log asteach
logo

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Na h-Òrain

Hi Ho Rò Mo Mhàiri Bhuidhe

Facal-toisich

Tha gille `s an òran seo ag innse mu bheatha air soitheach-seòlaidh. Cluinnear aig an t-seòladair mu dhroch shìd' air a’ mhuir agus esan a’ cuimhneachadh air an t-saoghal a bh’ ann nuair a bha e tioram air tìr.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

In this song, a young man describes life on a sailing ship. The sailor tells about the misery of bad weather at sea while recalling his days as a herd-boy on dry land.

Dans cette chanson, un jeune homme décrit la vie à bord d’un voilier. Le marin parle du temps épouvantable en mer et se remémore sa jeunesse passée à garder des troupeaux sur la terre ferme.

Hi Ho Rò Mo Mhàiri Bhuidhe

Hì hò ro Mo Mhàiri Bhuidhe ho hò rò-o hì hò

`S e `cheud là Di luain dhe `n earrach

Rinn sinn falbh air bàt’ an aiseig

Thog sinn na siùil ris na crannaibh

Shéid i trom oirnn le fràsan

Trom ri m’ chluasan fuaim na maradh

Gaoth an iar-eas `s clach mheallain

Cinn `gar siabadh geal na maradh ??

`S is’ a’ snàmh air bhàrr nan tonnan

`S e mo chàs gun dh’fhàg mi `m baile

Far am b’òg a bha mi `nam bhalach

Buachailleachd crodh laoigh air àirigh

`S mi gun chùram, na gun smalan

Cha bhi Dùn an diugh air m’aire ??

Mi gun fios cà’ bheil mo leannan

`S gu bheil `m b’fheàrr leam i a bhi mar riut

Thug mi gràdh dhut a bhios maireann

Ach ma phòs (?) thu nist fear eile

`S e mo dhùrachd thu bhi fallain

Gun thu bhi an éis ri fearann?

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012
 

An old sailing song.

Vieille chanson de marin.

Mairead Bean Ruairidh Iagain Ruairidh

Rugadh Mairead Bean Ruairidh Iagain Ruairidh ann am Baghasdail. `S ann à Barraigh a bha a cuideachd. Bha i `na tasglann beò do dh’ òrain ionadail agus òrain gun urra a bhuineas dha `n t-Seann Dùthaich. Dh’ ionnsaich i deagh roinn dha a cuid òran aig a seanmhair, Màiri Dhòmhnaill Nìll (NicFhionghuin), aig dà bhràthair a màthar (Seonaidh Iain Dòmhnallach agus Mìcheal Iain Dòmhnallach) agus aig a seanair, Dòmhnall Dòmhnallach. Bha e `na bheachd làidir aice gu robh còir againn-ne dualchas nan òran a chumail aig àrd ìre.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Margaret MacLean (née MacDonald), a descendent of Barra stock, was born and raised in Boisdale. Margaret was a treasure to us all with the richness of her song repertoire. She learned many of her songs from her grandmother, Mary (MacKinnon) MacDonald, her two uncles, Johnny Iain and Michael Iain MacDonald, and her grandfather, Donald MacDonald. Margaret was strongly of the opinion that we must all maintain the song tradition at a high standard.

Margaret MacLean (née MacDonald), dont les ancêtres étaient originaires de Barra, est née et a été élevée à Boisdale. Margaret était un trésor pour nous tous parce qu’elle possédait un répertoire de chansons inépuisable. Elle avait appris bon nombre de ces chansons auprès de sa grand-mère, Mary MacDonald (née MacKinnon), de ses deux oncles, Johnny Iain et Michael Iain MacDonald, et de son grand-père, Donald MacDonald. Margaret était convaincue que nous avons tous le devoir de défendre coûte que coûte la tradition des chansons.

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Nòs a’ bhìdh

Bonnach Earraich

Facal-toisich

'S a' bhidio seo, tha Treusag Bhurg a' toirt dealbh air caochladh bhonnach a bhiodh 'gan ithe `san àm a bha i òg. Tha i a' toirt tarraing air ceithir seòrsachan dha `m b'aithne dhi `s àm ud: am bonnach dubh, am bonnach buidhe, bonnach earraich agus am bonnach breac. Bha diofar anns an deasachadh aig gach fear dhiubh. Mar a thuirt Treusag fhéin, "Chòrdadh gach fear riut le ìm, treacail, na an dà chuid!"

