log asteach
logo

The Living Bridge » Còmhradh is Ìomhaighean

Na Céilidhean

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Bhincent 's Màiri MacFhionghain, Baile nan Gilleasach, Siorramachd Inbhirnis. Air a chlàradh 's air a tar-sgrìobhadh le Caraman NicArtair.

Bhincent: 'Se DiDòmhnaich an là céilidh a bh'ann.

Carman: Bha 'ad a' dèanadh biadh DiSathairne airson an fheadhainn a thigeadh air chéilidh?

Màiri: Beagan air chòrr DiSathairne airson an fheadhainn a thigeadh air Dòmhnaich.

B: Sin a thuirt am fear eile. Bha céic aig cuideigin. "Céic is nach e DiDòmhnaich a th' ann!"

M: Ré na seachdain is bha an céic aige.

C: Ach nam bitheadh feadhainn a' dol air chéilidh ciamar a bha fios aca gun robh cuideigin 'dol a bhith aig an taigh?

B: Oh, bhiodh cuideigin.. Uell, bha an leithid do theaghlach 'fanaid a's na taighean, bha cuideigin 'dol a bhith aig an taigh.

M: Bha cuideigin 'dol a bhith aig an taigh fad na h-ùine co dhiubh.

B: Chan eil e mar a tha e an drasd' dà dhuine ann an taigh.

C: Cha robh a h-uile duine 'falbh aig an aon àm.

M: Cha robh. Dh' fhaoidte gum falbhadh do mhàthair no gum falbhadh d' athair a dh' àite ach bhiodh roinn do theaghlach aig an taigh.

C: Agus an robh là ann airson an taigh a ghlanadh, obair an taighe a dhèanadh? DiSathairne?

M: Mar is trice DiSathairne bha thu 'sgùradh.

B: Bha thu 'snogachadh suas DiSathairne.

C: A' snogachadh suas.

M: Bha thu 'cuir a h-uile sian air d' lamhan (?) airson DiDòmhnaich. Agus dh' fhaoidte gun robh, an t-seann fheadhainn, 's e sin is cuimhnich leamas. Bhiodh 'ad a' deanadh rudan air chòrr DiSathairne airson DiDòmhnaich nan tigeadh feadhainn.

B: Oh bhiodh 'ad a' sgùradh an taigh' is a' glanadh suas.

M: Tha cuimhn' agams' 'ad a bhith 'sgùradh le gainmheach.

B: Gainmheach. Bha. Tha cuimh' agamas air a sin.

C: A' bheil cuimhn' agad air?

M/B: Tha. Tha. Agus puinnsean nan cuileag rud eile.

M: Rachadh e dhan choille a thrusadh...

B: Rachadh tu dhan choille a dh' iarraidh rud a bha coltach ri mushroom mhòr. Chuireadh tu ann an sàsair e. Is chuireadh tu beagan do dh' uiste is do shiucar no rudeigin nach robh... Thigeadh na cuileagan thuige. Mharbhadh e na cuileagan.

M: Mharbhadh e na cuileagan.

C: An dèanadh 'ad sin DiSathairne?

M: Dhèanadh 'ad uair sam bith sin.

C: Uair sam bith.

M/ B: Uair sam bith a bha na cuileagan dona.

B: Oh Dhia bhiodh na cuileagan dona. Bhiodh beòthaichean, a leithid do bheòthaichean mu chuairt.

M: 'S e sin a bu choireach.

B: Is cha robh screens cha mhòr air uinneagan.

C: Cha robh.

B: Cha robh e mar a tha an diugh. Screen door, bhiodh screen air an doras is thigeadh am piatan roimhe.

C: Thigeadh am piatan a staigh dhan taigh?

B: Oh thigeadh e staigh ro'n.... a bha mòr gu leòr thuige.

M: Ro'n screen.

B: Piatan, bha na piatain pàilt.

M: Oh bhitheadh. Oh 's e fìor nuisance a bh' annta, pests.

C: A' bheil cuimhn' agaibh orra a bhith tighinn a staigh dhan taigh?

M: Oh, cha ghabadh 'ad 'cumail air falbh bho'n dorast.

B: Cha ghabh. Bha job agad a chumail a mach.

M: Bhitheadh.

B: Dar a thigeadh là teth bhiodh 'ad airson faighinn 's an dubhail. Thigeadh 'ad, na caoraich mar is trice, thigeadh 'ad mun cuairt san dubhail, là teth bhiodh iad mun cuairt air an t-sabhail no building sam bith a bha dubhail ann. Thigeadh 'ad 'san dubhail, às an teas.

C: Agus DiDòmhnaich an là céilidh.

