log asteach
logo

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Ceòl is Dannsa

Jackie Dunn MacIsaac, Ban-Fìdhlear 1

Facal-toisich

Tha na puirt seo air a'  seinn aig Jackie Dunn. Tha i 'tòiseachadh le “Dan Hughie MacEachern’s Jig,” port a rinn Iain Morris MacRaing do bhràthair a seanar. Thog i an ath phort, “Down the River” aig Budaidh Mac a' Mhaighstir. Rinn i fhéin am port mu dheireadh ’“Jackie I Hardly Knew Ya!”

Neach-aithris: Seumas Watson

This selection of jigs from Jackie begins with “Dan Hughie MacEachern’s jig” a tune named after her granduncle, composed by John Morris Rankin. She picked up the second, a traditional tune entitled, “Down the River” from Buddy MacMaster. The piece concludes with a jig Jackie composed herself called, “Jackie I Hardly Knew Ya!”

Puirt air an gabhail le Jackie Dunn MacIaasc

Dunn to a T, 1995 - Jackie Dunn MacIsaac:

Dan Hughie MacEachern's - Port Cruinn - (John Morris Rankin) SOCAN
Down the Rive - Port Cruinn - (Traidiseanta)
Jackie, I Hardly Knew `Ya - Port Cruinn - (Jackie Dunn)

Dunn to a T, 1995 - Jackie Dunn MacIsaac:

Dan Hughie MacEachern's Jig (John Morris Rankin) SOCAN
Down the Rive Jig (Traditional)
Jackie, I Hardly Knew `Ya Jig (Jackie Dunn)

Jackie ni’n Sheumais Fraser mac Fhraing Moses ‘ic Sheumais

`S ann do Bhun na h-Aibhne Deas a bhuineas Jackie ni’n Sheumais Fraser (mac Fhraing Moses ‘ic Sheumais).  `S e ban-fhìdhleir `s pianist air leth a th' innte. Tha i `na ban-sgoilear chiùil ann am Bail' Anndra. `S e a seanair, Iain Uilleam MacEacharna, a dh’ ionnsaich leughadh is sgrìobhadh ceòl do Dhan R. Dòmhnallach. Dh'fhàs Jackie suas ann an taigh làn do cheòl.

Neach-aithris: Seumas Watson

Jackie Dunn MacIsaac was grew up in Lower South River, Antigonish County. She is a well-known fiddler and pianist. She is a music teacher at St. Andrew's Consolidated. schoolteacher. Her grandfather, the late John Willie MacEachern is credited with teaching Dan R. MacDonald to read and write music. Jackie grew up surrounded by music.

`S ann do Bhun na h-Aibhne Deas a bhuineas ...

`S ann do Bhun na h-Aibhne Deas a bhuineas Jackie ni’n Sheumais Fraser (mac Fhraing Moses ‘ic Sheumais). `S e ban-fìdhleir `s pianist air leth a th’ innte.  Tha i 'na ban-sgoilear chiùil ann am Bail' Anndra. `S e Seumas Fraser Dunn as athair dhi agus Mairead Iain Uilleim (NicEachainn) às an Rids a th’ anns a màthar - agus `se dannsair a th’ innte. `S e fidhlearan `s co-ghleusaichean a bh’ ann am bràithrean a seanar cuideachd – Dòmhnall Eoghainn `s Alasdair Eòs MacEachern agus `se fidhlear a bha ‘na seanair fhéin, Iain Uilleam MacEachern, a’ fear a dh’ ionnsaich do Dan R. Dòmhnallach a leughadh `s a sgrìobhadh ciùil. Dh'fhàs Jackie suas ann an taigh làn do cheòl. agus chaidh a stiùireadh aig bràthair a sheanar bho a màthar. Bha cuimhne `s cluas mhath aig Mairead, mar a bh' aig Iain Uilleam, Alasdair Eòs `s Dan Hughie, agus chuir i cuideam air a bhith cluich puirt ceart mar a ghabh `ad `ad bho chionn iomadh bliadhna gu traidiseanta.
Tha Jackie càirdeach do roinn dhe na luchd-ciùil ann a Ceap Breatainn air gach taobh dhen teaghlach. B’ ann à Lochabar, às an Òban, Mòrair, Eilean Sgiathanach, Cinn t-Sàile, Manachainn, na Hearadh, Drochaid Spitheann, Eige, Ìle `s Mùideart a thàinig a cuideachd.

Feel free to explore, but please login or register if you'd like to participate.