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

In this video, Theresa Burke describes different types of bonnach she had growing up in Rear Big Pond. She outlines the four types as: black bannock, yellow bannock, the bannock of spring and the speckled bannock. Each banockd had its own method of preparation, but as Theresa explains – each can be enjoyed with butter, or molasses, or both!

Dans cette vidéo, Theresa Burke décrit différents types de bonnach qu’elle consommait dans sa jeunesse à Rear Big Pond. Les quatre types sont les suivants : bannock noir, bannock jaune, bannock du printemps et bannock moucheté. Chaque bannock était préparé d’une manière différente, mais, comme l’explique Theresa, on pouvait tous les savourer avec du beurre, de la mélasse ou les deux!

See video

Modh bìdh

Bonnach Earraich

1 chupa flùir
3 spàinean beaga do dh’fhùdar-béicearachd
1 spàn bheag do sóda
Mu thuaiream ½ chupa do mhin-bhuidhe
Beagan na `s lugha na 1/3 chupa ola-còcaireachd
Ugh
1 1/2 chupa do bhainne

Dean criathradh air na stuthan tiorama gu léir - ach a’ mhin-bhuidhe -anns an aon bhobhla. Cuir mun cuairt iad gu math. Criathraich a’ mhin-bhuidhe agus cur anns a’ bhobhla i leis a’ chòrr. Ann am bobhla fa leth, cuir an ola ann, le ugh an toiseach, agus am bainne `nan deaghaigh. Measgaich an stuth uile – tioram is fliuch - anns an aon bhobhla. Grìs am pana. (*Ma `s e pana cruinn eanamal a bhios agad, `s ann na `s fheàrr.) Doirt an taois astaigh dha `n phana. Deasaich `s an àmhainn i fad fichead `s a’ cóig mionaidean aig teas 350°.

Preparation of various types of bonnach.

Préparation de divers bonnachs.

Treusag ni’n Pheadair Mhóir Steabhain Mhìcheil

Rugadh Treusag ni’n Pheadair Mhóir Steabhain Mhìcheil (NicNìll) ann a Gleann a' Gharraidh. Nuair a bha i òg, chaidh Treusag a Shudnaidh air ceann a cosnaidh. Fhuair i obair a' cumail taighe agus thog i teaghlach anns a' bhaile. Thàinig a sinnsearan às Eilean Bharraigh. Tha Treusag `na boireannach calma, comasach. Tha i fhathast ri fuineadh agus ag obair mun cuairt an taighe. Tha i fhéin agus a nighean, Marstag, a' seanchas `s a' Ghàidhlig gu tric.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Theresa Burke (MacNeil) was born and raised in Rear Big Pond, Cape Breton County. She moved to Sydney for work as a young woman. She gained employment as a housekeeper and made a life for herself in the city, where she raised her family. Her ancestors came from the Isle of Barra. Strong and still very active, Theresa enjoys baking, working around her home and speaking Gaelic to her daughter, Marion.

Theresa Burke (née MacNeil) est née et a grandi à Rear Big Pond, dans le comté du Cap-Breton. Elle a déménagé à Sydney pour son travail quand elle était jeune femme. Elle est devenue gouvernante et s’est construit une vie en ville, où elle a élevé sa propre famille. Ses ancêtres étaient originaires de Barra. Elle est forte et toujours très active et elle aime faire de la pâtisserie, travailler dans la maison et parler le gaélique à sa fille Marion.

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Cleachdaidhean nam Féilltean

Féill Moire na Buana

Facal-toisich

Anns a’ phìos seo, tha Migi Eòin Chaluim Sheumais Mhóir ag innse mu dheidhinn seann chleachadh a bhiodh ac' air Féill Muire na Buana, an 15mh là dhe `n Lunasdail. Tha a’ là ud air a chumail mar a’ là a dh’éirich colann `s anam Muire suas dha 'n Fhlaitheanas. Tha cuimhn’ aig Migi air daoin' a' dol sios do chladach na léigeadh a’ là ud gus uisg' a chur ann am botail.  Bhathas `ga ùsaideachadh mar uisge-coisrigte nuair a dh'fàsadh cuideigin bochd.  Bhathas a’ creidsinn gu robh leigheas ann.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

In this clip, Mickey John H. tells about an annual custom held on the Assumption of Mary, or Marymass, which is observed on August 15. This feast day is recognized in the Christian faith as the day the Virgin Mary assumed into heaven. Mickey recalls going down to the shores of the Bras d’ Òr Lake as a child with members of his community and collecting salt water in a bottle. This water was believed to have curative properties and would be used like holy water when someone was ailing.

