log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Sìm Friseal agus am Mart

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Sìm Friseal agus am Mart

Air a h-innse aig Iain Dòmhnall MacFhionghuin,nach maireann, á Deepdale, Siorramachd Inbhir Nis.

Trup a bha mart aig Simon 's chaidh i 'mach gu deoch 's chaidh i a bàthadh 's an
fhuaran. 'S chaidh i an comhair a cinn anns an, a nunn a's t-Earrach a bh' ann. Ach co dhiubh, dh'fhalbh Simon 's dh' fhionn e am mart. 'S dh' fhalbh e dha 'n stòr leis an t-seiche. Bha e 'smaoinich gu robh e 'dol a dh' fhaighinn pris mhór oirr', ach thuirt fear a' stòr ris, ann am Beurla,

"Well, Simon, we don't pay much for spring hides."

Ach, co dhiubh, cha robh e ro thoilichte ach b' fheudar dha gabhail leis a' ghnothach mar a bha e. Thàinig e dhachaigh 's bha e 'g innse dar a ràinig e dhachaidh,

"Cuimhnich thusa, mac ifrinn," thuirt esan, "nach e a bha geur, cho math 's a bha fhios aig' gur ann 's an fhuaran a chaidh i a bàthadh."

Please login or register if you'd like to respond.