An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (3/3/15)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-innse aig Mòr ni'n Mhurchaidh Dhòmhnaill, Sgeir Dhubh, Siorramachd Bhictoria
http://www.cainntmomhathar.com/audio.php?t=464&sp=21&l=e
Eachainn MacNìll: Bha naidheachd agaibh-se air luadh, agus bha rudan ann mu dheidhinn brògan.
Mòr: (cuideigin a' gàireachdainn) 'S e duine bochd a bha 'ceimhead air nighean … dol a cheimhead air nighean. Agus, o, bha gràin a dhaoine a's an taigh. Cha robh 'ad glé dheònach air an duin' a bha seo, nuair a ruigeadh e (?) cheimhead air a' nighean co-dhiù. Bha mi 'ga innse dhuibh sen. Smaoinich 'ad … Bha seo 's a' gheamhradh cuideachd. Smaoinich 'ad gu cuireadh 'ad a falach na brògan (ann?). Dh'fhaoidhte gur e larrigans, no mogain, no rudeigin a bh' aig'. Thàinig 'n tìde dha 'son a dhol dhachaidh 's cha robh sgeul air na brògan. Ach, dh' fhalbh e dha chois co-dhiù, sogsaichean clòimh, sin a bh' air. Bha aige ri dhol bhon a’ Sgeir gu Cobh na Reag 's bha sin cóig mìle, sia mìle, na barrachd, coiseachd ceann na stocainn.
© Cainnt mo Mhàthar
Tar-sgrìobhadh: Seòige NicDhòmhnaill
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.