log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

A' Phoit-mhùin

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria. Air a chlàradh le Seigheag ni'n Aonghais Iain Pheadair. Cailean Sheumais 's a' chuideachd.

Mìcheal: Tha mi 'creidsinn gun cuala tu … Bhithinn a' faighneachd dha 'n fheadhainn eile a bha (air) 'fàs suas, dé bha 'ad deanamh air a bha às-san a' fàs suas.

Seigheag: Sheadh.

M: O, o, uill, bhiodh na cailleachan a' deanamh piognaig, bhiodh 'ad a' cruinneachadh 's ag obair air a' bheirt-fhighe.

S: Bhitheadh, bhitheadh, bhitheadh.

M: Agus, dh' fhaighneachdainn ... agus bhithinn a' faighneachd dhaibh cho tric mu dheidhinn seo - dé bha 'ad a' deanamh. Dé bha 'n fheadhainn eile 'deanamh air a bha e... air a bha e fhéin... Uill, bha e fhéin sean nuair a bha mise cho òg.

S: Bha.

M: Agus, bhithinn a' faighneachd, "Dé bha thusa 'deanamh?"

"O, cha robh mis' a' deanamh cus. Ah, uill, bhithinn a' dol mu chuairt leis a' phoit-mhùin."

Na cailleachan. Chan fhàgadh 'ad a' bheirt-fhighe.

S: Chan fhàgadh.

M: Bha 'ad a' suidhe air a' phoit-mhùin dìreach far a robh 'ad.

S: Siod an obair a bh' aige-san.

M: Sin an obair. Bha, bha.

S: Uill, obair mhath a rinn e.

M: Uill, bha, o bha. Bha e 'deanamh obair. "Sin an obair a bh' agam-sa." Sin a chanadh e.

S: Agus, a' robh gin dha na fireannaich ag obair air a' bheirt-fhighe?

M: O, cha robh.

S: Cha robh.

M: Cha robh. Ach, cha chreid mi nach robh aon fhireannach mu chuairt. Peadar, Peadar Beag.

S: O, phòs esan thall ann a ...

M: ann a Baghasdal. Sin... bhiodh e ... bha... Bhiodh e 'fighe-bhior 's bhiodh e 'fighe fhigheadaireachd cuideachd a's a' bheirt. Bhitheadh. Ach, an fheadhainn eile a' màgadh air. An fheadhainn, fireannaich eile a' màgadh air.

S: O, a' robh?

M: Bha. Bha. A's an àm 'ud, cha robh chridh' agad sgath a dheanamh a bha boireannach a' deanamh.

S: Cha robh.

M: Agus, cha robh cridh' aig na boireannach a dheanamh rud a bha na fireannaich a' deanamh.

S: Cha robh.

M: Cha robh. Uill, coimhead fhéin, nach e gnothaichean a dh' atharraich?

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Seigheag ni'n Aonghais

Please login or register if you'd like to respond.