log asteach
logo

The Living Bridge » Nòs a’ bhìdh

A' Cuir Bhuntàta

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Bhincent 's Màiri MacFhionghain, Baile nan Gilleasach, Siorramachd Inbhirnis. Air a chlàradh 's air a tar-sgrìobhadh le Caraman NicArtair.

Carman: Chuireadh 'ad buntàta leis na h-eich?

Bhincent: Oh yeah. Sin a bhitheabh 'ad a' dèanadh.

Màiri: Sin an dòigh a bhiodh 'ad air cuir a' bhuntàta

C: An robh rudeigin sònraichte, inneal aca gus sin a dhèanadh? An robh seòrsa do…?

M/B: crann

M: Bhiodh fear sa chrann agus bhiodh fear, duine draibheadh an each.

B: Ach bha pàirt dhe na h-eich a bha eòlach air treabhadh, cha ruigeadh 'ad leas draibhear.

M: Chuireadh 'ad… Fear a bhiodh a's a' chrann chuireadh e, chuireadh e na reins mun cuairt air amhach. Dh' fhalbhadh an t-each air thòiseach, dar a ruigeadh e mach ceann a' phìos chanadh e 'di no ha' ga biodh... (?) dé a' rathad a bha toil aca e a dhol. Holy god agus bhiodh duine cuir nan sgealban.

C: Bhiodh an t-each a' falbh leis a chrann agus bhiodh cuideigin tighinn....

M: As a dheòghaidh a' cuir nan sgealban

B: 'Cuir na sgealban agus bha cuideigin a' cuir, uell uairean, na bliadhnaichean fa dheireadh bha fertiliser a' dol air cuideachd.

C: leasachadh?

M/B: leasachadh

M: Agus no bhiodh innear air a chuir air an talamh. Chuir 'ad innear air an talamh is bhiodh 'ad 'ga threabhadh fo'. Chuireadh tu row dhe na sgealban bha an uair sin an t-each a' dùnadh sin. Bha e a' deanadh fòid eile is 'ga dhùnadh. Cha robh thu cuir sa h-uile fòid idir.

C: Fòid? Cha d' fhairich mi sin riamh.

M/B: A h-uile fòid

B: Foid, furrow.

C: So, bha an t-each a' deanadh fòid.?

B: Uell an dòigh a bha 'ad 'ga dhèanamh, uairean bhristeadh (bhristeabh) 'ad, chanaibh 'ad bhristeadh (bhristeabh) 'ad am pìos air a dhruim. They'd start in the middle of it.One would go to the right they'd come down turn to the right they'd up the other way, turn to the right. Bha 'ad a' cuir air a chéile (ri cheile?) Bha am buntàta a' dol 'san dà dhrillichean an uair sin thigeadh tu a nuas is dhùnadh tu 'ad. Thigeadh tu an uair sin suas sgrìob mharabh a chanadh 'ad ris. Cha robh thu dèanadh sian an uair sin. Bha thu (?) sgriob eile a' tighinn anuas is bha thu 'dùnadh an té seo is bha thu 'fosgladh an té eile.

M: Sin an dòigh. 'S iomadh trup a bha thu 'cuir buntàta. Tha cuimhn' a'm a bhi cuir bhuntàta còmh' ri Fionnladh Ghilleasbuig Fhearchair, Donald Angus agus Joe bochd, athair Bruce.

C: Agus, am bitheadh a h-uile duine cuideachadh leis a' bhuntàta?

M: Yeah. Bha mi fhìn is Ceatag a' cuir nan sgealban.

B: Mar is trice dh' fheumadh tu a dhà no trì a bhith 'cuir a bhuntàt' airson a chumail suas leis na h-eich

M: Bha mi fhìn is Ceatag a' cuir nan sgealban is bha Dòmhnall Angus a' cuir am fertiliser is bha Joe is Fionnlagh, bha Fionnlagh 'sa chrann is bha Joe a' draoibheadh na h-eich.

C: Càit' an robh sin?

M: Thall aig àite David MacDonald. Bhitheadh tu aig àite Dhòmhnaill Alasdair Mhòir aig àite Iain Aonghais Fhearchair. 'Se là mòr. Bhiodh tusa 'dol suas gu àite Iain Aonghais Fhearchair (to Vincent)

B: Bhitheabh, 'cuir am buntàta.

C: Bhiodh tu 'ga chuideachadh?

B/M : a h-uile bliadhna

M: Bhiodh tu 'cuir a' bhuntàta an seo còmh' ri grampa.

B: Dh' fheumadh tu 'cuir buntàta. Bhiodh tu cuir buntàta an àit' air choireigin fad dà sheachdain, cha mhòr.

M: 'Gan cuideachadh. A' cuideachadh na tuathanaich.

B: Àite bu mhiosa 'se àite gu Sheonaidh Mhìcheil thall. Sin an t-àite a bu mhiosa. Bha drilleachan cho fad aige fo'n t-sabhal sìos fad a' phairc.

M: Àite Sheumais Dhòmhnall còmh' ri Angus Sheumais Dhòmhnaill.

B: Cha bhitheadh aige ach duine no dhà a' cuir nan sgealban. Sin agad uile. H-fheumaidh tu a bhith falbh luath airson 'cumail. Cha bhitheadh 'ad airson na h-eich a stad. Bhiodh 'ad a' feuchainn ri 'cumail orra. Oh gheobhadh tu na bucaid do sgealban is chan fhaigheadh tu ach leathach sìos an drile is dh' fheumadh tu 'falbh airson tuillidh.

M: Dh' fheumadh tu 'falbh is bucaid eile fhaighinn.

B: Bha thu crom fad na h-ùine a' deanadh sin.

C: Bha e trom air do dhruim.

B: Bha. Cha robh e dona dar a bha thu 'dol suas am bruach, cha robh e cho dona. Ach dar a bha thu 'dol sìos 'ga chuir, bha e na bu mhiosa air do dhruim. Dh' fheumadh tu cromadh pìos na b' fhaide dar a bha thu 'dol sìos am bruach.

M: Uell bhiodh 'ad…'cuir a bhuntàta, cuimhnich thusa.

C: Am bitheadh a' chlann..?

B: 'Se clann a bhitheadh a' cuir mar is trice.

M: Dh' fheumadh tu an cuir cho fada bho chéile. Cha robh math dhut an cuir teann air a chéile. Dh' fheumadh tu an cuir…

B: deich oirlich, troigh

M: deich oirlich no dusan. Na sgealban, cha robh math dhut an cuir teann air a' chéile.

B: Iain Aonghais Fhearchair, bha maide beag aige. Seo cho fada a bha e 'ga chuir fo chéile. Bha e 'toirt ... dhut dé cho fad'

M: Bha Iain cho dòigheal. Dh' fheumadh a h-uile sian a bhith cho dòigheal aige.

C: An cuireadh tu an t-sùil suas?

M/B: sùil suas, mar is trice.

B: Uell, cha robh e gu diofar. Poidhle do fheadhainn cha robh e gu diofar leo' ach bhitheadh esan airson an t-sùil a chuir suas. Dh' fhasadh e có dhiubh, ged a bhiodh an t-sùil sìos dh' fhasadh e có dhiubh, ged a bhiodh e dà là na b' fhaide dha a' tighinn air uachdar an talamh.

M: Ach mar is trice chanadh 'ad riut an t-sùil a chuir suas.

C: Sin a dh' fhairich mise. Chan eil fhios a'm a bheil e ceart no cèarr.

B: Dh' fhasadh e. Cha robh e gu diofar.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Caraman NicArtair

Please login or register if you'd like to respond.