log asteach
logo

Siorramachd Inbhir Nis

Nòs a’ bhìdh

Ìosban

Facal-toisich

Tha ìosban `na bhiadh sònraichte coltach ri maraig mhóir.  Thathas a’ creidsinn nach gabh an t-ìosban faighinn an àite sam bith amach air crìochan Siorramachd Inbhir Nis.  Tha e buailteach gur ann le Gàidheil à Tìr Mór na h-Alba a thàinig e anall mar nòs bidhe.  Tha `n t-ìosban air leth blasda co dhiubh gu bheil e`ga bhruich air uachdar na stòbha, air neo air a ròstadh `s an aghainn, le caoban de ghlasraich.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Ìosban is a type of sausage unique to Inverness County Gaels.  It is believed to have arrived with Highland settlers from the mainland in the Old Country.  A large batch of ìosban was prepared at butchering time in the fall and occasionally in the spring.  Cooked alone on the stove, or roasted in the oven with vegetables, you looked forward to this special feed.

L’ìosban est un type de saucisse propre aux Gaëls du comté d’Inverness. On pense qu’il s’agissait d’une tradition des colons en provenance des Highlands du continent. On préparait une grosse réserve d’ìosban à l’automne lors de la saison de la boucherie et parfois au printemps. On la cuit toute seule sur la cuisinière ou on la fait rôtir au four avec des légumes. C’était un mets spécial et réjouissant.

See video

Oighrig: Uill a Mhàiri, tha cuimhn' agamsa...Bha sinn a'bruidhinn air còcaireachd agus chuala mise facal agaibh nach cuala mi riamh thall 's an t-seann dùthaich. 'Se sin ìosban. Dh' inns' sibh dhomh mar a dheanadh sibh ìosban. An inns' sibh rithist dhomh e?

Màiri Anna: Feuchaidh mi co-dhiubh.

Oighrig: Dé an t-àm dhen bhliadhna, a bheil cuimhn' agaibh?

Màiri Anna: O, toiseach a' gheamhraidh, toiseach a' gheamhraidh agus goirid ron Nollaig a bhitheamaid a ' deanadh nan ìosban. Dar a dheanmaid a' bhuideareachd.

Oighrig: O seadh, seadh. Nisd, dé an fheòil a bha sibh a' cleachdadh?

Màiri Anna: O, an fheòil..Cha robh sinn a'cuir a' chuid a b' fheàrr dhe 'n fheòil ann idir, ach a' chuid bu tana a bhiodh à brù a' mhairt. Bha blogaichean againn as a' choille direach air son na feòil e fhéin. Agus thug m 'athair cearcaill far na bairrilean flùir agus chuir e tàirnean beag' anns a' bhlog mun cuairt, airson nach biodh an fheòil dol air an ùrlar.

Oighrig: chuir e seo air a'bhlog?

Màiri Anna: Bha sin a' dol air a’ bhlog. 'S bha sin a 'sàbhladh na feòil. Bha an uair sin poile idir anns an fheòil. Agus bha sinn a' toirt na geir' as. Agus 'se an tuagh leathann a bhitheamaid a’gabhail.

Oighrig: Carson? A-nist...

Màiri Anna: Bha i na b'fhasa. Cha robh ach cas ghoirid innt' 's bha i na bu leathann. Agus bha sinn a' pronnadh na feòil 's na geir còmhla leis an tuaigh leathunn air a' bhlog do chonnadh cruaidh. Agus bhiomaid a' deanamh sin gus a' robh feòil gu leòr againn airson an ìosban. Bha sinn an uair sin a' glanadh nan caolan – na caolain a thàinig as a'mhart. Bha dà sheòrs' ann: té na 's caoile na 'n téile, 's té mhór gheal.

Oighrig: Dé a-nisd an fheadhainn a chleachdadh sibh?

Màiri Anna: An dithist dhiubh. Bha sinn a' lionadh an dithist dhiubh.'S dar a bhiodh an fheòil phronn againn deiseil, bha sinn a'cuir roinn do shalann air, 's piobar, agus uineannan air an gearradh suas. Agus beagan do "salt peter" air a leaghadh ann an uiste (uisge) blàth. 'S bha sin airson gum biodh an fheòil dearg. Cha biodh i cho dorcha anns an ìosban.

Oighrig: 'S bha sibh a' cuir seo uile còmhla?

Màiri Anna: Bha sinn a' cuir sin ann an soitheach mar 's 'ga chuir air dòigh. Agus cho fads a bhitheamaid ag obair air a'sin, 's 'ga chuir air dòigh, bha cuideigin eile glanadh nan caolan.

Oighrig: Càit' am biodh sibhse a' glanadh nan caolan?

Màiri Anna: O, glé tric aig an allt.

Oighrig: Nach biodh e car fuar mun àm ud?

