An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Faodar a ràdh gu bheil an t-òran seo air aithneachadh mar laoidh-nàiseanta Ghàidheal Cheap Breatainn. A's an òran, tha am bàrd a’ moladh Framboise agus a’ toirt dealbh air a bòidhchead anns gach ràith. `S an aon àm, tha e `g innse mu na daoine còir' a th’ ann, agus cho èasgaidh, spòrsail, ceòlmhor `s a bha iad r’ a linn. Aig deireadh an òrain, tha am bàrd a’ cur an céill cho mór `s a tha e `g ionndrainn nan làithean a dh’ aom.
Neach-aithris: Seumas Watson
In a way this song is a kind of anthem among the Gaels of Cape Breton. The song itself praises Framboise and it’s beauty in each season and its people as lively, fun loving and musical in the time of his youth. He expresses his regret at the passing of those days.
Séist
`S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh,
Tìr nan craobh `s nam beanntan àrd';
`S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh,
Tìr is àillidh leinn air thalamh.
Àit’ as maisich’ tha fo `n ghréin,
Smeòraich seinn air bhàrr nan geug;
Gobhlain-ghaoithe cluich ri chéil’,
`S an nead gléidhte fo na ceangail.
Feasgar foghair àm an fheòir,
*Nuair a dhùnadh oirnn na neòil;
*Ceò na mara tighinn `na thòrr,
*`S e `na sgleò air bhàrr nam beannan.
Anns a’ gheamhradh, àm an fhuachd,
Àm nam bainnsean, àm nan luadh;
Chluinnte gillean air cléith-luaidh,
`S gruagaich’ le guth’ cruaidh `gan leanaid.
Chìte cailleach ghasda, chòir,
Tighinn mun cuairt a thomhas a’ chlò;
An cromadh aice air a dòrn,
`S cha robh dòigh ac’ air a mealladh.
Nuair bhiodh am fùcadh ullamh réidh,
Chuirt’ an fhidheall sin air ghleus;
Dhannsamaid air ùrlar réidh,
Gur e "Cabar Féidh" bu mhath leinn
Am Frambois a fhuair mi m’ àrach òg,
Ann an nàbachd Chloinn MhicLeòid;
`S tric bha sinn ri mir’ is spòrs,
Làithean sòlasach nach maireann.
`S ged a dh'fhalbh a’ chuid sin bhuainn,
Chaithis iad dha `n dachaidh bhuan;
Ann am pàileas Rìgh an t-sluaigh,
Far eil sòlas, buan bhios maireann.
Am Frambois a fhuair mi m’ àrach òg,
Ann an nàbachd Chloinn MhicLeòid;
`S tric bha sinn ri mir’ is spòrs,
Làithean sòlasach nach maireann.
Chan urrainn dhomh-sa leth dhuibh inns’,
Na tha mhaisealachd `s an tìr;
Stadaidh mi bho `n tha mi sgìth,
Beannachd leibh is oidhche mhath leibh.
*******************
`S bho `n a tha mi anns an àm,
Còmhnaidh ann an tìr nam beann;
`S ged a tha mo Ghàidhlig gann,
Nì mi rann do thìr nan gleannan.
Chan urrainn dhomhs’ a chur air dòigh
No chur sìos le briathran beòil;
Na tha do mhaise agus do ghlòir,
Còmhnaidh ann an tìr nam beannachd.
Nuair théid a’ ghrian dhan àird an iar,
`S a thig an dealt air an fheur;
`S binne leam guth nan eun,
Seinn cho dian air bhàrr nam meangan.
Chluinnte bellichean le gliong,
Air a’ chrodh ri taobh a’ ghlinn’;
`S na laoigh òga staigh `s na tuim,
`S iad fo chuing nan cuileag seangaich.
`S e chuir mise nochd fo bhròn,
Cuimhneachadh air làithean m’ òig’;
Feadhainn a bhitheadh leinn ri spòrs,
Gu bheil cuid dhiubh nach eil maireann.
Tar-sgrìobhadh: Gaelic Songs of Nova Scotia
© Helen Creighton Collection, PANS
A song in praise of Cape Breton and its people.
Chaidh an t-Urramach Iain D. N. Dòmhnallach a bhreith ann an St. Esprit `s a’ bhliadhna 1898. `S ann à Uibhist a Tuath a bha a shinnsirean. Còmhla ris an Dotair M. M. Coady agus Maighstir Jimmy Tompkins, bha e `na neach-stèidheachaidh anns an Credit Union and Co-operative Movement ann an Canada. Bhiodh e a’ searmonachadh anns a’ Ghàidhlig agus `ga teagasg. Chaochail e `s an taigh aige fhéin ann an 1988 ann an Dartmouth.
Rinn Dòmhnall Alasdair mac Iain `ic Aonghais an t-òran seo. Rugadh e ann am Framboise a Tuath far an do dh’fhuirich e fad a bheatha. `S ann a mhuinntir Uibhist a Tuath a bha a chuideachd. `Na thuathanach, bha muileann-sàbhaidh aige cuideachd. Thathas ag ràdh gu robh e sònraichte math air obair na coilleadh. Rinn e iomadach òran éibhinn agus duan-molaidh, ach `s e Òran do Cheap Breatainn a `s ainmeile dhiubh uile. Tha an t-òran seo air a bhith fasanta gus a’ là seo fhéin.
