An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (3/20/18)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air h-aithris le Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria. Air a clàradh le Seigheag ni'n Aonghais Iain Pheadair 05-08-17.
Seigheag: Dé 'n t-ainm a bh' agaibh air na biastan air an ùrlar, glas?
Mìcheal: Cailleachan-cheòsach.
S: Sin agad e.
M: 'S e.
S: Agus an fheadhainn a tha 'muigh air .... ?
M: Cnuimhneagan, cnuimhneagan.
S: Tha 'ad math airson iasgach.
M: Tha, tha.
S: Tha na bric measail orra.
M: O, tha. Agus, na peataichean. Bhiodh na peataichean 'gan togail.
S: Bhiodh. Ach, chan eil sgeul air na peataichean.
M: Chan eil peat' air sgeul. Chan eil.
S: Chan eil.
M: Chan eil peat' air sgeul.
S: Uell, m' eudail orra, tha 'ad 'dol a bhàthadh ...
M: Tha.
S: Amuigh a' sin, na cnuimhneagan.
M: Uill, nam biodh na peataichean ann, bhiodh biadh gu leòr aca air a ....
S: Cha bhi 'ad mun cuairt dar a bhios an t-uisge ann, am bidh?
M: Cha bhi, cha bhi.
S: Cha bhi. Agus, tha na magan a' seinn a h-uile oidhch'.
M: Tha ...
S: O, tha 'ad cho àrd.
M: ... na losgainn.
S: Na losgainn.
M: 'S e.
S: 'S e na losgainn a th' ann.
M: 'S e, 's e na losgainn a th' ann.
S: 'S e.
M: Agus, chan fhaic thu 'ad air a' rathad. Bha ùine ann, bhiodh a' rathad làn dhiubha.
Bhiodh na càraichean 'ga spleuchdadh.
S: Bhitheadh.
M: Ach, chan eil gin ann an drast'.
S: Chan eil.
M: Tha 'ad cho gann.
S: Tha fhios a'm.
M: Mun deach a' rathad ùr (Highway 223) a chuir suas a' seo, bha pòn shios ann a' shiod.
S: Bha.
M: Bha pòn shios. Bhiodh na losgainn... Bhitheamaid a' feuchainn... bhitheamaid a' dol amach a dh' éisteachd riutha. Bhitheadh.
S: Tha 'ad éireachdail.
M: Bha na seann daoine uamhasach measail orra.
S: Tha mise cho measail orra.
M: Tha.
S: Dar a rachainn-sa 'mach ro 'n dorast agam an t-seachdain seo… Bha 'ad, siod an aon rud ...
M: Chluinn(t)eadh tu 'ad.
S: ... a chluinninn. O, bha 'ad cho breagha.
M: Bha.
S: 'S bha togail-chridhe annta.
M: Bha.
S: Bho 'n a bha fios agam gu robh a' samhradh a' tighinn.
M: O, uell, bha a' samhradh a' tighinn.
S: An cuala sibh riamh, Mhìcheil, gu robh 'ad ag ràdhainn gu seinn na losgainn trì turais mun tig a' samhradh.
M: Bha. 'S e 'n fhìrinn a bh' ann.
S: Ciamar a bha siod aniste?
M: Uell, bha 'ad ag ràdh gu reòthadh 'ad trì turais mun tigeadh a' samhradh dòigheil, am blàths, mun tigeadh am blàths, mun tigeadh am blàths.
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Seigheag ni'n Aonghais
Clàradh: New Recording 91
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.