log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Am Marsanta agus am Mart Jersey

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-innse aig Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill (MacGill'Fhaolain), nach maireann, á Camus Leathann, Siorramachd Inbhir Nis.

… sin agus, bha toil aige mart math bainne fhaighinn. Agus dh' fhaighneachd e do Mhister Gillis, "Saoil thusa anis, a' faigh sibh dìreach mart math bainne dhomhsa aon turus?"

"Uill, feuchaidh mi leis," thuirt an Gilleasach, "agus feuchaidh mi le mart math fhaighinn dhuibh."

Ach, gu dé a bha 's a' bhean aig a' mharsanta, 's e ban-Jersey a bh' innte. Agus, boireannach gast' a bh' innte cuideachd. Ach, thill e, an Gilleasach,'s bha mart eireachdail bainn' aige.

Agus, dh' fhaighneachd e dha 'n duine, "An d' fhuair thu mart dhomh?"

"Fhuair agus mart math."

"Dé a tha stoc a th' innte?"

"Tha stoc a's a' bhean agaibh p-fhéin, Jersey," thuirt e fhéin.

Cha robh siod dona.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Steafan Dyke
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt

Please login or register if you'd like to respond.