An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (11/13/13)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Taibhs
Air a h-aithris aig Peadar Shandaidh Dhonnchaidh Mhóir (MacRaing), nach maireann, a rugadh ann a' Rubh' an t-Seallaidh, Siorramachd Inbhir Nis.
Tha naidheachd bheag a' seo agus chan eil sinn a' creidsinn ann, ach, co dhiubh 's e 'n t-seann fheadhainn a bha 'bruidhinn air bho chionn treis mhór. 'S bha fear òg a bha seo, bha e 'falbh còmhla ris an té a bha seo agus tha seansa nach robh e 'cur móran suim innte. Ach co dhiubh, tha seansa gu robh e 'n deagh' a bhith air trup a-nunn cross Ceap Màbu gu Glenora Falls le lòd do logaichean 's bha e 'tighinn dhachaigh, each math aige, standaran cruaidhe anns an t-sléigh. Agus, bha astar mór eadar Glenora Falls agus Rubh' an t-Seallaidh. Ach co dhiubh, thug e sùil 's e 'gabhail crònan do dh’ òran 's bha 'n té bhrèagha a bha seo 'na suidh' làmh ris. Agus aig an aon àm, bha i aig an taigh 'na suidhe aig a’ bhòrd agus rug e air a’ standar chruaidh agus tharraing e cross i 's bhuail e 's a' cheann i. Agus tha seansa gun do chuir e dìreach, spad e i. 'S thuit ise spadte aig a' bhòrd. 'S bha 'ad a’ cur uisge 's a h-uile sian a bha sin gus an tàinig i 'uice. Co dhiubh tha 'n naidheachd 'ud ceart na ceàrr, chan eil mise 'ga creidsinn. Ach, bha pàirt dheth seo anns an t-seann dùthaich, tha 'ad ag ràdhainn. Ach, chan eil fhios a'm air sin na 's moth'. Co dhiubh, shiud an naidheachd.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.