An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (4/26/18)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-aithris le Eòs mac Dhòmhnuill Lachainn Alasdair Lachainn a rugadh ann an Inbhir Nis, á Bun na h-Aibhne Deas, Siorramachd Antaiginis. Air a clàradh le 's air a tar-sgrìobhadh le Màiri Britton.
Eòs: Uill, Là Brìghde, bhiodh i – mo mhàthair – a’ dèanamh bonnach – bonnach le…chan eil fhios a’m dè…dh’fhaoidte…coirc’? Agus bhiodh sin againn airson a’ là sin. Chan eil fhios a’m dè eile a bha i a’ cur anns a’ bhonnach ach a h-uile bliadhna bha an aon rud – bha i a’ dèanadh an aon rud – agus bhiodh sin againn sa mhadainn is feasgar.
Agus [an uair] (a’?) sin, às deòidh a’ suipeir, bha botal uisge coisrigt’ aice agus bhiodh sinn a’ dol a-mach agus a’ cur sin air na beòthaichean – a’ beannachadh na beòthaichean uile – cròdh ’s cearcan agus na muicean, na muic.
Agus…chan eil fhios a’m, dh’fhaoidte gu…bha sinn a’ dol dhan Aifhreann air a’ là sin cuideachd, sa mhadainn, mu seachd uairean gu leth sa mhadainn. Agus siod a’ rud a bha sinn a’ dèanadh. Bha sin… Cho fad ’s a bha [sic] cuimhn’ agam, bha siod an dol air adhart, bha sin an dol air adhart aig mo mhàthair.
Màiri: Agus nuair a bha sibh a’ beannachadh nam beòthaichean, agus thuirt thu na cearcan cuideachd, an robh sibh a’ cur uisge air a h-uile cearc?! [Gàire].
E: [Gàire]. Ò cha robh! Ciamar a bheireadh tu ‘in general’? [Gàire]
M: [Gàire] San fharsaingeachd!
E: [Gàire] ’S e!
M: Aidh, bhiodh e car doirbh gach cearc a ghlacadh agus greim fhaighinn orra! Cò às a thàinig an t-uisge a bha sibh a’ cleachdadh?
E: Às an eaglais, às an eaglais, ’s e. Cha robh sinn a’ faighinn uisge às an allta no na h-aithne [sic] no rud, ’s e uisge a bhiodh sinn a’ faighinn aig an eaglais.
M: Agus am biodh sibh a’ beannachadh an taighe cuideachd?
E: An taigh, an taigh, ò bhiodh, bhiodh mo mhàthair a’ dèanadh sin. Agus…dè facal a th’ agad air ‘yard’?
M: Mmm, chan eil fhios a’m.
E: ’S e am facal a bh’ againne ’s e ‘a’ yard’, a’ beannachadh a’ yard! Chan eil siod ro mhath, ach siod am facal a bh’ againne.
M: Agus an robh garradh agaibh? An robh àite far an robh sibh a’ fà- a’ cur glasraich agus buntàta?
E: [A’ bruidhinn aig an aon àm] Ò bha, bha, bha garradh againn, bha, bha. Bhiodh sinn a’ beannachadh na…na…na ‘yard’ uile. Uill bha facal againn airson ‘yard’ ach chan eil cuimhn’ agam. Bha facal aig mo mhàthair, ò bha mo mhàthair math air a’ Ghàidhlig – uill ’s e a’ chiad chànan a bhruidhinn i riamh.
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Màiri Britton
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.