An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (4/4/18)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-aithris le Màiri MacFhionghain, Baile nan Gilleasach, Siorramachd Inbhirnis. Air a chlàradh 's air a tar-sgrìobhadh le Caraman NicArtair.
Caraman: Bha sibh ag obair cruaidh dar a bha sibh òg.
Màiri: Uell, bhiodh tu 'toirt a staigh connadh, is bhiodh tu 'toirt a staigh an uiste, 'toirt a staigh na kindlings, 'glanadh similear na lampaichean. Bha obair aig a h-uile duine 'ga dheanadh. Agus a' lionadh na lampaichean dhe' n òla agus glanadh globe a' lainntear los 's gum biodh i deiseal aca airson a dhol dhan t-sabhal.
C: An doireadh 'ad sin a mach dhan t-sabhal?
M: Bheireadh 'ad a' lainntear dhan t-sabhal airson sòlas a bhith aca gu h-àraid ma bha 'ad anmoch, ma bhiodh 'ad ag obair is 'ad anmoch a' dol a dheanadh obair an t- sabhail. Uell, dh' fheumadh 'ad feur a thoirt dha na beòthaichean. Nam biodh 'ad anmoch. Ma bha 'ad ag obair air connadh is bha 'ad anmoch a' tighinn dhachaidh ás a' choille. Agus bhiodh 'ad a' bruich buntata is feòil no ga bé dé bhiodh aca, no iasg. Gheobhadh 'ad an t-iasg 's an abhainn.
C: Bidh sinne 'cuir na maragan s' a' freezer. Ciamar a chumadh 'ad na maragan bho choinn fhada?
M: Uell, bhiodh 'ad 'gan cuir 'san t-seilear ann an àite fuar. Bhiodh an seilear gu math fuar. Chumadh 'ad na h-ùbhlan ann is buntàta 's an t-seilear. Cha robh teas a's na seilearan an uair sin có dhiubh. 'S e stòbh a bhiodh aca 's a' chidsin no stòbh… uell, chanadh 'ad 'an ceann shios'. Sin a' seòmbar, seòmbar suidh' a chanas 'ad an diugh ach chanadh 'ad 's a' cheann shios.
C: Carson a chanadh 'ad sin? An ceann shios?
M: Uell, cha seansa, cha robh 'ad, cha bhiodh 'ad a' cuir uidhir sin do dh' fheum air. Dar a thigeadh duine a bha car spaideal, an e? Spraidh.
C: Bha an ceann shios car spraidh?
M: Oh bha. Cha bhiodh tu a' dol a shuidhe a' sin ro thric, gus an tigeadh feadhainn air chéilidh. Ach na coimhearsnaich, 's ann 's a' chidsin a bhiodh 'ad dar a thigeadh 'ad. Nan tigeadh duine, gu h-àraid a's t-samhradh air chéilidh ort bheireadh 'ad dhan cheann shios 'ad a bhruidhinn riu'.
C: Có shuideadh 's a' cheann shìos? Feadhainn nach tigeadh ro thric?
M: Ro thric. Yeah. Feadhainn nach tigeadh ro thric.
M: 'S ann 's a' chidsin gu h-àraid na coimhearsnaich a bha mun cuairt, dar a thig 'ad, 's ann 's a' chidsin a bhiodh 'ad 'nan suidhe, air a' bheintse mar siod, no air seathraichean mu chuairt air a' chidsin. Agus chan eil fhios a'm ciamar a bha ùine aca air a h-uile sian a dheanadh, Carmen. An nigheadaireachd fhéin, a' deanadh an uiste teth air a' stòbh agus an uair sin 'ga chuir 'san tùba, bòrd sgùraidh aca.
C: Cha robh e cho furasda 'sa tha e an diugh.
M: Uell, cha robh. Bheil fhios agad dé? Nam biodh na boireannaich bhochd 'ad beò an diugh bhiodh 'ad beartach.
C: Bhiodh 'ad ag obair cho cruaidh 's gum biodh 'ad beartach?
