log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Iain agus am bonnach buidhe

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Eòs mac Dhòmhnuill Lachainn Alasdair Lachainn a rugadh ann an Inbhir Nis, á Bun na h-Aibhne Deas, Siorramachd Antaiginis. Air a clàradh le 's air a tar-sgrìobhadh le Màiri Britton.

Chuala Eòs MacFhionghain an naidheachd seo aig Migi Mac Niall (Migi Eòin Chaluim Sheumais Mhòir), Baile Sheumais, Ceap Breatainn.

Eòs MacFhionghain: Bha e [Migi] ag innse an naidheachd seo dhomh trup a bha mi sìos aig Colaisde na Gàidhlig. Thuirt e, teaghlach a bha fuireach teann air an àite a chaidh a thogail agus bha ’ad eagalach bochd. Bha ’ad cho bochd ri rodain! Ach co-dhiù bhiodh bonnach-buidh’ aca, dh’fhaoidte trì no ceithir trupan san là – cha robh sìon eile aca airson ithe ach bonnach-buidh’.

Ach co-dhiù, fear dhe na gillean, fhuair e obair ann an Sudnaidh agus bha e a’ bòrdadh còmhla ri boireannach a bha sin is bha i eagalach math gu còcaireachd. Bha biadh math aice a h-uile là ’s bha seo a’ còrdadh ris cho mòr. Bhiodh e ag ithe a h-uile sìon a bhiodh i a’ cur fo bheul.

Ach co-dhiù, feasgar seo, thàinig e dhachaigh ’s bha suipear air a’ bhùird [sic] ’s shuidh e aig a’ bhùird [sic]. ’S bha e ag ithe a sùipeir is thàinig bean an taighe mu chuairt is thuirt i, ‘Iain, an toigh leibh pìos Johnny cake airson-’ Dè facal a th’agad airson dessert? Cha do chuala mise a-riamh ach “dessert”.

Màiri: Milseag?

Eòs: Miseag [sic]? Uill dh’fhaoidte..

Lodaidh: Rud milis.

Eòs: As toigh leibh pìos Johnny cake airson “miseag” [sic]?. Uill, cha do chuala Iain am facal ud riamh, shaoil e gur robh pìos cèic nach do dh’ith e riamh!

Lodaidh: A rinn Johnny!

Eòs: A rinn Johnny! Thuirt e ris a’ bhoireannaich, “Ò, tha mise measail air Johnny cake, tha. Gabhaidh mise pìos Johnny cake!” ’S chaidh bean an taighe air ais sa chidsin is thàinig i air ais le steadh (steall?) mòr de bhonnach-buidh’ air truinnsear is chuir i air a bheulaibh e.

Is bha esan ag ithe is choimhead e air a’ steadh mòr de bhonnach-buidh’ – bonnach-buidh’? Johnny cake, bonnach-buidh’ – agus thuirt e, “A mhic an diabhail,” thuirt e, "tha thu mu m’ choinneamh ge b’ càit an tèid mi!”

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Màiri Britton

Please login or register if you'd like to respond.