log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Cairistìona Bheag na Luathaidh

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-innse aig Malcolm Morrison, nach maireann, Grand River Falls, Siorramachd Richmond.

Bha siod ann té ris an canadh iad Cairistìona Bheag na Luathaidh. Agus, bha i cho
làidir 's gun doireadh i leatha dad sam bith air a muin.

Cha robh ach ... bha 'ad 'n còmhnaidh ... Bha 'ad a' ceimhead có bh' ac’ a’ tighinn. Có tha seo a' tighinn ach Cairistìona Bheag na Luathaidh agus cruach-mòinich aic’ air a muin. Cha robh ach an t-eagal aca reimpe.

Thàinig a' fuamhair’ ás a' choillidh là bha seo, agus bha e 'dol a bhreith air Cairistìona Bheag 's e dol 'ga t ... ? dheth a dheanamh oirre. Cha robh ach rug Cairistìona Bheag air 's thilg i cross air a guaillean e, thilg i dhan a' dorrag ? a bha seo e - poll 's uiste. 'S bha e air bàthadh ann a shin.

Cha robh ach ceann latha no dhà, thàinig fear eile. Agus, bha e 'dol 'ga tilgeil ann dhan a' pholl. Rug i air 's thilg i seachad air a guaillean e 's chuir i dha 'n a' pholl e 's bha e bàitht’ 's bha 'n dithis ac’ ann a shin, bàitht’ a's 'a pholl. Sin agad a’s urrainn mi inns’ dhut.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Bun is Bàrr: ADE 2013

Please login or register if you'd like to respond.