An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (12/13/13)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
A' beòthachadh an teine
Còmhradh 'ga chumail eadar Seumas Watson agus Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria.
Seumas: A' robh na teintean, a’ robh iad a' fàs beag na dol ás air an oidhche?
Migi: O, bha. Bha, bha. Dh’ fheumadh ... cha dean(adh?) e math sradag a bhith 's a' stòbh.
S: Cha dheanadh.
M: Eagal an teine. Eagal an teine.
S: O, seadh. Tha sin ceart.
M: Agus, bhiodh an taigh cho fuar 's a' mhadainn. Uill, bha
pòirds' air an t-seann taigh 's bhiodh an t-uist' ann. Bhiodh e, bhiodh an t-uiste
's a' bhucaid uiste, dh’ fheumadh tu sin a thoirt dhachaigh a's a' chidsin. Ach, air a
dh’ éireadh tu 's a' mhadainn, bha an t-uisge reòta 's a' chidsin.
S: Bha, bha. Agus, ciamar a thogadh sibh teine a's a' mhadainn?
M: Oh, bha kindlings againn. Bha na kindlings tioram. Bhiodh 'ad 's a'
stòbh, 's bhiodh 'ad timcheall air a' stòbh airson a bhith tioram airson a’ mhadainn.
S: An e 'connadh aighne' a theireadh sibh ri kindling na, 'connadh aighne'?
M: Cha chuala mi a' facal sin.
S: Cha chuala. (Cha chuala.) An chuireadh iad dìreach ann am broinn a' stòbha fhéin, bha iad, chuireadh 'ad dìreach sliseagan do (Oh, chuireadh sin) dh’ fhiodh cruaidh.
M: Oh, sin agad e, 's e pàipear, bhiodh 'ad a' cur pàipear ann, nam biodh pàipear ann.
S: An e beòthachadh an teine a theireadh sibh, no……
M: Beòthachadh, 's e……..
S: Beòthachadh an teine. Agus, an canadah sibh, "An do chur thu air an teine" air neo, "An dug thu air an teine"?
M: Na chuir thu air an teine.
S: An do chuir thu air an teine?
M: Agus, air an am ud, bhiodh smùid ás a h-uile taigh, an uair sin.
S: 'S e, dìreach.
M: Bhiodh, chìtheadh tu smùid ás an taigh (Chìtheadh.) An drasta, chan fhaic thu sin tuillidh. (Chan fhaic.) Chan fhaic.
S: Chan fhaic. Feumaidh 's gur h-e rud car toilichte a bh' ann.
M: Oh, 's e. Chitheadh tu smùid ás an taigh, bha fhios agad gu robh na daoine beò, 's gu robh iad math.
S: Seadh, na’ faiceadh tu smùid.
M: Na’ faiceadh tu smùid.
S: Dìreach sin, dìreach sin.
© Cainnt mo Mhàthar
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.