Dans ce clip, Mickey John H. parle d’une coutume annuelle se déroulant lors de l’Assomption, le 15 août. Cette fête est célébrée par les chrétiens comme le jour où la Vierge Marie est montée aux cieux. Mickey se rappelle que, quand il était enfant, il descendait à la rive du lac Bras d’Or avec des membres de sa communauté pour recueillir de l’eau salée dans une bouteille. On pensait que cette eau avait des vertus curatives et on s’en servait comme une eau bénite lorsque quelqu’un était malade.

See video

Bha là eile ann an July – August, the Assumption of Mary. Bha iad ag ràdh gun na chuir i làmh a’s an uiste a’s ar léig. Bhiodh iad a’ dol gu beaches, bhiodh iad a’ toirt botul do dh’ uist’ ás a’ léig -- uiste saillte. Bha `ad ag ràdh gum biodh leigheas ann. Bha iad a’ creidsinn ann a’ sin.

Tar-sgrìobhadh: Frangag NicEachainn
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt

Annual custom observed on August 15, the Assumption of Mary.

Coutume annuelle observée le 15 août, jour de l’Assomption.

Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir

 `Na dhuine còir, Crìostail, rugadh Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir air baile beag `s a' sgìre Baile Sheumais, faisg air Sanndra, far an do sheatlaig a shinnsearan: luchd-àiteachaidh à Barraidh. Chaidh a thogail ann an taigh far a robh a’ Ghàidhlig `na h-àbhaist. B’ ann tric a thigeadh nàbaidhean air chèilidh gun gabhadh iad òrain `s naidheachdan an cuideachd a chéile. Bha Migi `na shaighdear `s an airm. Nuair a thill e dhachaidh, cheannaich e an Co-op ann a Sanndra far an do chuir e seachad deich bliadhna fichead air cùl a’ chùndair. Bha e `na bhall anns a’ chòmhlan "Seinneadairean Gàidhlig Shanndra" fad na bliadhnaichean móra. An diugh, bidh Migi a’ seinn ann an còisir Eaglais Chaluim Chille 's aig frolaigean luadhaidh air feadh an eilein.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Born on a small farm in Jamesville, near Iona, Mickey John H., a Barra descendant, grew up in a Gaelic household where friends and family would gather in the evenings to share stories and songs. Mickey spent several years away in the army, but returned home to Jamesville and eventually bought the Co-op store in Iona, which he ran for thirty years.  Mickey has attended St. Columba Parish Church in Iona throughout his life, and continues to sing in the church choir today. He has also sung at many events around Cape Breton with The Iona Gaelic singers. Mickey is a friend to all and a devoted supporter of Gaelic language and custom in the Iona area.

Mickey John H. est né dans une petite ferme à Jamesville, près d’Iona. Ses ancêtres étaient originaires de Barra. Il a grandi dans un foyer gaélique où les membres de la famille et les amis se rassemblaient le soir pour raconter des histoires et chanter des chansons. Mickey a passé plusieurs années loin de chez lui, dans l’armée, mais il est revenu à Jamesville et a fini par acheter le magasin Co-op à Iona, qu’il a exploité pendant 30 ans. Mickey a fait partie de la paroisse de St. Columba à Iona pendant toute sa vie et chante toujours dans la chorale de l’église aujourd’hui. Il a également chanté lors de nombreux événements au Cap-Breton avec les chanteurs du groupe Iona Gaelic Singers. Mickey est l’ami de tous et un ardent défenseur de la langue et des coutumes gaéliques dans la région d’Iona.

