An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Sionainn ni'n Aonghais (10/10/25)
joined 1/1/70. Far loighne
1 reply
Air a h-innse le Eòs Labhran MacDhòmhnaill nach maireann á Baghasdail, Siorramachd Ceap Breatainn.
Air a clàradh le Iain Seathach, ri fhaighinn air Sruth nan Gàidheal.
Air a tar-sgrìobhadh Sionainn ni'n Aonghais.
… An toiseach an t-saoghail, nuair a gheobhadh duine 'm bàs, bha cuid dha na dotairean … bhiodh iad a' togail a' chorp agus 'ga thoirt leotha. Agus bha fear a's an àite a thuig dé bha 'dol air n-aghaidh. Agus an oidhche bha seo bha e mun cuairt a' chladh 's chunnaic e na dotairean, dà dhotair, air tighinn agus dà each agus carbad aca. Agus thug iad leotha piocaidean agus sluasaidean agus chaidh iad a chladhach na h-uaigheach aig an duine a chaidh a thìodhlacadh a' latha sin.
Agus, dh'fhalbh iad 's thug iad an corp ás an uaigh. Agus shuidh iad eadarra a's a' charbad e. An uair sin, thuirt aon dotair gu feumadh iad a dhol air n-ais dha 'n chladh agus na piocaidean agus na sluasaidean fhaighinn. Agus, dh'fhalbh a' fear a bha seo agus thug e 'n corp ás a' charbad agus chuir e ri taobh a' rathaid e. Agus, shuidh e fhéin far a robh an corp.
Nuair a thàinig na dotairean air n-ais, cha do rinn iad ach falbh pàirt dha 'n rathad nuair a thuirt aon dotair ris an fhear eile, "Tha an corp a tha seo blàth."
Agus, fhreagair a' fear a bha 's a' mheadhan, "'S ann blàth a tha 'n t-àit' ás an dàinig mi."
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Barrachd fhiosrachaidh ri fhaighinn mar a ...
by Sionainn ni'n Aonghais (10/10/25)
Barrachd fhiosrachaidh ri fhaighinn mar a leanas:
https://beatoninstitute.com/macdonald-joseph-lawrence-2
https://www.androchaid.ca/creag-nam-br%C3%B2g
https://highlandvillage.novascotia.ca/sites/default/files/inline/documen...
https://www.youtube.com/watch?v=rXAYyYOeUsw