log asteach
logo

The Living Bridge » Ceòl is Dannsa

Aonghas Peutanach, am Piobaire

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Annag ni’n Iain Alasdair `ic Aonghais Ailein, Rubh' an t-Seallaidh, Siorramachd Inbhir Nis. Air a clàradh le 's air a tar-sgrìobhadh le Coinneach mac Raghnaill.

Annag: South Highlands, Mabou Coal Mines. Shin agad far an d’ thainig mo sheanmhair às.

Coinneach: Do sheanmhair?

A: Mo sheanmhair. Rugadh i am Mabou Coal Mines.

C: Dé an t-ainm a bh’ oirre-se?

A: Annag Peutanach. Bha na bràthairean ‘s na peathrichean aice na fidhlearan ‘s nam pìobairean.

C: Ok. Angus Ronald agus teaghlach/muinntir Donald Angus?

A: Uh huh, uh huh. Bha Angus Campbell ag innse dhomhsa gu robh cruinneachadh air choireigin – chan eil fhios a’m co-dhiubh – thuirt e Antigonish, no Halifax, turas. Agus bha – chaidh bràthair mo sheanmhair, bha e shuas rathad Halifax, na Antigonish, chan eil cuimhn’ agam càit’ - dè an t-àite a’s an d’thuirt e. Ach co-dhiubh, bha am pìobaire a bha seo a’ cluich a’ phìob, ‘s e Pipe Major a bh’ ann. ‘S bha bràthair mo sheanmhair, cha chreip mi nach e Aonghas, bha fios aig Iain – John Philip -

C: An e Gilleasbuig a bh’ ann…Eardsaidh? Archie Beaton.

A: No, cha chreip mi nach e Aonghas…na dé a-nis an t-ainm a bh’air bràthair mo sheanmhair. Bha Aonghas, agus…Raghnall mac Alasdair Bhàin, a bh’air mo sheanmhair…mo sheanair air taobh mo mhàthar.

Agus, co-dhiubh, bha bràthair mo sheanmhair, bha e ag eisteachd ris a’ phìob, ‘s nuair a bha a’ fear réidh cluich, thuirt e ris, “Am b’ urrainn dhomhsa a’ phìob agad a chluich”, ‘s thuirt am Pipe Major, “Oh gu-dearra” thuirt e. Thuirt e, “’s e pìobair’ a th’ annamas cuideachd”, thuirt e ris a’ Phipe Major. Thug e leis a’ phiob gus a cluich. “Oh”, thuirt e, dar a thòisich e feuchainn ris a’ phìob a chluich, thuirt e “chan eil a’ phìob agadas” – chan eil fhios a`m ciamar a bheir tu – “air a tunadh ceart”, thuirt e ris, ‘s a’ Ghaidhlig. “Oh” thuirt am Pipe Major, “nach eil…”. ‘S e Pipe Major a bh’ ann! Agus thuirt e ri bràthair mo sheanmhair. Thuirt bràthair mo sheanmhair ris an cuireadh e ort na, an – chan eil fhios ciamar a bheireadh tu tunadh

C: Gleusadh?

A: Gleusadh, tha seans’ a-sin a bh’ ann. Shin agad a bheireadh ‘ad ris an fhidheall. Agus, o thuirt esan, “thig air adhart”. Nise, dh’innis Angus Campbell, bràthair Màiri Dhubh dhomhsa, seo dhomhsa. Agus, thug Aonghas, thug bràthair mo sheanmhair, leis a’ phìob, ‘s bha e a’ gleusadh an ‘iob - phìob. Agus thòisich e air cluich a’ phiob ‘s tha seans’ an ceòl a thug e as a’ phìob sin, ach, nach do chuala duine riamh a leithid. Agus, thuirt Aonghas nach do chluich am Pipe Major ud a’ phìob gu bratha tuillidh. Thuirt e “chuala mise – chaidh a dh’innse dhomhsa gur e Pipe Major a bh’ annam agus thàinig a’ fear ud a-staigh far a robh mis’ a’ cluich a’ phìob agus chuir ‘ad an nàire orm, gu’ robh mi ‘smaoineach’ gur e pìobaire math a bh’ annam gus an do chuala mi an ceòl a thug esan as a’ phìob.

C: Agus an ann bho ‘n t-seann dùthaich a bha am Pipe Major?

A: Oh chan ann, chan ann, ‘s ann bho ‘n seo a bha e. Antigonish no Halifax.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Coinneach mac Raghnaill

Please login or register if you'd like to respond.