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Nòs a’ bhìdh

Fàilt' a' Bhonnaich

Facal-toisich

Rinneadh an t-òran seo le Eairdsidh Sheumais à Eilean na Nollaig. Bha Eairdsidh gu math eòlach air bonnach-coirce, biadh cumanta `s an àm a bha e 'g éirigh suas. Ge b’e dé cho tric `s a nochdadh e air a’ bhòrd-bhìdh, tha Eairdsidh Sheumais `ga mholadh mar lòn air leth blasda “le còta math do dh’ìm” air. Bha am bonnach-coirce `na bhiadh a chumadh sgairt ris na Barraich samhradh `s geamhradh.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

 A Salute to the Oatmeal Bonnach was made by Archibald MacKenzie of Christmas Island, Cape Breton County. Archibald was well acquainted with oatmeal bonnach, a staple during his youth. He praises the bonnach so often enjoyed with a “good coat of butter.” He relates how this valued food (oats) was brought with the Barra men to Nova Scotia and how it sustained them throughout the year.

Archibald MacKenzie de Christmas Island, dans le comté du Cap-Breton, salue le bonnach à l’avoine. Archibald connaissait bien ce mets, qu’on consommait régulièrement dans sa jeunesse. Il chante les louanges du mets, qu’on savourait souvent avec une « bonne couche de beurre ». Il parle du fait que cet aliment de valeur (l’avoine) a été apporté par les hommes de Barra en Nouvelle-Écosse et les nourrissait tout au long de l’année.

Fàilt' a' Bhonnaich

“Fàilt’ a’ Bhonnaich-Choirce”
Gilleasbuig MacCoinnich

O fàilt’ ort fhéin, a bhonnaich-choirce,
‘S éibhinn leam gun d’ rinn thu nochdadh;
An tìm m’ òige, b’ eòlach ort mi, -
‘S tric a dh’ fhalbh mi-fhéin do’n sgoil leat.

'S tric a dh'fhalbh mi leat gu h-uallach,
'S tu 'sa mhàileid air mo ghualainn;
Ged bhiodh sneachd' 's reothadh cruaidh ann,
Ruigeamaid taigh-sgoil na bruaicheadh.

Na laoich chalma, mheanmnach, smearail,
Thriall do’n tìr so nall à Barraidh;
‘S i mhin-choirce dh’ fhàg iad fallain,
Brochan, fuarag, lit' is aran.

‘S tu mo laochan, blasda, brìgheil,
Cha bhi féist ach far am bi thu;
‘N uair théid còta math de dh’ ìm ort,
Càit am faighte biadh as mìlse?

.......................................................................

B’ iad na leòghainn anns na blàraibh
Nach tug riamh an cùl ri nàmhaid,
Agus maraichean bha sàrmhath,
‘N uair a dh’ éireadh am muir-bàite.

Gun d’ fhairich a’ choille ghruamach
Neart an gàirdein cùl na tuaighe,
Leag is spolt is loisg iad suas i,
‘S dh’ fhàg iad againn fearann uaine.

A Chatrìona, na bidh gòrach,
Deanamh arain flùir an còmhnuidh;
Ma ‘s a math leat fada beò mi,
Dean am bonnach-coirce dhòmh-sa.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgialachdan à Alba Nuaidh
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

A song made in praise of Oatmeal Bonnach.

Chanson à la louange du bonnach à l’avoine.

Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais

`S ann an Eilean na Nollaig a thogadh Gilleasbuig MacCoinnich (Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais).  Tha Eilean na Nollaig `na nàbachd a tha air a bhith air leth taiceil do chanain `s do shaoghal na Gàidhlig. Bha athair, Eairdsidh Sheumais, `na mhaighstear-sgoile, `na sgrìobhadair `s `na bhàrd ainmeil. Thug Gilleasbuig móran bhliadhnachan ag obair `na fhear ghnìomhachais eadar Baile Shudnaidh agus Baile Haileafags. A bharrachd air a’ stòr òran a thug e seachad le fialaidheachd do luchd-rannsachaidh, bha mion-èolas prìseil aig' air an sgìre fhéin `s an d’rugadh e.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Archie MacKenzie was raised in the Parish of Christmas Island, an area with strong Gaelic traditions. His father, also named Archie, was a schoolteacher, a writer and a well-known Gaelic bard. Archie MacKenzie spent many years as a businessman between Sydney and Halifax. In addition to his extensive repertoire of songs that he shared so generously with other Gaels and with researchers, he had a profound and detailed knowledge of the parish were he was raised.

