An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (4/26/18)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-aithris le Eòs mac Dhòmhnuill Lachainn Alasdair Lachainn a rugadh ann an Inbhir Nis, á Bun na h-Aibhne Deas, Siorramachd Antaiginis. Air a clàradh le 's air a tar-sgrìobhadh le Màiri Britton.
Bha naidheachd a bha Dùghall, bràthair mo mhàthar, ag innse dhomh… Fear a bha ’fuireach ann an Gleann . . . àite teann air Inbhir Nis. Agus bha e san eaglais là bha sin agus bha e aig an dàrna Aifhreann. Agus nuair a bha e a’ dol a-mach, dhìochuimhnich e 'n currac aige – chaidh e a-mach is bha e a’ dol a chur a’ churraic air a cheann is cha robh currac aige. Is chaidh e a-staigh agus bha e a’ coiseachd sìos is suas an aisles a’ foighneachd ris a h-uile duine,
‘A faca duine an currac ùr agamas? Chan eil e ach còig bliadhna!’
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Màiri Britton