An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Sionainn ni'n Aonghais (10/10/25)
joined 1/1/70. Far loighne
1 reply
Air a h-innse le Bella ni’n Eòghainn mac Iain Alasdair Dhonnchaidh | Isabel (Bella) MacEachern nach maireann á Bràigh na h-Aibhne, Siorramachd Inbhir Nis.
Air a clàradh le Iain Seathach ri fhaighinn air Sruth nan Gàidheal.
Air a tar-sgrìobhadh Sionainn ni'n Aonghais.
Uill bha boireannach ann triop ’s bha i 'fuireach leatha fhéin. Cha robh i 'cumail crodh; 's cha robh i 'cumail sian. Agus bhiodh i dol do stòraichean le tubaichean de dh’ìm, le bogsa de chais’, bhiodh i 'ga creic a's na stòraichean. Bha feadhainn an sin a chur amhras oirre ciamar, càit' a robh i 'faighinn an ìm ’s a' chàis'.
Agus bha tuathanach a’ fuireach làimh rith' is poidhle do chrodh-bhainne aige. An ùine goirid, thòisich an crodh-bainne air a dhol tioram. ’S cha robh 'ad a’ faighinn boinne bainne aca. Agus bha, bhiodh 'ad a’ faicinn a’ bhoireannach a bha seo a’ dol a-mach a h-uile madainn ’s a h-uile feasgar bucaidean aice agus bha sin a’ cur iongantas orra agus sin, watch 'ad i [feuch am biodh 'ad] 'ga faicinn 'dol a-nunn rathad na coilleadh.
Agus chaidh 'ad 'ga watchadh latha bha seo. Agus chunnaic 'ad i aig craobhan a bha seo is na bucaidean aice is theireadh i maide 'mach á toll ’s a' chraoibh is chuireadh i bucaid mhór a' sin. Agus lìonadh i a’ bhucaid do bhainne ás a’ chraoibh. Bhiodh a' bhucaid sin làn, [?wander/wandereadh?] i gu chraoibh eile 's dheanadh i 'n aon rud. Lìonadh i a' bhucaid sin do bhainne.
Agus chan urrainn dhomh a dhol na 's fhaide. Chan eil fhios a'm dé rinn 'ad ris a’ bhoireannach. Ach, tha seans’ gun do chuir 'ad stad oirre co dhiubh. [a' gaireachdainn] Fhuair 'ad an crodh air dòigh a-rithist. Fhuair 'ad an cuid bhainne bhuapa.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Barrachd fhiosrachaidh:
by Sionainn ni'n Aonghais (10/10/25)
Barrachd fhiosrachaidh:
https://www.findagrave.com/memorial/190078541/bella-maceachern
https://stfx.scholaris.ca/items/72ff2a7e-215e-4b41-97b6-be8e74357e66