log asteach
logo

The Living Bridge » Còmhradh is Ìomhaighean

A' Dol dha 'n Sgoil

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Màiri MacFhionghain, Baile nan Gilleasach, Siorramachd Inbhirnis. Air a chlàradh 's air a tar-sgrìobhadh le Caraman NicArtair. 2016

Carman NicArtair: Agus, ciamar a dh' ionnsaich sibh fhéin Beurla?

Màiri NicFhionghan: Dar a start sinn dhan sgoil. Cha robh mòran Beurl' againn `dol dhan sgoil. Dh' fhaoidte facal no dhà. Ach, start thu `dol dhan sgoil is cha robh math dhut a Ghàidhlig a bhruidhinn. Dh' fheumadh tu a’ Bheurla. Mise, mi a b' òige s' an teaghlach agus ... Uell dar a bha an fheadhainn eile a' dol dhan sgoil, an fheadhainn a bu shine, bhiodh iad a' bruidhinn Gàidhlig an uair sin s' a’ sgoil. Ach dar a start sinne, bha a' Ghàidhlig air a chuir air an dàrna taobh. `Se Beurla a dh' fheumadh tu ionnsachadh. `Se Beurla a dh' fheumadh tu bhruidhinn.

C: Carson a chuir iad a’ Ghàidhlig dhan dàrna taobh ’s an taigh sgoil?

M: Uell chan seansa nach robh... dh' fheumadh tu Beurla a bhith agad `son a dhol a mach a dh' obair a dh' àiteachan eile. Is bhiodh tu `falbh taobhaichean a dh' obair. Bhiodh e math gum biodh Beurla agad. Gun rachadh agad air Beurla a bhruidhinn. Cha chreib mi nach… shin agad an aon reusan, cha chreib mi, bha toil aca gun ionnsaicheadh a’ chlann Beurla. Bha feadhainn ann a bha Beurla aca. Can, feadhainn a phòs, dh' fhaoidte nach robh Gàidhlig aca. Gur h-e Beurla a bh' aca. Ach a’ chuid as motha dhen fheadhainn a chaidh... a thàinig dhan taobh seo, `se Gàidhlig a bhiodh aig a’ chuid as motha dhiubh.

C: Agus A’ bheil cuimhn' agad air a’ cheud là dhan sgoil?

M: Tha. Là no dhà toiseach an t-samhraidh agus chaidh mi an uair sin ann ann a September, dar a start an sgoil.

C: Dé an aois a bha sibh?

M: Bha mi ochd, ochd bliadhna a dh' aois a `dol air naoi (?). Dh' fheumadh tu mìle gu leth a choiseach a' dol dhan taigh sgoileadh. Cha robh thu `faighinn ride ann an uair sin. Cha robh. Coisich! ‘S a’ gheamhradh dhraibheadh iad thu le each is sleighe.

C: Cait' an robh an taigh sgoil?

M: Gu h-ìosal aig bonn a’ bhruaich a’ seo.

C: Far a bheil Iagan. Agus, an robh sibh a' tuigsinn na rudan a bha a bhan-sgoilear ag ràdhainn?

M: Uell, mura tuigeadh tu i, bhiodh feadhainn ann a dh' fhaighneachdadh tu dhiubh, "Dé tha i `canaid"? Ya know. Dh' innseadh iad dhut. Ach cha d' thug e fada gus an d' thàinig sinn air a’ Bheurla. Dh' fhaoidte nach robh i cho math an toiseach ach dh' ionnsaicheadh duine i. Coltach ri...uell bha Gàidhlig againn, dh' fhaodamaid cànan eile ionnsachadh. Tha iad a' canaid mar is motha a th' agad do chànain gu bheil e nas fhasa cànan eile ionnsachadh. Chan eil fhios agamas. Uell, tha thu fhéin, tha fhios agad, cha robh e ro fhurasda Gàidhliig ionnsachadh ach dar a chuireadh tu t’inntin oirridh. Ma tha thu ga faireachdain fad na h-ùine, bhruidhneadh tu i. Sin mar a bha sinne s' a Bheurla.

C: Bha sibh ag innse dhomh là gun robh sibh a' feuchainn ri rudeigin a leubhadh?

M: A' leubhadh. Yes. Cha robh fhios a’m dé bha ‘s an fhacal. Bha sinn a' bruidhinn air a sin a’ là roimhe: còmh' ri Father Leo agus Janet Cameron. Here I am my name is Nan I have dog. I have a pet too. And what was the pet's name? It was a pet cat. Blackie. Well, I didn't.. Cha robh fios agamas dé bh' ann am Blackie. Dh' fhaighneachd mi do Ché is sister Catherine, "Dé tha siod?" Dh'inns iad dhomh gur h-e Blackie a bh' ann (dòigh) `s bha iadsan ‘s a’ sgoil bliadhnaichean roimhe sin.

