An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (3/10/15)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-innse aig Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill (MacGill'Fhaolain), nach maireann, á Camus Leathann, Siorramachd Inbhir Nis.
Dh' fhairich mi m' athair, 's e a bha 'g innse dhuinn seo. Thàinig e... Chaich bràthair dha-san a bhàthadh. Thug e dà bhliadhn' deug a' seòladh. Agus bha 'ad gu math duilich, tha seans' air a shon 's a mhàthair, bha i beò.
Agus, thuirt a' sagart, "Ge bi có chì sibh fàgail an taigh' 's e 'falbh, ge bi càit am bidh e 'dol a's an dùthaich seo na ge bi càite, cuiridh sibh soidhneadh na Croise as a dheaghaidh agus Dia bhith 'ga theasraiginn gu math ri anam."
Sin agad dligh' an t-saga(i)rt. Agus, tha mise 'cumail even suas sin. Chan eil duine a dh' fhalbhas an taigh. Chaidh i annam cho mór, chan eil e gu diofar leam có a th' ann, duine dubh na duine geal, tha mi a' cur Comharra na Croise as a dheaghaidh seach gun accident sam bith a dh' éirigh dha. Agus tha e 'mìnigeadh poidhle nuair a chreideas duine na rudan mar siod. Tha feadhainn ann nach creid e, ach tha e ceart, dìreach.
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Steafan Dyke
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.