log asteach
logo

Siorramachd Inbhir Nis

Stòraidhean is Naidheachdan

A' Ghobhar Ghlas

Facal-toisich

Tha i seo `na naidheachd ann dha `n chloinn.  Gabhaidh suidheachadh dhe `n stòraidh seo faighinn às caochladh thobraichean, `nam measg sin Mac-Talla agus aig beulaichean eile a bhuineadh do choimhearsnachd Chamais Leathain. `S e brìgh na sgeulachd seo mar a fhuair a' ghobhar ghlas làmh an uachdair air a’ mhadadh ruadh a dh' ith na minn aice. “Théid seòltachd thar spionnadh.”

Neach-aithris: Seumas Watson

Gaelic children’s stories come with high value in entertainment and lessons taught. The Grey Goat story was commonly told at a time when Gaelic was a common household language. This story concerns how a fox that has eaten the Grey Goat’s kids is dealt with by a clever mother’s perseverance.

Les récits pour enfants des Gaëls sont à la fois très divertissants et très instructifs. L’histoire de la chèvre grise était souvent racontée à une époque où le gaélique était couramment parlé à la maison. Cette histoire est celle d’un renard qui a mangé les petits de la chèvre grise et de la vengeance de cette mère astucieuse et persévérante.

A' Ghobhar Ghlas

[Bha a’ Ghobhar] Ghlas a’ fuireach ann am bothan beag taobh na coilleadh. Bha i air falbh a h-uile latha a thrusadh biadh dhan family. Dh’fhalbh i sin aon latha. A h-uile latha a dh’fhalbhadh i, thigeadh i dhachaigh; dh’fhaighneach[adh] iad, “Có tha seo aig an dorust?”

Bheireadh i, “Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair.”

Dh’fhalbh i latha bha seo. Cho luath `s a dh’fhalbh i, thàinig am madadh-ruadh is thuirt e, “Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair.” Thuirt iad ris, “Cuir astaigh do spògag bheag chiar chrom bhòdhach astaigh air taobh dorus na còmhladh is faithnighidh sinn e ma `s tu mo mhàthair fhìn.”

Chuir e `staigh a spòg is thuirt iad ris, gu robh iad ag iarraidh air falbh à seo, “Cha tusa mo mhàthair.”

Thuirt e, “Dé `n comharradh a th’ agaibh-se air spògag bheag chiar chrom do mhàthar fhéin?”

“Tha, ribean dubh `s ribean dearg `s ribean gorm `s ribean uaine `s ribean dubh air spògag bheag chiar chrom mo mhàthar fhìn.”

Thog e rith’ `na leum `s chaidh e dh’ ionnsaidh àit’ an tàilleir.

Fhuair e ribean beag air a h-uile dath: dearg is gorm is uaine is dubh. `S cheangail e air a spòg e is dh’fhalbh e dh’ionnsaigh àit’ a’ Ghobhar Ghlas.

Thuirt e, “Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair.” Cuir astaigh do spògag bheag chiar chrom bhòdhach air taobh dorus na còmhladh ‘s faithnaighidh sinn e ma `s tu mo mhàthair fhìn.”

Chuir e `staigh a spòg.

Oh, dh’fhosgail iad an dorus `s a’ mhionaid. Thàinig e `staigh. Thàinig e `staigh, leum e, is dh’ith e an trì dhiubh gun stad. Bhuail an cadal a’ sin e. Chaidh e `na shìneadh.

Thàinig a’ Ghobhar Ghlas air ais. “Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair.” Cha chluinneadh i duine. Cha robh sian a’ gluasad.

Thog i rith’ a’ sin. [Thug i ceithir … thog i rith’ ]

Chaidh i dh’ionnsaigh àite nan coimhearsnach `s bha i aig na dorsan. Chan fhaigheadh i astaigh. Chaidh i suas air mullach an taigh’. Dh’éibh iad rith’, “Có tha seo air mullach mo bhothagain a’ cumail amach smùid mo theineachain `us mi `bruich mo bhonnachain?”

“Tha mis’ a’ seo,” ars’ a’ Ghobhar Ghlas, “siubhal airson mo chuid meann.”

“Uill, air an dreathan air an dris, air an talamh a tha fo `d chois, air a’ ghrian a chaidh seachad sìos, chan fhaca sinn-ne riamh do chuid meann.”

Dh’fhalbh i is chaidh i dh’ionnsaidh an ath taigh choimhearsnach. Bha i aig an dorus treis sin. Chan fhaigheadh i astaigh. `S chaidh i suas air mullach an taigh’.

“Có tha seo air mullach mo bhothagan a’ cumail amach smùid mo theineachain `s mi `bruich mo bhonnachain?”

“Tha mise ann,” thuirt a’ Ghobhar Ghlas, “a’ siubhail airson mo chuid meann.”

“Uill, air an dreathan air an dris, air an talamh a tha fo `d chois, air a’ ghrian a chaidh seachad sìos, chan fhaca sinne riamh do chuid meann.”

Dh’fhalbh i air ais. Chaidh i dhachaigh. Dh’fheuch i a-rithist, “Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair.” Dh’fhosgail am madadh-ruadh an dorus. Thàinig i `staigh. Oh, bha `n cadal air, bha e cho sgìth `s bha e `faireachdainn done. Thuirt i ris, “Sìn thusa. Tha mise `dol a dheanadh dhut bobhla do bhrochan coirc’.”

Dh’fhalbh am madadh-ruadh. Bha e cho toilichte `s shìn e dar a bha e `dol a dh’fhaighinn bobhla do bhrochan. Rinn i brochan dha `s chuir i sùith ann. `S cho luath `s a dh’òl e, dh’at e `mach. Fhuair ise sgian bheag bha [`na] pòca `s splud i sìos e. Thuit Poca Gainmh `s an Gille Saice agus Anna Bhuidh’ amach. Ghlan i suas iad. Bhiadhaich i a’ sin iad leis a rud a bha i `cur cruinn. Shlaod iad amach am madadh-ruadh. Sin mar a dh’éirich dhan mhadadh-ruadh. Cha ruigeadh duine leas dorus a ghlasadh tuilleadh air a’ shàilleabh.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012


 

The story of the Grey Goat and the Fox.

Histoire de la chèvre grise et du renard.

Annie Mae ni’n Sheonaidh Bhig ‘ic Alasdair

Rugadh Annie Mae ni’n Sheonaidh Bhig ‘ic Alasdair a’s a’ Chreig Dhuibh. `S ann a mhuinntir Chanaidh a bha a seanair, Alasdair. Bha i `ga measadh mar bhoireannach fiadhlaidh, còir, `na deagh bhana-choimhearsnach dha na h-uile. `S e a b’ fheàrr le Annie Mae air an t-saoghal còcaireachd, céilidh ’s ceòl.

Neach-aithris: Seumas Watson


 

Annie Mae Gillis (née MacIsaac) was born in Blackstone. Her grandfather, Alexander MacIsaac, came to Inverness County from the Isle of Canna. Annie Mae was known as a good neighbour and for her generosity to those in need. She enjoyed baking, visitors and playing the violin.

Annie Mae (née MacIsaac) Gillis est née à Blackstone. Son grand-père, Alexander MacIsaac, est arrivé au comté d’Inverness en provenance de l’île de Canna. Annie Mae avait une réputation de bonne voisine et de personne généreuse auprès des gens dans le besoin. Elle aimait faire de la pâtisserie, accueillir des visiteurs et jouer du violon.