Archibald J. MacKenzie est né à Rear Christmas Island, dans le comté du Cap-Breton, région principalement colonisée par des émigrants originaires de l’île de Barra. La mère d’Archie, Catherine, était une poétesse très respectée et descendait d’une longue lignée de cornemuseurs et de danseurs. Archie a commencé à jouer du violon à l’âge de 12 ans, quand il a fabriqué un violon à l’aide de bois d’une souche de pin se trouvant à proximité de chez lui. Archie est devenu un très bon violoneux et jouait souvent pour les bals et les mariages de la région. Il était également cultivé et est devenu un enseignant. À un âge plus avancé, il a écrit et publié l’ouvrage intitulé The History of Christmas Island and Parish.

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Nòs a’ bhìdh

Marag Gheal

Facal-toisich

Bha na Gàidheil riamh measail air a’ mharaig ris an canadh `ad a' mharag gheal. Tha i `na biadh fasanta gu ruige an là an-diugh. `S an àm a bha bailtean beaga am pailteas air feadh Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh, `s e a bu chleachdadh do dheagh bhean an taighe a bhi 'g éirigh air maragan a dhèanamh aig àm na bùidearachd. Nach blasda marag air an truinnsear `s a’ mhadainn an àm a’ gheamhraidh?

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

White pudding has long been a favorite food of the Gaels. It remains relished to the present. When small farms were numerous, housewives would make marag at the time of butchering. Marag is delicious as morning food in the winter.

Dans cet enregistrement, Catherine MacNeil explique comment on fabriquait le boudin noir et le boudin blanc dans sa famille. Elle explique que la seule différence était que le boudin noir utilisait du sang. Dans les deux cas, on utilisait les intestins, généralement d’une vache, qu’on remplissait de suif, d’avoine, d’oignons, de poivre et de sel, puis qu’on fermait et qu’on faisait cuire.

Marag Gheal

CATRÌONA: A’ deanamh nam maragan, nam maragan dubha. Uell, cha d’ rinn mise gin do mharagan dubh’ riamh, ach chunnaig mi mo mhàthair `gan deanamh. Agus an aon diofar a bha annda, bhathas a' cur fuil còmhla ris a’ mhin-coirce, `s a’ gheir, `s a' salann, `s na h-uinneanan, `s rud eile a’ dol annda. `S e an aon rud a bh’ann, ach dìreach gu robh `n fhuil a bh'ann.

EAMAG: Agus thuirt thu…càit an do ghléidh `ad an fhuil?

C: Bhathas a’ gléidheadh ... nuair bhathas a’ bùidsearachd. Bha crogan aca `s bha `ad a’ gléidheadh na fuil. Chunnaig mi mo mhàthair... bhiodh i `cur salann ann. `S rud a choimheadadh thu gum biodh an fhuil fad cola deug neo mar sin, aréir ach dé cho fuar `s a bha e. Cha robh fridges ann.

E: Agus an fheadhainn eile,  na maragan geala, dé bhiodh a’ dol annda sin?

C: Uell, na maragan geala, car mar a bhios mise `gan deanamh, bi mi `cur dà chupa do mhin-coirce, agus mu dhà chupa gu leth do gheir agus cupa, neo còrr math `s còrr `s cupa do dh’ uinneanan cuideachd air a ghearradh car fine.

E: Agus bha `ad amh?

C: Amh, dìreach, air a ghearradh fine `s amh. O, mar eile, làn spàn-tì do phiopar, ach beagan do shalann, ma tha e dhìth air duine, beagan do shalann a chur annda cuideachd. 'S bha thu `n uair sin bha thu `ga cuir seo as a ... a’ startadh air lìonadh na maraig, a’ lìonadh na maraig. `S bha thu ... nuair a bha i làn, bha thu 'ga ceangail, a’ toirt mu chuairt aig an dà cheann air a’ cheangail còmhla.

E: 'S dé bha thu ‘lìonadh?

C: Na craicein. Craicein na maraig.

E: `S dé seòrsa craicein a bh’ ann?

C: Uell, o, bhitheadh `ad ... craicein a bhiodh `ad a' ... beòthach cruidh, sin a bu trice a bha `ad ag ùsaideachadh. Bha `ad ... na craicean na `s moth' a bh'ann ... gur ann à beòthach a bha dà na trì bliadhnaichean a dh’aois. Bha siod `na craicean car na bu mhotha. Ach bha cuid dhiubh... Tha fhios a'm aon bhoireannach gu robh i a` deanamh nam maragan air craicein nan caorach. Nuair a bha `ad ... bhùidsearaicheadh `ad caorach, bha i gléidheadh nam maragan agus bha i ‘deanamh ... ghléidh i na craicein `s a’ deanamh maragan dhe sin.

