log asteach
logo

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Gàidhlig `s a' Mhór-roinn

Pàdraig Bennett

Facal-toisich

Chìthear a's a' phìos seo fear òg a tha togail na Gàidhlig ann am Baile Haileafags.

 

Neach-aithris: Seumas Watson

Profile of a Gaelic learner in HRM.

See video

Séidheag Nic`illeMhaoil: Tha ceist na dhà agam dhut an diugh. An innseadh thu dhuinn có thu?

Pàdraig Bennett: Uill, ‘S mise Pàdraig -- Pàdraig Bennett. Agus, `s ann à Havre Boucher an Ear a tha mi, ann a Siorramachd Antaiginis.

SNM: Agus gu dé bu choireach gun do dh’ ionnsaich thusa a’ Ghàidhlig?

PB: Uill, bha beagan do Ghàidlig aig mo sheanmhair, màthair m’ athar, agus Beatrice an t-aimn a th’ oirre. Agus `s ann a Chloinn ic Eachairna a tha i. Agus tha facal Gàidhlig neo dhà aice, ach a h-athair, bha esan gu math fileanta agus sin a bu choireach gun do thog mi mo chuid dhith.

SNM: Ciamar a thog thu a’ Ghàidhlig?

PB: Ciamar? Uill, là a bh’ ann bha mi a’ coimhead air a’ phàipear naidheachd, aig an obair, agus chunna mi sanas, oh, gu math, gu math beag -- dìreach mar siod, agus bha iad ag ràdhainn gu bheil clasaichean Gàidhlig a’ dol air adhart ann an Haileafags. Agus, uill, bha mi air mo chois, agus air a' fòn, dìreach a’s a’ mhionaid mar siod. Bha mi a’ bruidhinn ri Kathy Reddy, agus sin mar a thog mi a’ Ghàidhlig. Bha mi aig na clasaichean aig ceann dà sheachdain neo leithid siod agus bha mi ag obair oirre bhon uair sin.

SNM: Sin thu fhéin. Agus, ciamar a chuireas tu a’ Ghàidhlig gu feum an duigh?

PB: Uill, an dràsd’ `s a rithist bidh mi a’ cur -- cuiridh mi i gu feum agallamhan a dheanamh, mar a tha seo. Agus, bidh mi a’ seinn - eadar an cànan Gàidhlig is a’ bruidhinn ri mo chàirdean, mo charaidean.

SNM: Shin agad e. Tapadh leat gu mór a Phadraig.

PB: Oh, `s e do bheatha.

Tar-sgrìobhadh: Frangag NicEachainn
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt 2012
 

Interview with Patrick Bennett.

Pàdraig mac Bhrian `ic Elmer `ic Iain `ic Benjamin

Rugadh  `s thogadh Pàdraig mac Bhrian `ic Elmer (`ic Iain `ic Benjamin) ann an Havre Boucher an Ear. `S ann às Àrasaig a thàinig a chuideachd. `S e bhith cluinnteil ceòl na fìdhleadh a thug air Gàidhlig a thogail. Dh'ionnsaich e a chuid Ghàidhlig `s an Àrd-bhaile `s na clasaichean ‘Gàidhlig aig Baile’. The e math gu naidheachdan is òrain agus measail air deagh chuideachd.

 

Neach-aithris: Seumas Watson

Patrick Bennett was born and raised in East Havre Boucher. His people came from Arisaig. He took an interest in learning Gaelic after developing an appreciation for fiddle music. He learned Gaelic in Halifax at Gàidhlig aig Baile classes. Great to tell stories and sing songs, his company is well loved.