log asteach
logo

The Living Bridge » Còmhradh is Ìomhaighean

Màthair Mhìcheil

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria. Air a clàradh le Seigheag ni'n Aonghais Iain Pheadair.

Mìcheal: Air a bha mo mhàthair beò, bha i uamhasach math gu deanamh briosgaidean milis - molaiseas agus réiseidean. Bha 'ad uamhasach math.

Seigheag: Briosgaidean milis.

M: Bha i uamhasach math gus an deanamh.

S: Tha mi cinnteach.

M: Uell, air a dh' fhàs i bochd an uair sin, uell, cha robh i 'faireachdainn math 's cha robh ... Uell, thuirt mise rithe, "Carson nach dean thu pan do bhriosgaidean milis agus mar a b' àbhaist dhut?"

"Chan dean mise pan bhriosgaidean gu bràth, tuilleadh," thuirt i.

S: O, siod a thuirt i.

M: Sin a thuirt i. "Chan urrainn dhomh, chan urrainn dhomh. Chan urrainn dhomh dol an comhair."

S: 'S e latha truagh a bha sin.

M: Bha, bha.

S: Bha fhios aice.

M: Sin mar a dh' fhàg i e. Cha b' urrainn dhi. Cha b' urrainn dhi an inntinn a ... inntinn a chuir air sgath a dheanamh.

S: Cha b' urrainn.

M: Cha b' urrainn.

S: Cha b' urrainn.

M: Nach robh siod neònach? Bha e neònach.

S: A' robh i 's a' leabaidh air neo ... ?

M: Cha robh. Cha robh.

S: Cha robh.

M: Cha robh, bha i 'fàs lag. Bha i 'fàs lag. Agus, air a thill... air a thiginn-sa dhaichaidh gu m' dhìnnear o 'n stòr, chanadh i rium, "Chan eil thu 'dol a dh' fhàgail." Uell, uell, dh' fheumainn-sa dol gu m' obair. Dh' fheumainn-sa dol gu m' obair.

S: O, dh' fheumadh sibh.

M: Ach, ma dh' fhaoidte gun do dh' fhuirich mi, uell, a dhà na trì trupan. Ach, thuirt mi cha b' urrainn dhomh-sa fuireach. Cha b' urrainn dhomh fuireach.

S: Cha b' urrainn.

M: "O, carson nach fuirich thu?" Uell, cha b' urrainn dhomh agus dh' fhalbhainn-s' a dh' obair. Uell, air a thillinn, bha i, cha robh i, uell, cha robh sgath lùths innte a dheanadh cus do dh' obair.

S: Cha robh.

M: Ach, a' feasgar a bha seo, bha mi, bha athair Gregory, bha partaidh 25 years married dol a bhith aca an Ottawa Brook. 'S bha mi 'dol ann. Bha mi 'dol ann 's dh' fhàg mi stòr 's a h-uile sgath 's bha mi 'dol ann. Ach, air a thàinig mise dhachaigh, bha i air an ùrlar ann a' shiod.

S: O, bha.

M: Bha i air an ùrlar. Agus, tha teansa gu robh 'cruachan briste.

S: O, cha b' urrainn dhi éirigh.

M: Tha teansa gun do thuit i 'na cadal a's an t-seithear. Agus, thuit i ..

S: Thuit i far an t-seithear.

M: Uell, cha deachaidh mise gu partaidh an oidhche sin.

S: Cha deachaidh.

M: Cha deachaidh. Fhuair mi feadhainn an Iona, dithis a bha 'n Iona, Judy 's an duine, Judy 's an duine. Dh' éibh mi orra is thuirt mi riutha tighinn anuas. Agus, gu feumamaid dol dha 'n ospadal am Bradaig. Uell, thàinig 'ad, thàinig 'ad 's a' mhionaid 's chuir sinn a's a' chàr i. Chuir sinn a's a' chàr i. O, bha i gu math goirt.

S: O, cuiridh mi geall.

M: Fhruig sinn an t-ospadal. Agus air a thàinig sinn ann, uell, thug sinn ás a' chàr i agus chuir sinn ann an wheelchair i a's an ospadal. Agus, o, chaidh i ann a' laigse. Chaidh i ann a' laigse leis cho goirt 's a bha i.

S: O, an deachaidh?

M: Bha cruachan briste. Thuirt an dotair, "Chan urrainn dhomh-sa 'n còrr, chan urrainn dhomh sgath a dheanadh dhi. H-fheumaidh tu 'toirt a Shudnaidh."

S: A Mhuire Mhàthair.

M: Dha 'n ospadal a Shudnaidh. Sin mar a ?? Uell, a rud a rinn mi, dh' éibh mi air an ambulance. Agus, chuir sinn a's an ambulance i agus thug 'ad sios i dha 'n ospadal a' Sudnaidh. Agus, dh' éibh mi air Catherine Anne. Agus, bha, uell, bha Archie beò an uair sin.

S: Agus, bha Catherine Anne a' Sudnaidh, a' robh?

M: Bha. Bha 'ad a' fuireach a' Sudnaidh. Dh' éibh mi orra 's thuirt mi gu robh i 'landadh aig an ospadal a' Sudnaidh 's a rachadh tu 'staigh? Uill, chaidh 'ad astaigh. Agus, thug 'ad astaigh i 's chuir 'ad i dha 'n ospadal. Agus, dh'operate 'ad oirre is fhuair i air n-aghaidh éireachdail. Fhuair i air n-aghaidh éireachdail. Thàinig i an uair sin, thill i, thill i.

S: Thill i.

M: Thill i. Ach bha i 'falbh air walker. Bha i air walker.

S: Bha, bha.

M: Ach, bha mise 'cadal air a' lobhta is bha ise gu h-iseal. Ach, a' latha bha seo, by God, dh' éirich i. Dh' éirich i 's cha do bhodraig i ri walker idir.

S: Cuimhnich fhéin.

M: Cha do chuimhnich i air.

S: Cha do chuimhnich i air.

M: Cha do chuimhnich i air. Chaidh i dha 'n taigh bheag. Ach, fhuair i air n-aghaidh éireachdail.

S: Fhuair.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Seigheag ni'n Aonghais

Please login or register if you'd like to respond.