log asteach
logo

The Living Bridge » Còmhradh is Ìomhaighean

Brathair seanair Bhincent

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Seo còmhradh beag a bh' againn air bràthair seanar Bhincent. 'S e Hussey a far-ainm a bh' air agus bha ainm aige a bhith math gu innse sgeulachdan agus a bhith gu math geur-theangach.

Air a h-aithris le Bhincent 's Màiri MacFhionghain, Baile nan Gilleasach, Siorramachd Inbhirnis. Air a chlàradh 's air a tar-sgrìobhadh le Caraman NicArtair.

Bhincent: Bràthair Màiri, bha e ag innse naidheachd, an naidheachd sin air Hussey. Bha am beòthach eich aige (aig bràthair Màiri) bhiodh e 'maoladh a chluasan dar a thigeadh tu teann air. Bhiodh e 'g obair le bheul agus thuirt e ris, thuirt e ri Eòghann gun robh am beòthach, bha e crosd'. “Chan eil e crosd' ach do fheadhainn a tha grand.'”

“Uell, fàn clìoras e ma ta!”

Carman: Nach e a bha tapaidh?

B: Bha e searbh.

Màiri: Uell, chan eil fhiosam, bha cuid do fheadhainn ann is bhiodh 'ad... Bhiodh freagairt aca.

B: Bha e 'tighinn thuca.

M: Cha ruigeadh 'ad leas 'cuimhneachadh air. Bha rudeigin mu'n deidhinn.

B: Agus chanaibh 'ad an dòigh... bha dòigh aca air a gràidhinn, gheobhadh tu spòrs às.

C: An dòigh a chuireadh 'ad na faclan ri chéile. Ciamar a chaidh an naidheachd ud dar a bha e 'falbh le... bha mulachag càis' aige?

M: A.S. MacDougall. Thuirt e fear eile ris (A.S. ri Hussey) gun robh e 'deanadh dheth gur e mulachag càise a bh' aige.

"'S e,” thuirt e. "Oh fheumaidh tu sin a bhith faiceallach nach ith thu tuillidh 's a chòrr dheth. Fàgaidh e"... Dé bh' ann?

B: Cuiridh e an tiormach ort.

M: Cuiridh e an tiormach ort.

"Oh," thuirt Hussey, "Cha ruig mi leas cùram a bhith orm mu dheidhinn sin dar a chì mi thusa bidh buineach orm trì là, fad trì là!”

B: “Cuiridh tu a' bhuineach orm fad trì là!”

C: A.S. MacDougall. Có bha sin a nisd?

M: A.S. MacDougall. Tha fhios agad an t-àite a tha Katie Maggie a' fanaid ann. Tha bunglow beag air taobh ìseal a' rathaid.

B: B' àbhaist taigh a bhith siud.

M: B' àbhaist taigh a bhith ann. 'S ann ás a' sin a bha A.S. MacDougall.

B: Bhiodh e fhéin 'feuchainn ri bhith geur. Agus bha e 'cuir dragh air. Bhiodh am fear eile 'faighinn air thoiseach air fad na h-ùine.

C: Bhiodh Hussey 'faighinn air thoiseach air?

B: Yeah. Bha esan (A.S. MacDougall) 'na mhaighstir sgoil'. Bha e 'na mhagistrate. Nach robh? Agus bha e pìos na bu ionnsaichte na bha Hussey nach robh còir aige an fhear eile a bhith 'faighinn air thòiseach air idir.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Caraman NicArtair

Please login or register if you'd like to respond.