log asteach
logo

The Living Bridge » Còmhradh is Ìomhaighean

Càirean Coin

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air aithris le Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria. Air a chlàradh le Seigheag ni'n Aonghais.

Seigheag: Dé th' ann? Nam biodh càirean ...

Mìcheal: Nam biodh càirean dearg aig cù gum biodh e as deoghaidh nan caorach.

S: Bhiodh.

M: Seo a' rud ...Mharbhadh e na caoraich. 'S e càirean dubh.

S: Dubh.

M: Sin cù math. Cha téid e 'n còrr caora. Sin na bha na seann daoine 'g ràdh.

S: Càirean.

M: Càirean, càirean. Nam biodh càirean dubh aca, aig cù. Tha feadhainn dha na coin as deoghaidh na caoraich.

S: Tha, tha. Feadhainn aca.

M: 'Gam marbhadh.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Seigheag ni'n Aonghais

Please login or register if you'd like to respond.