log asteach
logo

The Living Bridge » Còmhradh is Ìomhaighean

Obair a' Chruidh

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Bhincent 's Màiri MacFhionghain, Baile nan Gilleasach, Siorramachd Inbhirnis. Air a chlàradh 's air a tar-sgrìobhadh le Caraman NicArtair.

Màiri: Bhiodh an crodh a' tighinn dhan bhualaidh. An d' fhairich thu siod riamh? Buailidh?

Carman: Dh' fhairich. Agus sin an t-àite a bha 'ad a' cumail a' chruidh?

M: Thigeadh 'ad feasgar dhan bhuailidh agus mar is trice dh' fhanadh 'ad ann fad na h-oidhche, no cha rachadh 'ad ro fhada agus an uair sin 's a' mhaduinn dar a bhiodh tu réidh gam bleoghainn dh' fhalbhadh iad a mach dhan phastur a dh' ithe.

C: Agus sheasadh 'ad a mach?

M: Oh, sheasadh 'ad math dhut amuigh, mura robh na cuileagan ro dhona. Nam biodh na cuileagan gam botraigeadh, bhiodh 'ad dh' fhaoidte, falbhadh 'ad ort.

C: An ceangaileadh tu 'ad?

M: Cha bhiodh 'ad 'gan ceangail, cha chreid mi. Chan fhaca mise 'ad a bhith 'gan ceangail. Bhiodh an crodh socaireach co dhiùbh, Carmen.

C: An robh ainmean air a' chrodh?

M: Oh, bha. Bhiodh ainm ac' orra.

C: Air a h-uile?

M: Air a h-uile mart, cha chreib mi. Bhiodh ainm ac' orra.

C: Dé seòrsa ainmean?

M: Oh, chan eil fhios bho Dhia.

C: A' bheil cuimhn' agaibh air gin dhiubh?

M: Bessidh, Beataidh, Flosaidh. Oh bha Flosaidh tric. Dé eile a chanadh 'ad?

C: An d' fhairich thu riamh an t-ainm Blàrag?

M: Blàrag, yeah. Mart a bhiodh striach na bathais. Dh' fhaoidte gum seo (?) ruadh is bhiodh rud geal 's a' bhathais aice: Blàrag. Yeah, dh' fhairich mi sin. Dé nach canadh 'ad? Rud sam bith dòigh 's gum fanadh 'ad socaireach.

C: An canadh 'ad, "dean sòcair"?

M: Dean sòcair, yeah, dean sòcair. Nam biodh 'ad a' gluasad mun cuairt. Seas sòcair, seas sòcair.

C: Dé tha siod a' ciallachadh?

M: Stand still. Seas sòcair.

C: Agus push a nunn, no a nunn ort?

M: Yeah, push a nunn, no nunn ort. Teann a nunn, teann a nunn a chanadh 'ad.

C: Agus dar a bhiodh tu 'cuir an chrodh amach an abradh tu, "gabh a mach"?

Bhincent: Mach ort, mach ort.

M: Dh' fhosgladh 'ad an ropa dhiubh agus uell, mar bu thrice dh' fhalbhadh 'ad amach iad fhéin. Cha ruigeadh 'ad leas...

B: Bha mi 'g innse dhut roimhe b' àbhaist dhaibh a bhith 'buachaireach. A d' fhairich thu sin roimhe 'buachaireach a' chrodh.

C: Cha d' fhairich mi sin. 'Buachaireach a' chrodh. Dé tha sin a' ciallachadh?

B: Uell chuireadh iad an crodh amach is dar a dhèanadh iad am feur dh' fhaoidte gum biodh pios buntàt'. Cha ' bhiodh tu airson 'ad a dhol dhan bhuntàt'. Dh'fheumadh tu suidhe is sùil a chumail orra nach tigeadh 'ad ann. 'Se 'buachaireach' a chanadh 'ad.

M: No pìos do dh' arbhar.

B: Cha robh thu airson 's gun tigeadh 'ad ann.

M: Bhiodh cudeigin a' buachaireach a' chruidh.

C: Buachaireach a' chruidh.

M: Cha bhiodh toil aca gun rachadh 'ad anns a bhuntàt'. Mhilleadh 'ad am pìos bhuntàt', no mhilleadh 'ad an t-arbhar.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Caraman NicArtair

Please login or register if you'd like to respond.