An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (3/20/18)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air h-aithris le Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria. Air a clàradh le Seigheag ni'n Aonghais Iain Pheadair. Iain mac Iain Ghilleasbuig Aonghais 's a' chuideachd.
Seigheag: Dé a thuirt a' fear eile? "Chan eil a dhìth orm-as ach oiseann beag a dh' ifrionn gun a bhith ro theth."
Mìcheal: O, 's e.
Iain Philip: Gun a bhith ro theth.
S: Dé thuirt e?
M: Rinn e, rinn e, rinn na gillean òga trick air a's a' stòr. Bhiodh 'ad a' ceannach leth-bharailte sgadain a h-uile, a h-uile toiseach geamhraidh. Agus, dé rinn 'ad ach thug 'ad a' sgadan ás agus chuir 'ad breigeachan ann 'na àite. Agus, bha sin math. Chuir 'ad an ceann air 's air a' bharailte. 'S thug e dhachaigh e 's bha a bhean 'dol a dheanamh dìnnear. Chaidh i sios ... far a robh, sios dha 'n t-seilear, choimhead i, thug i an ceann far a' bharailte. 'S cha robh ann ach breigeachan. Thàinig i 'nuas 's thuirt i ris, ris a' chompanch, "Chan eil sgath a' siod ach breigeachan!" That was it. "Falbhaidh mi." Uell, dh' fhalbh e. Thug e 'n aghaidh air a' mharsanta an Iona.
"O, Mhuire, Mhuire."
"Ist, ist!," thuirt e ris, "Bheil fhios agad dé latha a th' ann an diugh? Di h-aoine na Ceusda 's thu 'damaineadh."
O, bha e wicked gu damaineadh. Agus ...
"O, tha mise coma. Air a dh' eugas mise, chan eil a dhìth ormas ach àite cumhang ann an ifrionn 's gun a bhith ro theth."
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Seigheag ni'n Aonghais
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.