An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (3/19/18)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-aithris le Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria. Air a clàradh le Seigheag ni'n Aonghais Iain Pheadair. Iain mac Iain Ghilleasbuig Aonghais 's a' chuideachd.
Mìcheal: Chuala tu an naidheachd ... madadh-ruadh air a bha e uamha ... bhiodh an t-acras, bha an t-acras air. Dh' éirich am madadh-ruadh, bha e 'na chadal fo chraobh mhór. Agus, dh' éirich e. Chuir e làmhan suas, chuir e spògan suas ri shùilean, o, bha e uamhasach acrach. Bha e dìreach gu starvadh. Agus, cha robh fhios aige dé mar a gheobhadh e, dé mar a gheobhadh e biadh. Ach, co dhiubh, chunnaic e fitheach air feansa. Agus, bha cnap mór do chàise 'na ghob.
O, thuirt e ris fhéin, "Seo mo theansa."
Chaidh e null dha 'n fhitheach. Thuirt e ris, "O, Mhuire Mhàthair, nach na h-itean breagha a th' agad, cho breagha 's cho faileasach 's a tha 'ad. Cho faileasach, agus, tha mi 'cluinntinn gu 'eil thu uamhasach, uamhasach math gu gabhail òran."
O, dh' fhàs a' fitheach, dh' fhàs e cho leòmach 's bha e uamhasach...
O, thuirt e ... Start e, chan e ris cho math 's a bha e gu gabhail òrain, "Agus, an gabhadh tu ceathramh dhomhsa? Nan gabhadh tu òran dhomhsa, chòrdadh e rium glé mhath."
O, uill, a' fitheach ... Dh' fhàs e cho leòmach 's dh' fhosgail e 'ghob 's dh' fhalbh an càise sios air an talamh. Leum... leum am madadh-ruadh suas, fhuair e 'n càise.
IP: Bha 'n t-acras air an fhitheach.
M: Bha, bha.
IP: Ah, Dhia.
M: Sin mar a dh' éirich dha, dha 'n fhitheach.
IP: A' fitheach, cho bòsdail ás fhéin.
S: O, am madadh-ruadh. Tha 'ad seòlta.
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Seigheag ni'n Aonghais
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.