Màiri Anna: Bha e fuar. Bha e fuar. 'S bhitheamaid 'gan glanadh aig an allt, 's 'gan toirt dhachaidh. Agus cheanglamaid an darna ceann.

Oighrig: Direach le sreang na...?

Màiri Anna: O, sreang laidir. Agus bha thu an uair sin 'gan cuir suas ri d' bheul agus 'ga séideadh a-mach gus am biodh iad air an séideadh a-mach math. 'S bha thu 'gan cumail, o, dìreach cho laidir 's a b' urrainn dhut an uair sin 's cuir sreang mun cuairt orr' a-rithist - 'gan crochadh dìreach fad còig mionaidean. Bha sin 'gan tiormachadh. 'S dar a thòisicheadh tu an uair sin air an fheòil a chuir annd' (dh' fheumadh tu a bhith cinnteach gu robh an taobh a-mach dhe'n chaolan), chuireadh tu 'n fheòil ann. ' S thòisicheadh tu ... agus bha an caolan mar seo agus chuireadh tu an fheòil ann 's bha an caolan air a thionndadh a-mach - gus am biodh e dìreach làn. Agus dar a bhiodh e làn 'an uair sin bha thu 'ga cheangal suas agus 'ga chrochadh's 'ga fhagail crocht' fad sia seachdainnean.

Oighrig: Nist, cait an crochadh sibh e?

Màiri Anna: Eh, lobht a' chidsin nuair a bhidheamaid ann. Bha i blàth fad na h-ùineadh. Agus bha sinn 'gan cuir air lobht' a'chidsin. Bhiodh iad againn fad a' gheamhraidh.

Oighrig: Agus cha robh sibh ach 'gan crochadh.

Màiri Anna: Bha pole fad againn agus tàirnean ann. Agus bha sinn a' ceangal an ìosban - bha cromag air an ìosbean - 's 'ga chuir air na tàirnean. Bha flue dol suas dìreach ron a' làr do lobht a' chidsin 's bha i blàth.

Oighrig: Siod mar a bha sibh 'gan tiormachadh.

Màiri Anna: Sin mar a bha sinn 'gan tiormachadh ann.

© E. Robertson & J. Watson
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

Modh Bìdh

Caolan a’mhairt
Uinneannan air an gearradh suas
Salann
Piobar
Uighean
Blog do chonnadh cruaidh gus an fheòil ullachadh
Geir
Dath dearg
Brù a’mhairt – neo caoban tana do mhairtfheòil.

Obraich an fheòil air blog do chonnadh cruaidh. Bheir a’gheir às an fheòil, agus pronn còmhla iad, a’deanadh measgan dhiubh. Measgaich astaigh salann, piobar, uinneannan air an gearradh suas agus rud beag do ‘saltpeter’ air a leaghadh ann an uisge blàth gus fiamh dearg a thoirt. Measgaich seo ann an bòla mór. Nigh agus glan amach na caolain. Ceangail an darna ceann dhen chaolan ghlan gu daingeann le sreang làidir. Séid amach an caolan gus a shìneadh amach ‘s croch amach e fad còig mionaidean ‘s gun tiormaich e. Lìon an caolan leis a’mheasgradh gus am bi e làn, a’deanadh cinnteach gur h-ann air an taobh amuigh a bhios taobh amuigh a’chaolain mar tha thu ‘ga lìonadh. Ceangail ceann eile an ìosbain agus cuir suas e a thiormachadh fad 6 seachdainnean ann an lobhta a’chidsin, neo àite blàth air choireiginn eile.
 

Mary Ann Cameron describes the traditional method of making the sausage called ìosban.

Mary Anne Cameron décrit la méthode traditionnelle de fabrication de la saucisse appelée ìosban.

Mairi Anna ni’n Iain Shandaidh Mhóir

Rugadh Mairi Anna ni’n Iain Shandaidh Mhóir air A’ Ruidse, ann am parraiste Sheastago.  `Na màthair do dh’ochdnar, bha i fìor mhath gu còcaireachd is fuineadh.  Bhiodh e `na thoileachas mór dhi cuideachd fhaicinn a’ tighinn air chéilidh.  `S ann à Gleann Ruaidh, Lochabar a thàinig a sinnsirean gu Siorramachd Inbhir Nis.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Mary Anne Cameron was born in Alpine Ridge, Inverness County.  Her ancestors came from Glen Roy, Lochaber.  Mary Anne raised a family of eight.  She took great joy in baking, having visitors and sharing her knowledge of Gaelic customs and traditions. 

Mary Anne Cameron est née à Alpine Ridge, dans le comté d’Inverness. Ses ancêtres étaient originaires de Glen Roy, dans le Lochaber. Elle a élevé une famille de huit enfants. Elle prenait beaucoup de plaisir à faire de la pâtisserie, à accueillir des visiteurs et à faire profiter les autres de ses connaissances sur les coutumes et les traditions gaéliques.