M/ B: Mar is trice 's ann air DiDòmhnaich a bhiodh 'ad... Cha bhiodh daoine 'dèanadh obair. Bha 'ad a' dol dhan eaglais is tighinn às an eaglais.

C: Dé dhèanadh 'ad dar a rachadh iad air chéilidh?

M: O, 'suidhe a bhruidhinn.

B: B' abhaist dhaibh a bhith 'gabhail òrain, pàirt dhiubh, uairean.

M: Mar is trice bhiodh 'ad a' bruidhinn.

C: Có air am biodh 'ad a' bruidhinn? Rud sam bith?

M: Oh. Cha dhèanadh e gu diofar. Air an t-sìde no air a chogadh. Ga bi dé tha 'dol air adhart.

B: A' deanadh feur,'cuir bhuntàta. Ciamar a bha buntàta 'tighinn air adhart?

M: An robh biastan aca?

B: Fochann a' fas.

C: Dé bha sin? Fochann?

B: Uell, a nist tha e duilich descirbeadh ann am Beurl'. When you plant oats, when they first come out of the ground. There'd be this,fochann a chanadh 'ad ris. Bha am fochann a' fas.

C: 'S e sin an coirce?

B: An coirce. Chuireadh tu an coirce. Dar a thigeadh e mach ro'n talamh 'se fochann a chanadh 'ad ris. Sin a bha am fear eile ag ràdhainn dar a bha e 'bruidhinn mu dheidhinn a' lìte. O, cha bu thoil leis lìte idir. Dh' ith e do lìte dar a bha e òg gun robh fochann a' fas as an toll aige!

C: Am biodh iad a' bruidhinn, an t-seann fheadhainn... dar a rachadh iad air chéilidh am biodh 'ad a' bruidhinn air politeacs is gnothuichean mar sin?

M: Oh, tha fhios gum bitheadh.

C: Nan robh election a' dol air adhart?

B: Nan robh election ann tric gum bitheadh ach mura biodh election ann...

M: Cha bhiodh 'ad a' bodraigeadh ris cho mòr. Bhitheadh iad...

B: 'Bruidhinn air an t-sìde no ga brì dé bha 'ad a' dèanadh, gearradh feur no 'cuir buntàt'.

M: An robh 'ad a' gearradh fiodh no sian sam bith mar sin, sàbhadh, blogan shingles. Bhiodh 'ad a' bruidhinn air a' siod.

B: Cha robh a leithid do rud ann ri ashphalt shingles. A h-uile sian, na shingles, 'se fiodh a bh' ann. Bha 'ad ga' sàbhadh, a' gearradh na blogan, 'ga rusgadh.

M: Agus an uair sin, bhiodh 'ad ma bha duine sam bith ann a bha feumach air cuideachadh a thoirt dha. Bhiodh iad...

B: Cha bhiodh 'ad 'dèanadh sin air DiDòmhnaich!

M: Cha bhitheadh, cha bhitheadh ach bhiodh 'ad a' bruidhinn air gun rachadh 'ad a choimhead air ..., “Cuidichidh sinn an duine seo.”

C: Dh' fhaoidte gum bruidhinneadh 'ad air a' sin.

M: Bhruidhneadh 'ad air a' sin.

C: Dar a rachadh 'ad air chéilidh.

B: Dar a bha duine tinn no rudeigin céarr air dhèanadh 'ad frolig is thigeadh 'ad airson làmh a thoirt dha.

M: Even 's a' gheamhradh dheanadh 'ad frolig chonnadh is ghearradh 'ad an connadh is thairneadh 'ad dhachaidh e bidh feadhainn 'ga ghearradh is bidh teamanan 'ga tharraing dhachaidh dhaibh. Nach bitheadh, Bhincent?

B: Bhitheadh.

C: Bha 'ad math dha chéile.

M: Oh bha 'ad math dha chéile. Bha.

B: Co dhiubh ma bha duine ann a bha tinn no duine a chaochail is dh' fhàg e teaghlach òg.

M: Bha 'ad math gus an céile a chuideachadh. Agus bha siod gu math riatanach dhaibh, ya know. Bidh math dha d' choimhearsnaich.

B: "Tha a' fear seo feumach air cuideachadh, 'chanadh 'ad. Thig sinn ann là agus chuireadh 'ad là amach dar a thigeadh 'ad ann.

M: Gu h-àraid ma bha boireannach air a fàgail is clann aice. Uell, dh' fheumadh 'ad a bhith math dhan bhean aig an duine seo.

C: Chan eil fhios a'm ciamar a fhuair iad air adhart.

M: Uell, bhiodh 'ad math dhan bhean aig an duine seo. Dh' fheumadh tu a bhith math dhan bhean aig an duine seo, dhan teaghlach.
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Caraman NicArtair

Please login or register if you'd like to respond.