log asteach
logo

The Living Bridge » Cinneadas is Creideamh

A' Gabhail an Fhuinn

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Dòmhnall Moireasdanach (Donaidh mac Iain Alastair Iain), Còbh na Reag, Siorramachd Bhictoria.

Chìthear Donaidh `sa bhideo seo a’ gabhail an fhuinn aig baile, mu choinneamh sing a’ chidsin, `sa bhliadhna 1988. B’ann às na h-Hearadh a bha cuideachd Dhonaidh. Deagh òranaiche Gàidhlig, an nòs a’ Chladaich a Tuath, bha e `na shaighdear `sa Chogadh Mhór. Air dha tilleadh dhachaidh, `s e an t- iasgach am beò-shlaint’ a bu mhuth’ a bh’aige. Chìthear cuideachd, `na shuidhe aig a’ bhòrd-bìdh, Iain Seathach (Seogan Màiri Dhanaidh) à Abhainn a’ Chùbair, ball do Sheinneadairean a’ Chladaich a Tuath.

*Taing do dh’Anna NicDhiarmaid agus Shìne NicAoidh, à Baile Shudnaidh, airson Donaidh a shloinneadh.

Please login or register if you'd like to respond.