An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Rinneadh an t-òran seo ann an Sgìre River Denys. Air réir na sgeòil, bha fear a b’ àbhaist a bhith `na sheòladair as deaghaidh a fheairtean-inntinne a chall leis an aois. Fhuaireadh e `s a' choillidh `na shuidhe air sgonn craoibheadh ag iomradh mar gum b' e bàta a bh' ann.
Neach-aithris: Seumas Watson
This song was composed around River Denys. According to the local story, a man who spent many years at sea was beginning to lose his mental faculties with age. He was found in the woods sitting on a log and rowing it as if it were a boat.
`S gur e `n Ceanadach mo nàbaidh
`N saor as fheàrr a thogas bàta;
Chan iarr e lòcair na tàl
Ach spéicean làidir, cruadhach.
A' cheud té thog e riamh `s an àite
Dh'fhàg e shìos aig drochaid Shàm i;
Chì sibh i nuair bhios muir-tràigh ann
`S a cruinn bhàn' an uachdar.
Thug e trup leath' do `n Bhras D'Or
A dh' iasgach a' sgadain reòta
`S e MacCùis a bha `na chòcair'
`S leònadh leis an fhuachd e.
Air a thill iad far a' bhòidse
Bha a' là dorcha le ceò ann
Gun do cheangal e i le ròpa
Ri cròic a bh' aig an fhuaran.
Am beagan nach d'rinn iad shlaodadh
Shnàmh iad sin gu taigh nan caorach
Nuair a rinn an fhairge traghadh
Bha aon fhear `s nach d'fhuair iad
Tha té eil' aige `ga cur an òrdadh,
Nach robh a leithid riamh `s a' Phròbhans;
Théid e seachad an Cuan reòta
Gu North Pole a bhuanndachd.
`S gum bi sinn uile cho pròiseil
An onair a bhith aig a' phròbhans;
Ma thilleas e dhachaigh beò
`S am Pole aig' air a ghualainn.
Chì sinn sealladh agus ioghnadh
Nach fhacas riamh le clann daoine;
An North Pole a' tighinn ri'r taobh
`S a' saoghal a' dol mun cuairt air.
A bhean an taighe, fàg an siola
Botul slàn a tha mi sireadh
Dh'òlainn deoch-slainte nan gillean
A dh'imprich Di-luain bhuainn.
Tar-sgrìobhadh: http://mqup.mcgill.ca/book.php?bookid=125
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
A locally composed song concerning sailing.
`S ann an Eilean na Nollaig a thogadh Gilleasbuig MacCoinnich (Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais). Tha Eilean na Nollaig `na nàbachd a tha air a bhith air leth taiceil do chanain `s do shaoghal na Gàidhlig. Bha athair, Eairdsidh Sheumais, `na mhaighstear-sgoile, `na sgrìobhadair `s `na bhàrd ainmeil. Thug Gilleasbuig móran bhliadhnachan ag obair `na fhear ghnìomhachais eadar Baile Shudnaidh agus Baile Haileafags. A bharrachd air a’ stòr òran a thug e seachad le fialaidheachd do luchd-rannsachaidh, bha mion-èolas prìseil aige air an sgìre fhéin `s an d’ rugadh e.
Neach-aithris: Seumas Watson
Archie MacKenzie was raised in the Parish of Christmas Island, an area with strong Gaelic traditions. His father, also named Archie, was a schoolteacher, a writer and a well-known Gaelic bard. Archie MacKenzie spent many years as a businessman between Sydney and Halifax. In addition to his extensive repertoire of songs that he shared so generously with other Gaels and with researchers, he had a profound and detailed knowledge of the parish were he was raised.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.