An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (1/30/14)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
An Aois Mhosach
Air a h-aithris aig Eachainn mac Eachainn Ghilleasbaig, nach maireann, Rubha 'ic a' Rothaich, Siorramachd Bhictoria.
Bha bodach a' fuireach shuas ann a sheo 's bhiodh e an còmhnaidh, nuair a dheigheadh e faisg air thaigh far a faigheadh e botal, bhiodh e 'ghabhail beagan cus.
Chaidh e là s' a Bhadaig. Co dhiubh fhuair e botal. 'S bha e 'dèanamh deiseil 'son falbh dhachaigh 's bh' e 'son ... chaidh e ... fhuair e an t-each air seans ? Thoisich e air dìreadh dha 'n a' wagon ach cha deigheadh/bheireadh aig' air faighinn ann(s) a' wagon. A h-uile uair a dhìreadh e, a bha e 'feuchainn ri faighinn ann(s) a' wagon, thuiteadh e.
"Ah, 's e 'n t-aois uabhasach a tha seo! 'S e 'n t-aois uabhasach a tha seo!”
aois - facal boireann mar 's trice
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Bun is Bàrr: ADE 2013