 
Marag Gheal

1 chupa do mhin-choirce cruinn

1/2 chupa do gheir

3/4 cupa do dh'uineannan air an caobadh

1 spàn mhór do shalann

1 spàn bheag do charabhaidh

1 spàn bheag do bhrìghinn na circeadh

1 spàn bheag do phìobar

1/2 spàn bheag do shalann a' ghaireagain

1 spàn bheag do spìosradh steige

Bioraich le snathad gus nach sgàin i. Goil a' mharag fad uair gus a deanamh seasmhach.

Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

White puddings made at butchering time remain a food favorite among the Gaels and others.

Préparation du boudin noir et du boudin blanc.

Catrìona ni’n Iomhair Mhìcheil ‘an Shaoir

Tha Catrìona ni’n Iomhair Mhìcheil `an Shaoir `na dheagh bhean an taighe chòir. Chaidh a breith, `s thogadh i, air baile-fearainn ann an Eilean na Nollaig. B’ i a’ Ghàidhlig a' cheud chànan a bhruidhinn i astaigh.  Mar a bha a' chuid a bu motha dhe na nàbaidhean aice `s an àm, `s ann do shliochd muinntir Bharraidh a bhuineas i. Nuair a phòs Catrìona, dh' imich i pìos beag sios a’ rathad a dh'fhuireach an taigh a combanaich, far a bheil i a' còmhnaidh an diugh.  Tha Catrìona air leth taiceil dha 'n a' Ghàidhlig agus do dh'iomairtean ionadail a dh' àrdachas dualchas na Gàidhlig anns an nàbuchd mun cuairt.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Catherine MacNeil was born and raised on a farm in Christmas Island where, as was the case with surrounding neighbors, Gaelic was her fisrt language. When she married, she moved a short distance down the road to her husband's home.  Catherine is a great supporter of community events. She is a constant support to adult learners and Gaelic cultural events in the area.

Catherine MacNeil est née et a grandi à Christmas Island, où, comme c’était le cas pour ses voisins, la langue maternelle était le gaélique. Quand elle s’est mariée, elle a déménagé non loin, dans la maison de son mari. Catherine défend ardemment les événements communautaires. Elle soutient constamment les apprenants adultes et les événements culturels en gaélique dans la région.

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Leigheasan aig Baile

Leigheas air Barrain

Facal-toisich

Tha Oighrig Chùraidh, nach maireann, à Baile na Frangach, ag innse mar a bhìte dèanamh barran leigheis. Rachadh gné àraid do spuing a thrusadh air bàrr stumpaichean `s a' choillidh.  Bhathas `ga thoirt sin dhachaidh gus barran a dheanamh dheth. Mar a bu dual dha leithid dhe na leigheasan seo, bhiodh ùrnaigh air a gabhail fhad `s a bha daoin' a' deasachadh a' bharrain.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

This cure, collected from Effie Currie of Frenchvale, Cape Breton County, describes a homemade healing bandage. Fungi found around old stumps were collected, taken home and fashioned into a bandage. As with many remedies of the time, reciting prayers was part of the process.

Ce remède, évoqué par Effie Currie de Frenchvale, dans le comté du Cap-Breton, consiste en un pansement fait maison pour les plaies. On cueillait les champignons qui poussaient autour des vieilles souches, on les rapportait à la maison et on en faisant un bandage. Comme pour de nombreux remèdes de l’époque, il fallait réciter des prières en même temps.

