log asteach
logo

Buaidh do thurais

Ceòl is Dannsa

'S ann neo-fhoirmeil a bhithear an ceòl ga chluich 's a' Ghàidhealtachd seo. 'S e ceòl na fìdhleadh as motha a tha comharrachadh ceòl nan sgìreachdan Gàidhealach 's a' Mhór-roinn, agus tha aobhar air. Chanadh a' sluagh fhéin, ‘Chan eil duine cho portmhor ris a’ Ghàidheal’, agus dhearbhar am beachd sin ann an iomadh talla danns neo cidsin air feadh an àite.

Gun teagamh 's e stoidhle tur Gàidhealach a th’aig na fidhleirean a thug iad leoth’ as an t-seann dùthaich, làn ruitheam is beòthalachd, agus dlùth fhuaighte ris a’ chànain. Tha na puirt-a-beul, le’m faclan, a’ freagairt do chuid mhór dhe na seann phuirt. 'S iomadh port barraichte a rinneadh ann a’ seo, 's tha an t-ògradh air gabhail ris a’ cheòl mar chomharra dearbh-aithne.

Anns na h-àiteachan Gàidhealach, chluicheadh na pìobairean ionadail air dannsaichean cho math ris na fídhleirean. Tha an ceòl sin air tighinn beò a rithist, taobh ris a’ phiobaireachd fhoirmeil thugadh astaigh as deaghaidh sin bho na réiseamaidean Breatannach.

A’ freagairt dhan cheòl ghàthasach tha dòigh shònraichte air danns aig na Gàidheil – a’ deanadh ceum – a tha sgileil 's air fuireach air leth bho bhuaidh saoghail na Beurla.

Neach-aithris: Seumas Watson

In Gaelic Nova Scotia, music is played at informal occasions. The fiddle is what most often characterizes the music in the province’s Gaelic communities, and for a reason. As the Gaels themselves would say, ‘There is no one as musical as the Gael’, and that is amply demonstrated in the kitchens and the village halls throughout the region.

The fiddle style is clearly a Gaelic one that the immigrants brought with them from the old country; both lively and rhythmic, and closely linked to the language. There are mouth music tunes with their words that correspond to many of the old tunes. A large number of outstanding tunes have been composed here, and the younger generation has adopted fiddle music as a badge of identity.

In the Gaelic settlements, local pipers as well as fiddlers used to play for dances, and their music is now being revived, existing beside the more formal piping, which came in later from the British regiments.

Complementing the instrumental music is a distinctive Gaelic variety of dance – step dancing – which requires great skill and has remained distinct from English and mainstream dance styles.

Iain Niall mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain, Fìdhleir 2 in Ceap Breatainn an Ear-Dheas: Ceòl is Dannsa

Dannsa `s an Àrd-Bhaile in Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags: Ceòl is Dannsa

Alasdair mac Coinnich `ic Iain `ic Iain, Puirt a Beul in Crìochan Chamuis Anna: Ceòl is Dannsa

Maighstir Aonghas Morris, Fìdhleir in Siorramachd Inbhir Nis: Ceòl is Dannsa

Mìcheal Dhòmhnaill Ruairidh Dhòmhnaill, Fìdhlear in Crìochan Chamuis Anna: Ceòl is Dannsa

Iain MacDhùghaill, Fìdhleir in Siorramachd Inbhir Nis: Ceòl is Dannsa

Natalie DeCoste, Dannsair in Siorramachdan Antaiginis is Phiogto: Ceòl is Dannsa

Ruairidh Dòmhnallach a’ danns' in Siorramachd Inbhir Nis: Ceòl is Dannsa

Eòs Peadar mac Theàrlaich ’ic Eòis, Fìdhlear 2 in Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or: Ceòl is Dannsa

Harvey Peutan, Dannsair in Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags: Ceòl is Dannsa

Daibhidh MacÌosaig, Fìdhleir in Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags: Ceòl is Dannsa

Jackie Dunn MacIsaac, Ban-Fìdhlear 1 in Siorramachdan Antaiginis is Phiogto: Ceòl is Dannsa

Scott Williams, Pìobaire in Siorramachdan Antaiginis is Phiogto: Ceòl is Dannsa

Jackie Dunn MacIsaac, Ban-Fhìdhlear 2 in Siorramachdan Antaiginis is Phiogto: Ceòl is Dannsa

Pòl Ruairidh Iain Dhòmhnaill Sheumais Dhòmhaill Òig Iain Ruairidh, Pìobaire in Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or: Ceòl is Dannsa

Eòs Peadar mac Theàrlaich ’ic Eòis, Fìdhlear 1 in Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or: Ceòl is Dannsa

Iain Niall mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain, Fìdhleir 1 in Ceap Breatainn an Ear-Dheas: Ceòl is Dannsa

Billidh Mac-a-Phì, Fìdhleir in Ceap Breatainn an Ear-Dheas: Ceòl is Dannsa

Còta Mór Ealasaid in Crìochan Chamuis Anna: Ceòl is Dannsa

Coinneach MacCoinnich, Pìobaire in Siorramachd Inbhir Nis: Ceòl is Dannsa

Wilfred mac Lachlain `ic Steabhain, Fìdhlear in Siorramachdan Antaiginis is Phiogto: Ceòl is Dannsa

Ruidhle Cheathrar in Siorramachd Inbhir Nis: Ceòl is Dannsa