An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (2/10/15)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-innse aig Gilleasbuig Eòghainn `ic Dhòmhnaill `ic Aonghais `ic Iain `ic Iain `ic Dhòmhnaill (MacIll'Fhaolain), nach maireann, Camas Leathan, Siorramachd Inbhir Nis.
... againn shìos air abhainn Mhargaraidh seo 's bha meas aig a h-uile duine air 's bha e gu math witty. Ach co-dhiù, bha mart aige 's chaidh i air chall agus cha robh e 'ga faighinn 's bha e 'siubhal 's a' siubhal air a son agus cha robh e 'ga faighinn.
'S thàinig coimhearsnach mun cuairt agus thuirt e, “Uill, a-nis a Raghnaill,” thuirt e, “nan gabhadh tusa beagan de dh’ ùrnaigh airson Sa'nt Antony, le Saint Anthony, Naomh Antonaidh, cuiridh mi geall gu faigh sibh am mart.”
“Uill, ciamar, ciamar an diabhail a gheibh Naomh Antonaidh dhomhs' e, 's e gun eòlas an fhàsach seo? Chan eil e eòlach 's an fhàsach seo 's chan fhaigh e nuair nach urrainn dhomhs' a faighinn 's an fhàsach, ciamar a gheibheadh Naomh Antonaidh i?”
Sin agad a thuirt e.
Tar-sgrìobhadh: Seòige NicDhòmhnaill
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.