Neach-aithris: Seumas Watson
Rev. John D. Nelson MacDonald, D.D., of North Uist stock, was born in 1898 in St. Esprit. He was ordained in 1926 to the United Church of Canada. He was one of the founding members, along with Dr. M. M. Coady and Rev. Jimmy Tompkins, of the Credit Union and Co-operative Movement in Canada. Rev. MacDonald was described as a scholar and preached and taught Gaelic. Rev. MacDonald died at his home in Dartmouth in 1988.
Dan Alex MacDonald, composer of this song, was born and lived all his life in North Framboise. He operated a farm and sawmill and was known as a fine woodsman. Òran do Cheap Breatainn is the best remembered song he composed, among others humorous and in praise of place. Dan Alex was of North Uibhist descent.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
’Na Ghàidheal air taobh ...
by Seigheag ni'n Aonghais (4/25/14)
’Na Ghàidheal air taobh ’athar, b’ e gille macanta a bh’ann; nan
robh dàn eadar-dhealaichte air a bhith aige, ’s coltach gum biodh e air
fàs suas anns na Stàitean Aonaichte gun a’ Ghàidhlig. Bhuineadh e
dhan dà Uibhist: troimh a shin-seanair, Ruairidh MacDhòmhnaill, do
dh’ Uibhist a Tuath; agus troimh a shin-seanmhair, a bhuineadh do
mhuinntir Clann Raonaill, do dh’ Uibhist a Deas. Dh’imrich am mac
Iain, seanair a’ ghille seo, a dh’Aimearaigaidh ’na òige, far an
d’rugadh dha am fear a bhiodh ’na athair dhan ghille. Agus mar a
dh’òrdaich am freasdal, b’ e tè a bha ag obair anns na Stàitean á
Framboise, Siorramachd Richmond, Ceap Breatainn, a bu mhàthair
dha. B’ ann air baile-fearainn a cheannaich a phàrantan a’ sin, aig
L’Esprit, a rugadh e ann an 1898. Có shaoileadh aig an àm gum
biodh esan, J.D. Nelson MacDhòmhnaill, ’na mhinistear anns an
Eaglais Aonaichte agus ’na neach a chuireadh gu mór ri Gluasad a’
Cho-chomainn Shòisealta.
Anns a’ leabhar a sgrìobh e ’na sheann aois, “Memoirs of an
Unorthodox Clergyman”, far an dèan e magadh gu sòlt’ air-fhéin bho
àm gu àm, tha an t-Urr. J.D. ag innse gura b’ e mar a chaidh a’
Ghàidhlig a chur an aithne dha tè dhe na cuimhnichean a bu tràith’
aige. Bha a mhàthair a-nis ’na banntraich agus an urra ri obair
chruaidh an fhearainn; mar sin, thug i àite’s an taigh do bhoireannach
air an robh an t-ainm Màiri Nic’IllEathain, a bhuineadh do theaghlach
a dh’imrich gu Framboise á Muile, agus aig nach robh ach a’
Ghàidhlig. Ghabh Màiri an gill’ òg fo a cùram; agus a-rèir a
chuimhne, bhiodh i ’ga chur a chadal’s i a’ seinn tàlaidhean Gàidhlig.
A’ chiad turas a thuig e faclan Gàidhlig, bha e ’na sheasamh ’na
ghùn-oidhche mu choinneimh an teallaich, agus thuirt i ris: “Dèan do
lochan air an teine”. Tha e a’ toirt taing cuideachd do mhinistear
cléireach a dh’ionnsaich dha a’ Ghàidhlig a leughadh gu fileanta.
B’ann nuair a ghabh e ri Parraiste Forcaichean Bhadaig agus na
h-Aibhne Meadhonaich(1931-44), ’s a chual’ e òraid chumhachdach a
rinn an Dr. Maois Coady bho Roinn Leudachaidh ONFX, a thòisich e
air obair a’ ghnìomha shòisealta anns an robh e an sàs fad a
bheatha. An oidhche sin fhéin, chaidh a chur anns a’ chathair do
bhuidheann rannsachaidh sgìre Bhadaig. Thug a’ Mhaoin
Chruinnealais a chuireadh air dòigh tairbhe mhór do phròiseactan
ionadail.
Leis an earbs’ a bh’ aig an Dr. Coady á J.D., chuir e gu Columbia
Breatainneach e, agus dha na Stàitean—eadhon dhan Taigh Gheal—
a bhruidhinn ’na àite. Macanta ged a bha e, chaidh urraim a chur air,
’nam measg Ollamhachd Onorach bho Oilthigh NFX; agus chaidh
Cathair do Ghnìomha Crìostaidh Sòisealta ’ainmeachadh dha aig
OCB.
Lean buaidh na Gàidhlig leis bho ’òige agus na h-òrain a
dh’ionnsaich e aig céilidhean geamhraidh agus froiligean luathaidh na
coimhearsnachd. Chlàraich Helen Creighton tri òrain bhuaithe; agus
air làraich-lìn “An Drochaid Eadarainn” aig a’ Chlachan Ghàidhealach,
cluinnear e a’ seinn “’S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh” a rinn D.A.
MacDhòmhnaill, Bàrd Framboise. Bhiodh e a’ searmonachadh anns
a’ Ghàidhlig agus ’ga teagasg. Agus nuair a théid an eachdraidh a
sgrìobhadh air na chuir na Gàidheil ri beatha shoirbheachail na h-
Albann Nuaidhe—agus Chanada fhéin--bitheadh àit’ innte dhan Dr.
J.D. Nelson MacDhòmhnaill.
- Saoghal na Gàidhlig…. The Gaelic Way of Living in the World
Victoria Standard –April 2014 – Catriona Parsons