log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Bàs Chriosda

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Bàs Chriosda

Air a h-aithris aig Danaidh Ceat Sarah, nach maireann, An Abhainn Mhór, Siorramachd Richmond.

Bha 'n dà chailleach a bha seo, bha iad a' fuireach cuideachd 's cha robh iad a' dol dha 'n eaglais idir. Ach, a' là bha seo, chunnaic iad am ministear a' tighinn gon an taigh'.

Dh'fhalbh Mòr sìos dhan a' cheann shìos, thug i nuas am Bìoball. 'S chuir i air a' bhòrd e 's dh' fhosgail i e. Thàinig am ministear astaigh 's bha e 'bruidhinn ri Mòr 's an ceann poille choisich e anull dhan a' bhòrd,

"A Mhòr," ars' esan," tha mi 'faicinn," ars' esan, "gu bheil sibh a' leughadh," ars' esan, "mu dheoghainn bàs Chrìosd'."

"O uill, a Dhia!" ars' i. "An do bhàsaich e?" ars' i fhéin, "A bheil fhios agad, tha e còrr 's bliadhna nach d' fhuair sinn pàipear a's an taigh tha seo."

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Bun is Bàrr: ADE 2013

Please login or register if you'd like to respond.