log asteach
logo

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Stòraidhean is Naidheachdan

A' Fear a Fhuair Fidheall Ùr

Facal-toisich

Bha na Gàidheil riamh measail air ceòl na fìdhleadh, mar a chìthear a’s an naidheachd bhig, ait seo.  Mar ghné do stòraidh ris an canar ròlaist, tha `n naidheachd ag innse mu dhuine a bha treiseag aig baile air chéilidh às na mèinnean. Mar is minig a thachair, thadhail e aig taigh nàbaidh air a’ rathad `s an dol seachad.  `S ann an uair sin gu robh ac' an taoim mhór.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Seumas The Gaels have always loved fiddle music, as we’ll hear in this tall tale.  Our story concerns a fellow on a visit home from the coal mines.  As it often happened, he stopped at a neighbour’s house on the way by.  That’s where the fun began.

Les Gaëls ont toujours adoré la musique de violoneux, comme on l’apprend en écoutant cette histoire à dormir debout. L’histoire concerne un homme qui travaille dans les mines de charbon et qui rend visite à sa famille. Comme souvent, il s’arrête en chemin à la maison d’un voisin. Et c’est là que les choses deviennent amusantes.

A' Fear a Fhuair Fidheall Ùr

A' fear seo, bha e ag obair a's na mèinnean. Agus, o, fhuair e fidheall ùr. Agus a h-uile seachdain, bhiodh e 'cuir flask do ruma 's a' chlub bag.  Agus, o, bha e mu sia mìosan, tha mi 'creidsinn air falbh. Thuirt e, "Uill," os' esan, "`'s tha ùine mhór nach fhaca mi m' athair 's mo mhàthair.  'S feumaidh mi," os' esan, "a dhol dhachaigh 'gan coimhead."

Alright, thàinig e dhachaigh 's chunnaig e fear a... an duine a bha seo a' tighinn a's a' bhàta suas às a’ Phòn. 

"O," os' esan r'a’ mhàthair, "Tha mise 'dol a challadh an fhir ud a-nall.  Tha toil agam," os' esan, "e  choimhead deamar a tha cho math 's a tha an fhidheall agam."

"Alright," os' esan.. os' ise, a mhàthair.

Chall e 's thàinig e, an duine sin, dha 'n taigh.  'S thug e a-staigh e 's shuidh e air an t-seitheir.  'S thug e deagh dhram dha. 

Os' esan.  "Seo," os' esan, "an fhidheall anist." Os' esan, "Feuch anist gun doir thu deagh cheòl aiste."

Alright, theann e air seinn.  Theann am bodach a bha sin air seinn na fìdhleadh 's a bha mhàthair  'g obair air bruich arain 's bha an taigh a' fàs cho teth. 

'Thuirt e ris, "Thugainn amach fo té dha 'n na craobhan amuigh ann a' siod 's bheir sinn leinn na sèithrichean amach.  Agus, faodaidh tu playadh gu leòr a dheanamh a sin."

Bha e 'g obair air playadh`s bhiodh e 'g obair air playadh leis an fhidheall 's a' bualadh a chasan air an talamh.

"Uill," os' esan, an duine, "feumaidh mise," os' esan, "a bhith 'falbh anist." Os' esan, "Tha i `fàs car anmoch.  'S bidh `ad a' wondraigeadh càit’ an deachaidh mi."

Uill, dh'fhalbh e dhachaigh co-dhiùbh. 

`S an oidhche sin, rinn i uiste mór, o,  uist’  uamhasach.

A’ bheil fhios agaibh gu dé?

`S a' mhadainn, nuair a dh'éirich mo mhàthair, chuir i na creamaran a`s na tuill a rinn na casan aig a’ bhodach a' playadh na fìdhl'.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

A tall tale about a fiddle player.

Histoire à dormir debout sur un violoneux.

Tena n’ in Frank Mhìcheil Ruaidh

Bhuineadh Tena n’ in Frank Mhìcheil Ruaidh do theaghlach anns a robh dualchas air a ghléidheadh gu àrd-ìre.  Bha taigh Cloinn Nìll a bha seo `na àite fasanta mar thaigh-céilidh far am bitheadh muinntir an taighe gu tric ag éirigh air òrain, stòraidh is fearas-chuideachd mar bu nòs bho shean.  Mar gum bitheamaid an dùil, `s ann à Barraigh a bha cuideachd Chloinn Nìll a bha seo.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Tena MacNeil, a Barra descendant, belonged to a family in which Gaelic tradition was maintained as a matter of daily life.  The MacNeil home was a place of frequent visitors, where the songs, stories and customs of the Gael were sure to be enjoyed. 

Tena MacNeil, dont les ancêtres étaient originaires de Barra, faisait partie d’une famille dans laquelle on maintenait les traditions gaéliques dans la vie au quotidien. Le foyer des MacNeil accueillait souvent des visiteurs et on y appréciait toujours les chansons, les récits et les coutumes des Gaëls.