M: Bhitheadh. Cho cruaidh s' a bha 'ad ag obair. Chan e sin ach a' nigheadaireachd 's a sgùradh. Mar a bu thrice 's e bùird a bhiodh air an ùrlar. Dh' fheumadh 'ad a bhith 'ga sgùradh le gainmheach airson a chumail geal, a chumail glan.
C: Carson a dheanadh 'ad sin?
M: Dheanadh a' ghainmheach glan an t-urlar spruis. Ùrlar spruis a bu thrice, dh' fhaoidte ann an àite gum biodh ùrlar cruaidh ann. Ach mar is trice 's e ùrlar spruis. Chan eil cuimh' agamas dé, start air air cuir oilcloth sios air na h-ùrlaran. Bhiodh 'ad ag obair air, ciamar a chanas tu braideadh mats? Bhiodh 'ad ag obair air a' sin is bhiodh sin aca mun cuairt air a' cheann shìos. Sin a bhiodh air an ùrlar 's a' cheann shios. Bhiodh mats aca air an ùrlar. Agus uair bhiodh fear 's a' chidsin, gu h-àraid ma bha rocking chair 's a' chidsin, bhiodh fear fo'n rocking chair, fear dhe na mataichean air am braideadh. Chan eil fhios a'm ciamar a chanas tu braideadh. Uell, h-fheumaidh mi toirt air Bhincent coimhead 's a' leabhar.
C: An d' rinn sibh fhéin riamh mat mar sin?
M: Bhithinn 'gan cuideachadh 'ga dheanadh. Bhiodh trì seòrsaichean do dh' aodach agad. Bha thu 'ga a…mar a bhiodh tu braidheadh falt. Agus an uair sin start 'ad air a bhith ga hookeadh, hooked mats. Bhiodh pàtaran, gheobhadh 'ad canbhas, bhiodh pàtaran air is bhiodh 'ad a' cuir diofar dathan. An uair sin bhiodh 'ad a' dath an t-snàth, dar a bha 'ad a' dol a dheanadh fear dhe na mataichean sin.
C: Bhiodh 'ad a' dath an t-snàth?
M: Bhiodh 'ad a' dath an t-snàth, a' cuir gu dé dath a bhiodh bhuapa air.
C: Am faigheadh 'ad dath aig a' stòr?
M: Gheobhadh 'ad aig an stòr e. Gheobhadh tu dath. Bha 'ad 'ga dheanadh. Bhiodh 'ad 'ga chuir ann am poit agus an uair sin 'cuir an skein, cuir an t-snàth ann, ceirslean snàth ann. Agus bheireadh 'ad às e is chuireadh 'ad uiste fuar air. Phàisgeadh 'ad e agus an uair bha 'ad 'ga tiormachadh. Dar a bhiodh e tioram dheanadh 'ad bàl dhe is bha 'ad 'ga usaideachadh. Bhiodh Magaidh a' seo a' deanadh uamhas mataichean.
C: Am boireannach a bha 'fanaid a' seo? Bhiodh i 'deanadh mataichean?
M: Hooked rugs, is bhiodh i 'deanadh an fheadhainn air am braidheadh cuideachd ach bhiodh i 'deanadh hooked mats cuideachd. Uamhas dhiubh, dar a start 'ad, 's e an fheadhainn a bhiodh air am braideadh a bhiodh 'ad a' deanadh an toiseach. An uair sin start 'ad air na hooked mats, chan eil fhios a'm cò fhuair am pàtaran, ciamar a thàinig e. Bhiodh e coltach ri canabhas, burlap, is bhiodh pàtaran air.
C: Ciamar a bha ùine aca gus a h-uile sian seo a dhenadh?
M: Shin a thuirt mi riut. As deòghaidh dhan chlann a dhol a chadal 's an oidhche 's ann an uair sin a bhiodh 'ad ag obair air uamhas dhe na rudan sin. Bhiodh 'ad a' fuaigheal aodach dhan chlann.
C: Chan urrainn nach robh na boireannaich ag obair gun sguir.
M: Chan urrainn nach biodh 'ad gu math sgìth a' dol a chadal, pàirt dhiubh. An obair a bhiodh aca, gu h-àraid ma bha teaghlach mòr ann.
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Caraman NicArtair
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.