Leigheas air Barrain

Am boireannach a bha seo, dh’fhaighnich i dé an t-ainm a bh’ air a nighinn. Thug mi dhi an t-ainm, Màiri Ann. Agus bhiodh ‘ad a’ faighinn…chan urra’ mise ‘cantainn dé an t-ainm a bh’ air, chan e snodhach a bh’ ann, cha chreid mi… ach bidh e `fas aig bàrr nan stumpaichean - seann stumpa. Tha e coltach ri dorais bheaga. Agus bha i ga cruinneachadh sin, agus bha i `dol dhachaidh, `s bha i `ga thoirt leath’ na gheobheadh i `seo agus bha i `gabhail ùrnaigh. Chan eil fhios agamsa dé `n ùrnaigh a bha i `gabhail. Agus bha i `cur rud dhe seo ann am poca beag, agus bha i `ga fhuaghal. `S bha i `cur sreang às, bheireadh i dhomh na thuigeadh i fhéin `s chuir a màthair dh’ionnsaigh na h-ighinn e. O, an ceann latha bhiodh an nighean na b’ fheàrr agus gabhaidh `ad - na barrain - eagal, théid eagal a chur orra, neo an leagadh -gu faigheadh iad droch leagadh. Agus sin mar a chuala mise sgeul mu na barrain.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012
 

Description of a homemade healing bandage.

Description d’un bandage fait maison.

Oighrig Bealag

Chaidh Oighrig Bealag a bhreith ann am Mèinnean Baile Shudnaidh.  Aig aois trì bliadhn' deug, thugadh i do dhachaigh ann am Baile nam Frangach far an deach a togail o `n uair sin.  Phòs i agus bha triùir chloinne deug do theaghlach aca.  Bha i `na bana-seinneadair iomraiteach a bha gu tric air a clàradh.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Effie Bella Currie was born in Sydney Mines, Cape Breton. At thirteen, she was adopted by a family in Frenchvale and it was there she went on to meet and marry Dougal Currie of MacAdam’s Lake, a neighbouring community in the Hills of Boisdale. Effie and Dougal raised a family of thirteen in a home steeped in the Gaelic tradition. Effie enjoyed music and was a noted Gaelic singer who was often recorded.

Effie Bella Currie est née à Sydney Mines, au Cap-Breton. À l’âge de 13 ans, elle a été adoptée par une famille de Frenchvale et c’est là qu’elle a rencontré Dougal Currie de MacAdams Lake, communauté avoisinante des collines de Boisdale, qu’elle a fini par épouser. Effie et Dougal ont élevé une famille de 13 enfants dans un foyer imprégné de traditions gaéliques. Effie aimait la musique et était une chanteuse gaélique notoire, qu’on a souvent enregistrée.

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Seanfhaclan

Na sìn do chas ach cho fad `s a leigeas an t-aodach leat.

Na sìn do chas ach cho fad `s a leigeas an t-aodach leat.

Na sìn do chas ach cho fad `s a leigeas an t-aodach leat.

-Curstaidh n’in Iain Fhionnlaidh

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal

Don't try to stretch your leg further than your clothing will allow. (i.e. don't overreach yourself/keep your place)

-Mrs Malcolm J MacNeil

N’essaye pas d’étirer ta jambe plus loin que tes vêtements (c’est-à-dire ne cherche pas à trop entreprendre / garde ta place).

- Mrs Malcolm J MacNeil

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Seanfhaclan


Cha dean an t-òl ach an duine a dh’fhaodas.


Cha dean an t-òl ach an duine a dh’fhaodas.

Cha dean an t-òl ach an duine a dh’fhaodas.

-Curstaidh n’in Iain Fhionnlaidh

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal

Only those who can will indulge in drinking.

-Mrs Malcolm J MacNeil

Seuls ceux qui le peuvent s’adonneront à la boisson.

- Mrs Malcolm J MacNeil

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Seanfhaclan

'S ann dha fhéin a nì an cat an crònan.

'S ann dha fhéin a nì an cat an crònan.

'S ann dha fhéin a nì an cat an crònan.

-Curstaidh n’in Iain Fhionnlaidh

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal

The cat purrs for itself only.

-Mrs. Malcolm J MacNeil

Le chat ne ronronne que pour lui-même.

- Mrs Malcolm J MacNeil

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Seanfhaclan

An duine `na thàmh, cuiridh e na cait a’s an teine.

An duine `na thàmh, cuiridh e na cait a’s an teine.

An duine `na thàmh cuiridh e na cait a’s an teine.

-Curstaidh n’in Iain Fhionnlaidh

Neach-aithris: Òmar Bhochanan

The man who is (too) idle is likely to throw the cat(s) into the fire.

-Mrs Malcolm J MacNeil

Qui est (trop) oisif a de bonnes chances de jeter le(s) chat(s) au feu.

- Mrs Malcolm J MacNeil