an fhuaraig a bharrachd putan, fàinne, meuran `s bonn-airgid. Dh’ innseadh na rudan seo do luchd a ghabhadh i na bhiodh ann mar shuidheachadh pearsanta dhaibh `s an tìm ri teachd.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Fuarag is made with a mixture of cream, oatmeal and sometimes a little whiskey. At Halloween time, items such as a button, ring, penny or thimble would be added to the fuarag. As a yearly tradition, visitors would eat from the same fuarag bowl to predict their future circumstances.

See video

A description of the ingredients for fuarag, a traditional oatmeal dish, also used in a Halloween divination custom.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Stòraidhean is Naidheachdan

Dòmhnall Gorm aig Seisd Louisbourg

Facal-toisich

Bha Dòmhnall Gorm `na shaighdear Gàidhealach `s an airm Bhreatannach. `S a’ chogadh ann an 1758, thug e an car às na Fraingich aig seisd Louisbourg. Fhuair na saighdearan Breatannach astaigh do Dhùn Louisbourg is chaidh a' là leis na Sasanaich.

Neach-aithris: Seumas Watson

Dòmhnall Gorm was a Highland soldier in the British army. During the siege of Louisbourg in 1758 he tricked the French, penetrated the defenses and the fortress was captured.

Dòmhnall Gorm aig Seisd Louisbourg

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal

Dòmhnall Gorm was a Highland soldier in the British army. During the siege of Louisbourg in 1758 he tricked the French, penetrated the defenses and the fortress was captured.

Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais

`S ann an Eilean na Nollaig a thogadh Gilleasbuig MacCoinnich (Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais).  Tha Eilean na Nollaig `na nàbachd a tha air a bhith air leth taiceil do chanain `s do shaoghal na Gàidhlig. Bha athair, Eairdsidh Sheumais, `na mhaighstear-sgoile, `na sgrìobhadair `s `na bhàrd ainmeil. Thug Gilleasbuig móran bhliadhnachan ag obair `na fhear ghnìomhachais eadar Baile Shudnaidh agus Baile Haileafags. A bharrachd air a’ stòr òran a thug e seachad le fialaidheachd do luchd-rannsachaidh, bha mion-èolas prìseil aige air an sgìre fhéin `s an d’ rugadh e.

Neach-aithris: Seumas Watson

Archie MacKenzie was raised in the Parish of Christmas Island, an area with strong Gaelic traditions. His father, also named Archie, was a schoolteacher, a writer and a well-known Gaelic bard. Archie MacKenzie spent many years as a businessman between Sydney and Halifax. In addition to his extensive repertoire of songs that he shared so generously with other Gaels and with researchers, he had a profound and detailed knowledge of the parish were he was raised.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Stòraidhean is Naidheachdan

Eachann Dhòimhgein

Facal-toisich

Bha Eachann Dhòimhgein `na dhuine geur-theangach, làn spòrs. Loisg e a làmh gu dona turus. Dh’ fhaighneachd sagart dheth gu dé dh’éirigh dha. `S e a fhuair freagairt a bha biorach, éibhinn.

Neach-aithris: Seumas Watson

Hector Doink was known for his humour and sharp tongue. On one occasion he burned his hand badly. A priest approached him, asked what had happened, and got a witty answer.

Eachann Dhòimhgein

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal

A story of Hector Doink and his sharp tongue.

Dòmhnall ‘Illeasbuig Aonghuis ‘ic Alasdair

Rugadh `s thogadh Dan Ailean MacIlliosa (Dòmhnall ‘Illeasbuig Aonghuis ‘ic Alasdair) ri taobh na maradh ann am Parraiste a’ Chamuis Leathain. Bha e sònraichte mar sheinneadair, tàlant is dìleab a thug e bho na ginealaichean roimhe a thànaig à Mùideart. Bha Dan Ailean sgileil air iomadh ciùird ionadail, agus air leth eòlach air òrain na coimhearsnachd `s na dòigheannan `s an cleachdadh iad. Thug e iomadh bliadhna ag obair `s an Àrd-bhaile.

Neach-aithris: Seumas Watson

Dan Allan Gillis was born and raised by the seaside in Broad Cove parish. He was an outstanding singer, a talent and a legacy taken from his ancestors, who were famous singers from Moidart. Dan Allan was accomplished at many kinds of work where he grew up and was exceptionally knowledgeable concerning local songs and the practices associated with them. He spent many years living and working in Halifax.