log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Am Boireannach Òg

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Am Boireannach Òg

Air a h-aithris aig Eachainn mac Eachainn Ghilleasbaig, nach maireann, Rubha 'ic a' Rothaich, Siorramachd Bhictoria.

... boireannach, bha i 'fuireach ... 'S e banntrach a bh' innte. Bha i 'fuireach air an Abhainn a Tuath. Agus, bha ... bha boyfriends aice. Bhiodh 'ad ... bha dithis àraid, bhiodh 'ad a' dol ann, chuimhead oirr' an tì deanamh ??

Ach, an t-oidhch a bha seo co dhiubh, thachair gun dàinig an dithis aca dha 'n aon taigh sin. Agus, bha MacAoidh, fear dhiubh MacAoidh, agus a' fear eile, 's e Ruairidh Mac'illeathain, Ruairidh Iain Òig a chanadh 'ad ris.

Uill, an t-oidhche àraid a bha seo, thàna ... thachair gun dàinig an dithis ac' ann. Agus, o, tha ... start stoirm mhór shneachd - géil. Agus, o, rinn iad deiseil airson a dhol dhachaigh. Bha i ... stoirm cho dona 's gun dug 'ad orra fuireach.

Uill, bha MacAoidh, bhiodh ... bu thoigh leis faighinn amach dé bha Ruairidh a' deanamh ann. Agus, co dhiubh, chaidh an dithis aca ann an aon leabaidh a chadal. Chuir 'ad a chadal 'ad a's an aon leabaidh. 'S, o, bha MacAoidh sin ('son) faighinn amach 's dh' fhaighnich e dhe Ruairidh, "Bheil sibh-se càirdeach dha na daoine a's an taigh tha seo?"
"Chan eil," arsa Ruairidh, "ach air m' anam fhìn, chan eil fada gus am bi!"

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Bun is Bàrr: An Drochaid Eadarainn 2013

Please login or register if you'd like to respond.