C: Agus an do dh' fhairich a bhan-sgoilear thu?

M:Uell, Ma dh' fhairich, cha do ghabh i oirridh. Cha do ghabh i oirridh.

C: An robh i riamh... Am biodh i riamh crosda nam biodh sibh `bruidhinn Gàidhlig ‘s a’ sgoil?

M: Cha bhiodh i crosda. Dh' fhaoidte... cha chanadh i guth. Cha bhruidhneadh i guth Gàidhlig agus bha Gàidhlig aice. Uell cha robh math dhi-se Gàidhlig a bhruidhinn agus gun robh i... bha i na ban-sgoilear is dh' fheumadh i... a h-uile sian a bhith s' a Bheurla is a’ chlann ionnsachadh. Ach dar a rachadh duine amach aig am dìnnearach no aig... bhruidhneadh tu Gàidhlig ris an fheadhainn a bha Gàidhlig aca, a’ chuid as motha dhiubh. Bha pàirt dhiubh dh' fhaoidte nach robh Gàidhlig aca, ach a chuid as motha dhiubh, an fheadhainn a bha Gàidhlig aca, bhruidhneadh iad a muigh.

C: An do dh' fhairich sibh riamh naidheachd sam bith mu dheidhinn ban-sgoilear a bha crosda ris a’ chloinn dar a bhruidhneadh iad Gàidhlig?

M: Cha d' fhairich mi riamh sin. Cha d' fhairich. Bha sinne glé fortanach shìos a’ seo. Bha ban-sgoilearan laghach againn. You know? Cha bhiodh iad crosda. Oh bhiodh iad crosda ann an dòighean eile ma robh thu, nam biodh tu `deanadh dol n-ionnsuidh no sian mar sin bhiodh iad crosda an uair sin pàirt dhiubh. Bhruidhnneadh pàirt dhiubh eagallach laghach riut. Bhruidhnneadh. Bhiodh iad ag innse dhut, you know, ciamar a tha thu supposd' a bhith dar a bhios tu a muigh còmh ri feadhainn eile. Bha uamhas dhiubh eagallach uile laghach agus dh' innseadh iad an dòigh air bruidhinn. An dòigh a bhith modhail ri feadhainn.

C: Ach Carson nach bruidhnneadh iad Gàidhlig ged a bha i ac'?

M: Chan seansa nach robh iad supposd' a bhith s' a’ Ghàidhlig a bhruidhinn.Tha seans' nach robh iad supposd' a bhith ‘s'a’ Ghàidhlig a bhruidhinn. Cha robh e ‘s a’churriculum. Chan eil fhiosam ciamar a chanadh tu sin ann an Gàidhlig. Bha aca ris a Bheurla. Ach bha cuid do fheadhainn... Tha cuimhn' a’m mo bhráthair dar a chaidh e dhan sgoil s' an Eipheit agus bha Maighstir sgoile an sin is bha Gàidhlig aige. `S bhiodh e `g innse dhan chlann ‘s a’ Ghàidhlig agus an uair sin thionndadh ‘s a’ Bheurla riu'. Dh' innseadh e dhaibh agus an uair sin thionnadh e ‘s a’ Bheurla. Bha mios eagallach ac' air. Bha e eagallach laghach ris a’ chloinn.

C: Carson a chaidh e dhan sgoil shuas an sin?

M: Uell, Chaidh e air ais suas comh' ri uncle. Chaidh e air ais a dh' fhanaid... Start e dhan sgoil shìos a’ seo ach cha do chòrd a’ bhan-sgoilear ris. Cha robh mòran Beurla aige. Cha robh aige ach a’ Ghàidhlig. Bha i car crosda ris. Bha i sin car crosda. `Se sin mun do start mise dhan sgoil.

C: An e ban sgoilear diofar a bh' ann?

M: `S e. Cha robh Gàidhlig idir aice. `Se ban Éireannach a bh' innte is cha robh Gàidhlig idir aice. Agus bha i gu math crosda thuirt Fionnlagh. Cha rachadh esan air ais. Chaidh e air ais suas dhan Eipheit còmh' ri uncle `s an Eipheit is chaidh e dhan sgoil shuas an sin.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Caraman NicArtair

Please login or register if you'd like to respond.