log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Am Peata Sgadain

joined 1/1/70. Far loighne

1 reply

Air a h-innse le Aonghas Dhòmhaill Iain Ruairidh | Angus 'Cù' MacDonald, nach maireann, á Màbu, Siorramachd Inbhir Nis. 'S ann á Lochabar a thàinig a mhuinntir.
Air a clàradh le Iain Seathach ri fhaighinn air Sruth nan Gàidheal.
Air a tar-sgrìobhadh Sionainn ni'n Aonghais.

Bhiodh a' sagairt seo ag iasgach cuideachd. Chaidh e latha bha sin a-mach a dh'iasgach 's cha robh, cha robh iasg idir ann. Ach fhuair e aon sgadan. Thug e 'staigh dha 'n bhàt' e 's bha e 'spriodadh. 'S bha bu_caid uist' aige 's lìon e 'bhucaid do dh'uist' 's chuir e sgadan anns a' bhucaid uist'. Bha sgadan a' snàmh mu 'n cuairt 's a' bhucaid. Agus thug e leis dhachaigh e. Bha latha car teth 's bha e 'g ràdh ris fhéin nach... gum biodh e na b' fheàrr airson ith', cha bhiodh e marbh fad' ach ....

Fhruig e dhachaigh 's bha a' sgadan aige. 'S bha e 'coimhead air is bha e car leisg air a mharbhadh. Thug e ás a' bhucaid uist' e 's bha e 'coimhead air 's bha e aig' ás cóig mionaidean. Chuir e air ais dha 'n bhucaid e agus bha a' sgadan a' snàmh mu 'n cuairt. Bha e 'coimhead air agus thug e ás e an uair sin deich mionaidean.

Chuir e air ais a' sgadan 's bha e 'snàmh mu 'n cuairt mar a bha e roimhidh. Thug e ás an uair sin e fad cóig mionaidean deug. Chuir e air ais e agus bha a' sgadan beò a' snàmh cho brèagha. Thòisich e 'n uair sin a thoirt ás leth-uair a h-uile trup. Agus chuireadh e air ais a' sgadan agus bha a' sgadan beò.

Lean e air sin gus mu dheireadh bhiodh a' sgadan, bhiodh e beò gun a bhith 's an uist' idir. Bhiodh e aige 's bhiodh e 'falbh ás a dheoghaidh. Bhiodh e 'dol dha 'n choille còmhla ris, bhiodh e 'dol a dh'iarraidh a' chruidh còmhla ris 's bhiodh, bhiodh …. O, bha e fhéin 's a' sgadan a' faighinn air adhart math còmhla.

Ach latha bha sin, bha e 'dol a dh'iarraidh a' chruidh. Bha e 'staigh air seann rathad 's bha drochaid air an abhainn a bh' ann. 'S bha e 'dol seachad 's bha an drochaid a' fàs sean. Bha tuill oirre. Ach gheobha(dh) tu seachad oirre nam biodh tu car cùramach. Ach cha robh a' sgadan a' coimhead 's chaidh e ... ghabh e sios [?air feadh?] na tuill a bha 's an drochaid sios dha 'n abhainn agus chaidh a bhàthadh.

Please login or register if you'd like to respond.

Feel free to explore, but please login or register if you'd like to participate.