log asteach
logo

The Living Bridge » Còmhradh is Ìomhaighean

Beòthaichean ann am Baile nan Gilleasach

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Beòthaichean ann an Gillisdale: Còmhradh le Màiri is Bhincent MacFhionghain. Air a chlàradh 's air a tar-sgrìobhadh le Caraman NicArtair.
Am Màrt, 2017

Air a h-aithris le Bhincent 's Màiri MacFhionghain, Baile nan Gilleasach, Siorramachd Inbhirnis.

Bhincent: Ayrehsires is 'ad sin bha 'ad dona airson a bhith crosd'.

Carman: An robh cuimhn' agaibh air tarbh a bha crosda?

B: O bha, poidhle. Tha cuimh' agam b' àbhaist dhuinn a bhith 'dol a bhuain dearcan shuas seo is bhiodh tarbh cuideigin…

Mairi: Niall Alaidh, bha tarbh crosd' aige.

B: Jimmy Collins, bha tarbh crosd' aig an fhear sin a muigh 's a' mhonaibh.

M: Bhiodh tu ann an craobh fad là. Eagal mo dhonaidh agam ro'n tarbh crosd'.

B: Bha leithid do dh' eagal air a chuir ort a h-uile trup. 'S e sin a dh' fhaircheadh tu. Bhiodh 'ad a' gradhainn, "Feumaidh tu bhith faiceallach".

M: Bi faiceallach airson an tarbh.

C: Dar a bhiodh tu 'coiseach a dh' àiteigin?

B: O, tha cuimhn' a'm, poidhle do fheadhainn, uell, chan eil poidhle do fheadhainn ach diofar feadhainn, dh' fhairich mi gun do mharbh an tarbh 'ad. Bhiodh an tarbh 'gam marbhadh.

M: Gu h-àraid bhiodh tu 'dol a mach dha na bailtean is bhiodh 'ad a' cuir a' chrodh a mach 'son an t-samhraidh, 'son a' mhonaibh. Bhiodh 'ad 'gan cuir dhan mhonaibh.

B: An crodh nach robh 'ad a' bleoghainn, beòthaichean òg. Bhiodh tarbh ann.

C: Cait' an robh 'ad 'gan cuir?

M/ B: A mach dhan mhonadh.

C: Càit' an robh sin?

M: Shuas a's na cùil.

B: Na seann bailtean a bha 'fas.

M: Bailtean nach robh duine ann.

B: Dh' fhalbh an fheadhainn às. Bhiodh 'ad 'gan cuir a mach a sin. Bha ceithir no cóig do bhailtean a muigh a' seo is bha clìoraichean mòr ann am pàirt dhiubh. An uair sin bhiodh 'ad a's na suampaichean is bhiodh 'ad a's na clìoraichean is bhiodh 'ad 's a' choillidh.

M: Bhiodh tu 'dol a mach a bhuain dearcan ann. O, mac na sad! Dh' fhairicheadh tu e aig àite Dhòmhnaill Fhearchar is bhiodh e 'bùranaich. Uell, bha sin soighne. Cha robh thu 'dol a chòir an àite ud a bhuain.

C: Dé bha sin, a' bùranaich? Dh' fhairich mi 'geumraich.

M: Bhiodh an tarbh a' bùranaich. Cha robh thu dol a chòir an àite ud. Bha thu 'dol a dh' fhanaid ann an àite a bhiodh sàbhailte.

B: Mar is tric' bha thu 'dol dhachaidh. Bha an t-eagal ort gun robh e 'dol a thighinn a' rathad a bha thu.

C: A bheil cuimhn' agaibh a bhith 'ruith air falbh bho tharbh?

M: Nach eil fhios agad gu bheil, iomadach uair.

B: Uell, bhitheadh ach uairean nach biodh mòran feum ann bhiodh a lethid do dh' eagal ort. Ma dh' fhairicheadh tu gun robh e mun cuairt 'san àite bha thu falbh.

C: Agus tha seansa gun do dh' inns thu dhomh roimhe, Mhàiri gun robh... An robh Fionnlagh car miosal air tairbh?

M: Cha robh, bha gràin aige air tairbh. O, bha eagal a bhàis aige ro thairbh.

B: Bha an t-eagal aig a h-uile duine roimhe. Na tairbh, bhiodh 'ad crosd'. Bha Fionnlagh san Éipheit, is bhiodh a h-uile duine 'cuir na beòthaichean òg a mach a' sin. Bhiodh tarbh, pàirt dhiubh, bhiodh tarbh mòr ann.

M: Bhiodh clisgeadh ort, clisgeadh do dh' eagal ort. Carson chanadh 'ad sin Bhincent?

B: Clisgeadh, startled. Clisgeadh mar is trice bhiodh startled

M: You'd be startled by it. Dh' fhairicheadh tu 'ad a' bùranaich.

B: Mar is trice, mar is trice bhiodh feadhainn a' piocadh orra is 'gan deanadh crosd'.

C: Am biodh? Cha robh suid ro laghach.

M: Coltach ris a' reithe.

M/ B: An reithe. Dh' fhàsadh a' reithe crosd'.

C: An d' fhairich sibh riamh gum biodh feadhainn a' cuir pìos clò air a' reithe?

B: Oh yeah, 'cuir patch air a' reithe. Oh yeah, bhiodh 'ad a' cuir patch air a' reithe.

C: Carson a dhèanadh 'ad sin?

M: Dòigh 's nach fhaigheadh e miosg nan caorach.

B: 'Son 's nach fhaigheadh e a bhith 'deanadh uain.

M: Bhiodh 'ad a' toirt a' reithe a staigh.

B: B' àbhaist crodh a bhith dona gu leum na feansaichan. Bhiodh 'ad a' cuir bòrd orra. Cha do dh' fhairich thu sin roimhe?

C: Chan eil fhios a'm, dh' fhaoidhte. Agus am biodh sin mu chuairt air an amhach aca?

B: Bha e mun cuairt air na h-adharcan. Bha e 'tighinn a nuas seasach air na sùilean aca nach fhaiceadh 'ad. Chìtheadh 'ad ag ithe. Chìtheadh 'ad rud a bha teann orra ach cha b' urrainn dhaibh faicinn, an fheans fhaicinn. Bha an fheans àrd is cha b' urrainn dhaibh fhaicinn is cha leumadh 'ad an fheans. Agus bhitheadh 'ad 'cuir... air na caoraich bhiodh 'ad a' cuir.... dé chanadh 'ad ris?

M: Bhiodh 'ad a' cuir yoke orra.

B: Bha ainm aca. Gheobhadh 'ad gobhlag, gobhlag a' fas ann an craobh is cheangaladh 'ad air a bheòthach e. Pàirt dhiubh,thigeadh 'ad is sgiubhadh(?) 'ad ro'n fheans, ro na polaichean. Agus co dhiubh ma bha pole a bha lag ann, ma bha e car supple, thigeadh 'ad roimhe is is dh' fhaoidte, springeadh an gnothuch air ais.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Caraman NicArtair

Please login or register if you'd like to respond.