log asteach
logo

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Stòraidhean is Naidheachdan

Eachann Dhòimhgein

Facal-toisich

Bha Eachann Dhòimhgein `na dhuine geur-theangach, làn spòrs. Loisg e a làmh gu dona turus. Dh’ fhaighneachd sagart dheth gu dé dh’éirigh dha. `S e a fhuair freagairt a bha biorach, éibhinn.

Neach-aithris: Seumas Watson

Hector Doink was known for his humour and sharp tongue. On one occasion he burned his hand badly. A priest approached him, asked what had happened, and got a witty answer.

Eachann Dhòimhgein

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal

A story of Hector Doink and his sharp tongue.

Dòmhnall ‘Illeasbuig Aonghuis ‘ic Alasdair

Rugadh `s thogadh Dan Ailean MacIlliosa (Dòmhnall ‘Illeasbuig Aonghuis ‘ic Alasdair) ri taobh na maradh ann am Parraiste a’ Chamuis Leathain. Bha e sònraichte mar sheinneadair, tàlant is dìleab a thug e bho na ginealaichean roimhe a thànaig à Mùideart. Bha Dan Ailean sgileil air iomadh ciùird ionadail, agus air leth eòlach air òrain na coimhearsnachd `s na dòigheannan `s an cleachdadh iad. Thug e iomadh bliadhna ag obair `s an Àrd-bhaile.

Neach-aithris: Seumas Watson

Dan Allan Gillis was born and raised by the seaside in Broad Cove parish. He was an outstanding singer, a talent and a legacy taken from his ancestors, who were famous singers from Moidart. Dan Allan was accomplished at many kinds of work where he grew up and was exceptionally knowledgeable concerning local songs and the practices associated with them. He spent many years living and working in Halifax.