log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Buaidh na Bàrdachd

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-innse aig Eòs Nìll Bhig (MacNìll), nach maireann, Ceap Leitheach, Siorramachd Cheap Breatainn

'S ann aig Iain MacIlleathain, Iain Chaluim Iain Chaluim, a chuala mi a' sgeul a bha seo, 's bha e 'g innse mu dheidhinn bàrd sònraicht’ a bh'ann. 'S ann an Alba bha e, bha e cinnteach gu leòr. Agus bha e col'ach gun d' rinn e òran a' moladh neach air choireigin agus bha `n duine a bha seo car àrdanach, mór ás fhéin no rudeigin. Agus sheinn e dha an t-òran a rinn e, s, o, mhol e 'n t-òran.

Ach thuirt e ris, "Cha b' urrainn dhut," os' esan, "an còrr òran a dheanamh dhomhsa, ach mar a rinn thu."

Agus, tha mi 'creidsinn nach do chòrd seo ris a' bhàrd ann, 's e duine car iriseal a bhiodh ann.

Agus, "O, stad ort," os esan, "tacan beag, ma thà."

Agus thòisich e air deanamh aoir dha 'n fhear, òran dha 'ga ruith sìos, 'ga mho… 'ga dhi-moladh. Bha fear eile 's a làmh air a taobh a chinn agus ag éisteachd ris an òran. Agus a rèir na naidheachd a bh' aig MacIlleathain, nuair a thog e làmh far a taobh a chinn 's an deaghaidh dha 'n fhear eile a bhi réidh dhe 'n òran, thuit a fhalt a bha fo làimh dheth far taobh a chinn. Feumaidh gu robh an t-òran gu math domhainn.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Seòige NicDhòmhnaill
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt

Please login or register if you'd like to respond.