An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Sionainn ni'n Aonghais (10/10/25)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-innse le Iain mac Phàdraig | John Dan MacKinnon nach maireann á Deepdale, Siorramachd Inbhir Nis. 'S ann ás Eilean nam Muc a thàinig a mhuinntir.
Air a clàradh le Iain Seathach ri fhaighinn air Sruth nan Gàidheal.
Air a tar-sgrìobhadh le Sionainn ni'n Aonghais Iain Pheadair.
.... Air a bha e 'g obair 's a' phit trup an Inbhirnis, bha 'ad an deaghaidh speal do shìde fhuar fhaighinn. 'S feasgar a bha seo, bha 'ad a' feitheamh airson a dhol suas agus bha 'ad a' bruidhinn air an t-sìde, cho fuar 's a bha i.
"Uill," thuirt Iain, "bha i fuar gu dearra. Chaidh mi fhìn dhachaigh," thuirt e, "feasgar a' latha roimhidh agus ghabh mi mo shuipear. Thug mi leam an fhìdheall agus thòisich mi air cluith agus bha i cho reòite 's cha chluinninn mi fhìn a' cluith," thuirt e.
Ach, co dhuibh, an ceann beagan làithichean, thàinig aiteamh mhór agus cha robh fhios aig na coimhearsnaich mu 'n cuairt có ás a bha an ceòl a' tighinn.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.