log asteach
logo

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Nòs a’ bhìdh

Fàilt' a' Bhonnaich

Facal-toisich

Rinneadh an t-òran seo le Eairdsidh Sheumais à Eilean na Nollaig. Bha Eairdsidh gu math eòlach air bonnach-coirce, biadh cumanta `s an àm a bha e 'g éirigh suas. Ge b’e dé cho tric `s a nochdadh e air a’ bhòrd-bhìdh, tha Eairdsidh Sheumais `ga mholadh mar lòn air leth blasda “le còta math do dh’ìm” air. Bha am bonnach-coirce `na bhiadh a chumadh sgairt ris na Barraich samhradh `s geamhradh.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

 A Salute to the Oatmeal Bonnach was made by Archibald MacKenzie of Christmas Island, Cape Breton County. Archibald was well acquainted with oatmeal bonnach, a staple during his youth. He praises the bonnach so often enjoyed with a “good coat of butter.” He relates how this valued food (oats) was brought with the Barra men to Nova Scotia and how it sustained them throughout the year.

Archibald MacKenzie de Christmas Island, dans le comté du Cap-Breton, salue le bonnach à l’avoine. Archibald connaissait bien ce mets, qu’on consommait régulièrement dans sa jeunesse. Il chante les louanges du mets, qu’on savourait souvent avec une « bonne couche de beurre ». Il parle du fait que cet aliment de valeur (l’avoine) a été apporté par les hommes de Barra en Nouvelle-Écosse et les nourrissait tout au long de l’année.

Fàilt' a' Bhonnaich

“Fàilt’ a’ Bhonnaich-Choirce”
Gilleasbuig MacCoinnich

O fàilt’ ort fhéin, a bhonnaich-choirce,
‘S éibhinn leam gun d’ rinn thu nochdadh;
An tìm m’ òige, b’ eòlach ort mi, -
‘S tric a dh’ fhalbh mi-fhéin do’n sgoil leat.

'S tric a dh'fhalbh mi leat gu h-uallach,
'S tu 'sa mhàileid air mo ghualainn;
Ged bhiodh sneachd' 's reothadh cruaidh ann,
Ruigeamaid taigh-sgoil na bruaicheadh.

Na laoich chalma, mheanmnach, smearail,
Thriall do’n tìr so nall à Barraidh;
‘S i mhin-choirce dh’ fhàg iad fallain,
Brochan, fuarag, lit' is aran.

‘S tu mo laochan, blasda, brìgheil,
Cha bhi féist ach far am bi thu;
‘N uair théid còta math de dh’ ìm ort,
Càit am faighte biadh as mìlse?

.......................................................................

B’ iad na leòghainn anns na blàraibh
Nach tug riamh an cùl ri nàmhaid,
Agus maraichean bha sàrmhath,
‘N uair a dh’ éireadh am muir-bàite.

Gun d’ fhairich a’ choille ghruamach
Neart an gàirdein cùl na tuaighe,
Leag is spolt is loisg iad suas i,
‘S dh’ fhàg iad againn fearann uaine.

A Chatrìona, na bidh gòrach,
Deanamh arain flùir an còmhnuidh;
Ma ‘s a math leat fada beò mi,
Dean am bonnach-coirce dhòmh-sa.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgialachdan à Alba Nuaidh
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

A song made in praise of Oatmeal Bonnach.

Chanson à la louange du bonnach à l’avoine.

Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais

`S ann an Eilean na Nollaig a thogadh Gilleasbuig MacCoinnich (Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais).  Tha Eilean na Nollaig `na nàbachd a tha air a bhith air leth taiceil do chanain `s do shaoghal na Gàidhlig. Bha athair, Eairdsidh Sheumais, `na mhaighstear-sgoile, `na sgrìobhadair `s `na bhàrd ainmeil. Thug Gilleasbuig móran bhliadhnachan ag obair `na fhear ghnìomhachais eadar Baile Shudnaidh agus Baile Haileafags. A bharrachd air a’ stòr òran a thug e seachad le fialaidheachd do luchd-rannsachaidh, bha mion-èolas prìseil aig' air an sgìre fhéin `s an d’rugadh e.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Archie MacKenzie was raised in the Parish of Christmas Island, an area with strong Gaelic traditions. His father, also named Archie, was a schoolteacher, a writer and a well-known Gaelic bard. Archie MacKenzie spent many years as a businessman between Sydney and Halifax. In addition to his extensive repertoire of songs that he shared so generously with other Gaels and with researchers, he had a profound and detailed knowledge of the parish were he was raised.

Archibald J. MacKenzie est né à Rear Christmas Island, dans le comté du Cap-Breton, région principalement colonisée par des émigrants originaires de l’île de Barra. La mère d’Archie, Catherine, était une poétesse très respectée et descendait d’une longue lignée de cornemuseurs et de danseurs. Archie a commencé à jouer du violon à l’âge de 12 ans, quand il a fabriqué un violon à l’aide de bois d’une souche de pin se trouvant à proximité de chez lui. Archie est devenu un très bon violoneux et jouait souvent pour les bals et les mariages de la région. Il était également cultivé et est devenu un enseignant. À un âge plus avancé, il a écrit et publié l’ouvrage intitulé The History of Christmas Island and Parish.